Eapasod 05 Beathaichean
Sgeulachdan os-nàdarra mu bheathaichean à tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Supernatural stories about animals from the BBC Radio nan Gàidheal archive.
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns a’ chòigeamh prògram den t-sreath bha na còmhraidhean mu comasan os-nàdarra bheathaichean.
Bha Flòraidh a' còmhradh ri Dòmhnall Iain MacIllinnein, Màiri Dhòmhnallach, Sìne Churrie, Donnchadh MacMhathain, Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, Pàdruig Moireasdan agus a' seinn cluinnear Màiri Nic a Ghobhainn.
On radio
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tomorrow 15:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wednesday 20:30BBC Radio nan Gàidheal