Sgrùdadh Litreachais
Tagh earrann gus fiosrachadh fhaighinn mun bhàrdachd
Clann-nighean an Sgadain
- An gàire mar chraiteachan salainn
- ga fhroiseadh bhom beul,
- an sàl 's am picil air an teanga,
- 's na meuran cruinne, goirid a dhèanadh giullachd,
- no a thogadh leanabh gu socair, cuimir,
- seasgair, fallain,
- gun mhearachd,
- 's na sùilean cho domhainn ri fèath.
- B' e bun-os-cionn na h-eachdraidh a dh'fhàg iad
- 'nan tràillean aig ciùrairean cutach,
- thall 's a-bhos air Galldachd 's an Sasainn.
- Bu shaillte an duais a thàrr iad
- às na mìltean bharaillean ud,
- gaoth na mara geur air an craiceann,
- is eallach a' bhochdainn 'nan ciste,
- is mara b' e an gàire
- shaoileadh tu gu robh an teud briste.
- Ach bha craiteachan uaille air an cridhe,
- ga chumail fallain,
- is bheireadh cutag an teanga
- slisinn à fanaid nan Gall –
- agus bha obair romhpa fhathast
- nuair gheibheadh iad dhachaigh,
- ged nach biodh maoin ac':
- air oidhche robach gheamhraidh,
- ma bha siud an dàn dhaibh,
- dhèanadh iad daoine.
Clann-nighean an Sgadain
Saoil a bheil ìoranas anns a' cho-dhùnadh aig a' bhàrdachd?
Tha na boireannaich bochd, tha beatha chruaidh aca aig an iasgach agus tha daoine a' coimhead sìos orra agus a' gabhail brath oirre.
Agus tha obair eile aca ri dhèanamh fhathast, tha am bàrd ag ràdh: togail chloinne.
Air a' chiad sealladh, tha seo air a chur air adhart mar rud ionmholta agus prìseil – mar urram, cha mhòr.
Ach an e sin a tha am bàrd a' ciallachadh a cheart dha rìribh? No bheil seo na eisimpleir bhuaithe air mar a bha boireannaich air an cumail air ais aig an àm ud?
Dè do bheachd-sa?

