Main content

'S e Tony Kearney cèiliche na seachdain sa

Tha an craoladair Tony Kearney na chèiliche aig Cathy NicDhòmhnaill an t-seachdain sa. Tony Kearney is Cathy MacDonald's guest on Naoi gu Deich this week.

A bheil cuid de luchd-ealain a' dol à cuimhne nuair a tha iad ag obair cuide ri feadhainn eile a tha nas ainmeile? Sin aon cheist a th' aig Cathy do dhithis luchd-ealain, is còmhradh a' leantainn mu dhìleab Kate Faulkner, a bha ag obair gu dlùth còmhla ris an ealanaiche ainmeil Uilleam Morris.

Cluinnidh sinn cuideachd bhon fhear-naidheachd Ciarán Dunbar ann an Èirinn a' Tuath mu na gearraidhean ann an seirbheisean BBC Gaeilge - agus saoghal craolaidh na Gaeilge anns a' cheann a tuath fo iomagain ri linn.

Agus 's e an craoladair is an cleasaiche Barrach Tony Kearney cèiliche na seachdain. Ged a tha e an-diugh dlùth-cheangailte ri obair is saoghal nam meadhanan mar stiùiriche susbaint is luchd-amhairc aig MG Alba, 's ann air a bheatha ann an iomadach diofar dhreuchd is àite as motha tha a chòmhradh le Cathy air a' mhadainn sa - agus 's math as fhiach èisteachd ris.

28 days left to listen

57 minutes

Broadcasts

  • Wednesday 09:00
  • Wednesday 22:55