Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ris an Urramach Iain MacAsgaill.

Seirbheis airson Didòmhnaich Cuimhneachaidh bho 2006 còmhla ris an Urr Iain MacAsgaill bhon Eaglais Shaor. Remembrance Sunday service from 2006 with Rev Iain Macaskill, Free Church

Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo, cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 40: 1-2 air fonn St David agus 's e Ailean Guine a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor a' Chaoil.

Salm 85: 9-10 air fonn Evan agus 's e Lachlainn MacDhùghaill, a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Salm 122: 6-9 air fonn Stornoway agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.

Leughadh: Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ephesianach 6: 10-20.

Rugadh an t-Urr MacAsgaill ann an Dalabrog, Uibhist a Deas agus chaidh a thogail ann an Loch nam Madadh. Mus deach Iain a-steach airson a bhith na mhinistear, bhiodh e a' cur fàilte chridheil air luchd-siubhail a' tighinn 's a' falbh aig Port-adhair Bheinn na Fadhla far an robh e ag obair aig BA airson trì bliadhna deug.

B' ann ann an 1997 a thòisich e a' searmonachadh ann an Uibhist agus chaidh Eaglais Shaor a stèidheachadh sa Cheann a Deas ann an Loch Baghasdail. Bha an coitheanal aige air leudachadh thar nam bliadhnaichean agus bha tòrr òigridh a' frithealadh nan seirbheisean. Bha Iain ann an Uibhist airson dusan bliadhna agus thairis air an ùine sin stèidhich e Urras a' Chala airson cuideachadh a thoirt do dhaoine a bha a' fulang le trioblaidean dibhe. Tha e fhathast na chathraiche air an urras ged nach eil e a' fuireach anns an sgìre an-diugh.

Bha an t-Urr MacAsgail còrr air ceithir bliadhna ann an Ros Cuithne, san eaglais eadar Alanais agus Inbhir Gòrdain, agus bha mu 250 anns a' choitheanal aige. Chaidh e an uairsin gu ruige Eaglais Shaor Shruighlea. Ann an 2022, thill Mgr MacAsgaill gu tuath far an robh e an sàs ann am prògram NP Connect, a' lorg dhòighean às ùr air an t-soisgeul a sgaoileadh sa cheann a tuath. Chaidh a phòsadh ri Eaglais Coimhearsnachd Capstone a tha stèidhichte ann an Ionad Chrìostaidheachd Capstone ann an Alanais. A bharrachd air obair mar mhinistear, tha obair chudromach eile aige agus e os cionn cùram spioradail Sgioba Ball-coise Ross County, obair a tha e air a bhith a’ dèanamh airson còig bliadhna deug.

Tha Iain pòsta aig Ann agus tha aon nighean aca, Kathryn. Tha ùidh mhòr aige ann am ball-coise, ann an ceòl 's ann an luchd-ciùil leithid Van Morrison, Bob Dylan agus Johnny Cash.

30 minutes

On radio

Next Sunday 21:00

Broadcasts

  • Sun 11 Nov 2012 21:00
  • Next Sunday 21:00