còmhla ris an Urr Pòl Moireach bhon Eaglais Shaor
Seirbheis Ghàidhlig còmhla ris an Urr Pòl Moireach, ministear Eaglais Shaor Cheann a' Loch. Gaelic service with Rev Paul Murray, Kinloch Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 62: 6-7 air fonn St Mary's agus 's e an t-Urr Coinneach Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 60: 3-4 air fonn Coleshill agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh ann an 1986 air teip "Gaelic Psalm Singing from Lewis"
Salm 61: 1-3 air fonn Walsall agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn a chaidh a chlàradh air clàr LP "Gaelic Psalmody Recital" le Lewis Recordings ann an 1978.
Leughadh : Salm 61
Ceann-teagaisg: Salm 61: 2
'S ann à Nis ann an Eilean Leòdhais a tha Pòl agus às dèidh dha an sgoil fhàgail, chaidh e a Ghlaschu far an robh e ag ionnsachadh mu choinneamh obair ann a bhith a' stiùireadh gnìomhachas togail. Nuair a bha e deiseil, thill e air ais a Leòdhas agus bha e ag obair aig companaidh togail athar.
Airson iomadach bliadhna bha Pòl a' faireachdainn gun robhas ga ghairm chun na ministrealachd, agus anns an t-Sultain 2014 lean e an t-slighe sin le bhith a' tòiseachadh air cùrsa ann an Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Chaidh Mgr Moireach a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Cheann a' Loch ann an 2017.
Tha Pòl pòsta aig Amanda a bhuineas dhan an t-Òb sna Hearadh agus tha ceathrar a theaghlach aca. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's caomh le Pòl a bhith a' leughadh agus a' cur seachad nas urrainn dha de dh'ùine còmhla ri theaghlach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Sunday 09:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sunday 15:00BBC Radio nan Gàidheal