Naidheachdan 11:00m

Taghaidhean nan Stàitean Aonaichte

Dh'fhulaing an Ceann-suidhe Trump buille ann an taghaidhean meadhan-teirm nan Stàitean Aonaichte leis gun do ghabh na Deamocrataich smachd air an t-Seanadh agus air Taigh nan Riochdairean. Chaill na Poblachdaich na h-uimhir de stàitean air an robh smachd aca. Thuirt Mgr Trump gu bheil e a' gabhail ris gun tug buaidh cogadh Ioran air prìsean peatrail agus dìosail buaidh air a' bhòt.

Comhairle nan Eilean Siar

Dh'iarr ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, air Riaghaltas na h-Alba maoineachadh cothromach dha na h-Eileanan, ma 's e 's gun tèid an riaghaltas air adhart le leasachadh san roinn phoblaich. Tha plana ann, aig ìre thràth, obair na comhairle agus a' bhùird-slàinte a chur fo aon ùghdarras singilte. Thuirt an Comhairlche Steele gu bheil a' chomhairle taiceil dha sin ach gum feum an riaghaltas tuilleadh airgid a thoirt dha na h-eileanan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil am plana a th' aca ag amas air deamocrasaidh ionadail agus seirbheisean poblach a neartachadh.

Sandie Peggie

Nì an nurs Sandie Peggie tagradh an aghaidh co-dhùnadh nach do rinn an t-aonadh-ciùird aice leth-bhreith oirre airson a beachdan air gnè bith-eòlasach. Tha ise a' fàgail air Colaiste Rìoghail an Nursaidh nach do chùm iad taic rithe mar bu chòir na deasbad ri NHS Fìobha agus an Dr Beth Upton. Tha an RCN a' dol às àicheadh na casaid sin agus thuirt iad gun do ghabh tribiunal cosnaidh an taobh na bu thràithe air a mhìos seo.

Poundland

Bidh Ministear a' Ghnothachais, Kate Dearden, a' coinneachadh ri ceannardan Poundland agus ris na h-aonaidhean-ciùird an-diugh. Tha dragh ann gu bheil Poundland an cunnart a dhol fodha agus thuirt aon bhuidheann a tha a' reic ris a' chompanaidh, Highcrest Retail Brands, gun caill iad mòran mhilleanan not ma 's e 's gun tachair sin.

Grumadh

Tha tè a dh'fhulaing aig gràisgean grumaidh a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach eil adhartas ann an rannsachadh poblach mun chùis. Chaidh Holly Alex, a tha a-nis 36 bliadhna a dh'aois, a cur gu cùram nuair a bha i na deugaire agus bha dragh air luchd-obrach aig an àm gun robh i ri feise le fir Àisianach. Tha dùil ri fiosrachadh mun rannsachadh bho mhinisteirean an riaghaltais aig Holyrood feasgar.