40 bliadhna de phàipear The Independent, agus a’ rannsachadh chlàran-cogaidh teaghlaich
Tha Cathy NicDhòmhnaill sa chathair le iomadh cuspair fa comhair air a' mhadainn seo. Cathy MacDonald presents on subjects from 40 years of the Independent, to family war records.
Tha 40 bliadhna ann bho nochd pàipear-naidheachd The Independent airson a’ chiad uair. Ciamar a dh’atharraich e saoghal nam pàipearan-naidheachd ann am Breatainn, agus dè an àite a th’ aig pàipearan-naidheachd an-diugh? Tha dithis luchd-naidheachd a’ toirt an cuimhneachain fhèin agus am beachdan fhèin seachad: Pàdraig MacAmhlaigh agus Murchadh MacLeòid.
Cluinnidh sinn cuideachd mu na dòighean anns am faod daoine clàran-cogaidh an teaghlaich a lorg agus a rannsachadh, leis an eachdraiche Niall Bartlett a’ toirt cunntas air na rinn a theaghlach fhèin.
Bidh Fionnlagh Lawson a’ mìneachadh dhuinn dè dìreach a th’ ann an algairim – facal a thathar a’ cleachdadh airson an dòigh sa bheil companaidhean mòra didseatach a’ moladh ghnothaichean air na meadhanan sòisealta.
Agus tha Iain Aonghas Dòmhnallach a’ toirt dhuinn a bheachd fhèin air sreath aithriseach ùr mun bhogsair Mike Tyson, TYSON, a tha ri fhaicinn air Netflix an-dràsta.
Last on
Broadcasts
- Tuesday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tuesday 22:55BBC Radio nan Gàidheal