Naidheachdan 11:00m

Boelo

Tha obair a' leantainn gus an dealan a thilleadh gu na mìltean mòra dhaoine a tha fhathast às aonais às dèidh milleadh a rinn Stoirm Boelo air an deireadh-sheachdain. Bha 29,000 dachaigh is eile fhathast gun an dealan an-diugh sa mhadainn ann an sgìrean mu thuath agus mun iar, iadsan a tha a' faighinn dealain bho lìonra na companaidh SSEN. Bha na mìltean eile às aonais cuideachd ann an sgìre Scottish Power. Tha grunn sgoiltean dùinte an diofar àitichean le buaidh na stoirme, le Àrd-Sgoil agus Bun-Sgoil Phort Rìgh air innse gum bi iad a' dùnadh aig 12:00f, tha dìth an uisge acasan.

An-dè bha aon duine air a mharbhadh ann an sgìre Dhùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh agus craobh air tuiteam. Bha cuideachd tuiltean millteach ann an grunn àitichean, gu sònraichte mun chosta an iar 's ri taobh na mara.

Both Cheit

Bhàsaich dithis fhireannach ann an tubaist-rathaid faisg air Both Cheit am meadhan na h-Alba an-dè. Thuirt na poilis gun deach fireannach aois 20 bliadhna a bha a' dràibheadh BMW ghil, agus fear aois 84 a bha a' dràibheadh Peugeot ghuirm a mharbhadh. A rèir nam poileas, thachair an tubaist air a' B708 beagan ro 12:00f an-dè, agus trì charbadan an sàs anns a' chùis.

Àrd-Dhotairean

Tha àrd-dhotairean ospadail ann an Alba gu bhith a' bhòtadh air an dèan iad stailc ri linn mì-thoileachais leis an àrdachadh pàighidh a tha ga thabhainn orra. Tha an t-aonadh ciùird aca, am BMA, ag ràdh nach eil an riaghaltas airson càil a chòrr chòmhraidh a dhèanamh riutha mun phàigheadh 's mu na cùmhnantan obrach aca. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach bi e feumail do dhuine sam bith ma bhios stailc ann. Thuirt am BMA an-diugh cuideachd gun robh àrd-dhotairean ospadail ann an Sasainn air bhòtadh airson dà là stailce a dhèanamh anns an t-Samhain. Tha sin cuideachd ri linn a' phàigheadh acasan. Thuirt Rùnaire na Slàinte, Yvette Cooper, gun robh i gu math duilich gun robh iadsan air roghnachadh an stailc a dhèanamh seach a bhith a' cumail a' dol a' còmhradh.

An EU

Thuirt am Prìomhaire gu bheil e airson "aonta practaigeach" a ruighinn leis an Aonadh Eòrpach agus àrd-choinneamh gu bhith ann eadar an Rìoghachd Aonaichte 's an EU air an ath-mhìos. Bha Andy Burnham roimhe air moladh gur dòcha gum biodh e airson aontachadh ri saorsa gluasaid leis an EU a-rithist - rud a bha ann mus do thachair Brexit. Tha leithid na Tòraidhean 's Reform air a bhith dubh an aghaidh sin. Thuirt Mgr Burnham an-diugh ge-tà, nach biodh e airson a leithid a dhèanamh gun referendum a bhith ann air a' chuspair. Thuirt e nach biodh e airson gluasad air thoiseach air beachd an t-sluaigh mu Bhrexit.