Episode details

Radio nan Gàidheal,23 Oct 2026,87 mins
Sreath ghoirid uabhais Ghàidhlig agus cuairt-fhuaime sònraichte.
Feasgar an-diughAvailable for 29 days
A' nochdadh air BBC iPlayer agus YouTube bhon latha an-diugh, tha Loch nam Madadh na shreath ghoirid uabhais Ghàidhlig a bheir clisgeadh ort, mu thuras aiseig a thèid uabhasach ceàrr. Tha Niall Iain a' cluinntinn bho Mhaureen NicLeòid, co-sgrìobhaiche na sreatha, agus bho Anndra MacAonghais, aon de na cleasaichean. Bidh cuairt shònraichte ann an Tèarmann Nàdair Nàiseanta Fharbhaidh a-màireach far an cluinnear fuaimean bhon àrainneachd, seinn nan eun, agus guthan Gàidhlig agus Albannach nad chluasan fhad's a thathar a' coiseachd. Bidh an cuairt-fhuaime an cois òraid bho Oifigear Com-pàirteachaidh Coimhearsnachd aig RSPB Alba, Shona NicIllFhialain, agus tha i ag innse barrachd mu dheidhinn do Niall Iain. Agus mar as àbhaist air Dihaoine, tha trì òrain againn a tha ceangailte ri sgeulachd na seachdain seo air Ceòl na Sgeòil. Cluichidh sinn ur taghadh aig deireadh a' phrògraim.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Out of NowhereOut of NowherePeter Bjorn and John
- 2.Rise AgainRise AgainZoe Wees
- 3.CòmhlaCòmhlaTrail West