Naidheachdan 11:00m
Sochairean
Dh'innis an Seansalair, John Healey, dhan BhBC gun tèid buidseat nan sochairean a ghearradh an dèidh càineadh nach tuirt e dad mu shiostam nan sochairean atharrachadh sa bhuidseat an-dè. Thuirt Mgr Healey nach seas an stàit ris na cosgaisean a th' ann an-dràsta, agus gum bi gearraidhean ann "ann an dòigh Làbaraich" thuirt e.
An Ucràin
Thuirt oifigich san Ucràin gun deach 13 duine a mharbhadh agus na h-uimhir eile a leòn an an ionnsaigh Ruiseannach air stèisean rèile ann an Dnipro. Tha aithrisean ann cuideachd air ionnsaighean dròna Ruiseannach air Chernihiv agus Kremenchuk ann an sgìre Poltava ann am meadhan na h-Ucràin.
An Spàinn
Thòisich trì là de chaoidh nàiseanta san Spàinn an dèidh na tubaist-rèile an-dè san do chaill 68 duine am beatha. Thuirt ministear còmhdhail na Spàinne gur e mearachd choimpiutair agus Mac-an-duine a bu choireach, ach tha nàimhdean an riaghaltais a' coireachadh coirbteachd agus cion leasachaidh air an t-siostam rèile.
Poundland
Chaidh innse dhan BhBC gun do chuir ceannardan Poundland fios air luchd-rianachd an dèidh aithrisean gu bheil a' chompanaidh an cunnart a dhol fodha. Tha Poundland a' feitheamh cead bhon Àrd-Chùirt a bheireadh dhaibh deich là airson feuchainn ri aonta a ruigheachd airson a' chompanaidh a shàbhaladh.
Volkswagen
Chaill Volkswagen, a' chompanaidh chàraichean as motha san Roinn Eòrpa cha mhòr £5bn air an treas cairteal den bhliadhna. Thuirt VW gur e taraifean nan Stàitean Aonaichte, margaidh nas lugha ann an Sìona agus farpais o chompanaidhean eile nas motha a thug buaidh orra.
Inbhir Pheofharain
Tha planaichean airson campas sgoile ùir ann an Inbhir Pheofharain gan taisbeanadh gu poblach anns a' bhaile. Tha plana airson Sgoil Fheumalachdan Sònraichte an Naoimh Cliaman agus bun-sgoil ùr Inbhir Pheofharain a chur còmhla air an aon làraich connspaideach oir gu bheil dragh air feadhainn de phàrantan gun caill Sgoil an Naoimh Cliaman a h-aithne.