Naidheachdan 11:00m

Droch Shìde

Tha rabhadh buidhe 'son droch shìde air feadh Alba gu 9:00f a-nochd. Chaidh sgal gaoithe aig còrr is 76 mìle san uair a chlàradh ann an Steòrnabhagh beagan na bu thràithe air a' mhadainn. Thàinig an droch aimsir a-raoir agus an-diugh goirid an dèidh Stoirm Boelo air an deireadh-sheachdain, le mòran sgìrean fhathast gun dealan le buaidh na stoirme sin.

Bàs leis an Dibhe

Bha beagan nas lugha bàis an Alba an-uiridh le tinneas co-cheangailte ri deoch-làidir, dhan ìre as lugha bho bha am pandemic ann. Bha 1,152 bàs ann le buaidh na dibhe an-uiridh - 3% nas lugha na a' bhòn-uiridh. Ach tha sin nas motha na bh' ann de chùisean ann an 2018, a' bhliadhna air an do chuir Alba bun-phrìs air deoch-làidir.

RAF Fairford

Tha dùil ri dithis anns a' chùirt an-diugh fo chasaid fo Achd na Tèarainteachd Nàiseanta an dèidh tachartais aig RAF Fairford ann an Gloucestershire air a' mhìos a chaidh. Tha poilis an amharas gun robh an dithis ag obair às leth Iran.

Saorsa Gluasaid

Thuirt ceannard Reform UK, Nigel Farage, nach eil mandat aig a' Phrìomhaire argamaid fhosgladh às ùr mu Bhrexit, 's gu h-àraid saorsa gluasaid eadar dùthchannan. Tha dùil gum bi oifigich Bhreatannach agus Eòrpach a' deasbad càirdeas eadar na Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach mus bi àrd-choinneamh an EU ann air an 20mh là den ath-mhìos. Thuirt Andy Burnham an-dè gum faodadh referendum a bhith ann air saorsa gluasaid, ach thuirt Mgr Farage gu bheil an riaghaltas a' dol an aghaidh a' mhanifesto aca fhèin.

Israel

Thuirt oifigich ann an Israel gu bheil aig an ìre seo an àireamh as motha ann an 45 bliadhna a' bhòtadh san taghadh choitcheann. Tha am prìomhaire, Benjamin Netanyahu, ag iarraidh ùine eile ann an cumhachd, ach tha dùbhlan aige an turas seo bho Gadi Eisenkot, a bha na chomanndair anns an arm.

Buidseat

Gearraidh an Seansalair, John Healey, cìsean air na h-uimhir de stuth bìdhe a tha a' tighinn à dùthchannan eile sa bhuidseat a-màireach. Tha dùil cuideachd nach bi àrdachadh airson ùine eile ann an cìs a' chonnaidh.

Stòras Uibhist

Cha tèid coinneamh bhliadhnail Stòras Uibhist air adhart air an ath-mhìos mar a bha dùil. Dh'innis bòrd-stiùiridh eadar-amail an uachdarain choimhearsnachd gu bheil tuilleadh ùine a dhìth airson comhairle laghail air a bheil cead aig fear de na tagraichean seasamh ann an taghadh a' bhùird.