Naidheachdan 11:00m
Oidhche Guy Fawkes
Thuirt Àrd-Rùnaire Caidreachas Poileas Alba, David Kennedy, gum feum peanas nas cruaidhe a chur air feadhainn a tha ri buaireadh air Oidhche Guy Fawkes air neo gur ann nas miosa a bhios cùisean. Chuir poilis seachdnar an greim a-raoir. Chaidh oifigeach poilis agus oifigeach ambaileans a ghoirteachadh ann an ionnsaigh le cleasan-teine ann an Glaschu agus chaidh gille 16 bliadhna de dh'aois a chur an greim fo amharas gun do chuir e teine ri carbad poilis ann am Muileann Phròbain.
Taghaidhean Aimeireaganach
Thuit luach nan companaidhean tech Àisianach an dèidh taghaidhean meadhan-teirm nan Stàitean Aonaichte. Lean sin call mòr air na margaidhean Aimeireaganach an-dè le luchd-tasgaidh a' reic earrannan ann an companaidhean tech leis gu bheil dragh orra gum bi na Deamocrataich a' cur barrachd smachd air leasachadh AI. Agus chaidh na margaidhean Eòrpach air ais beagan nuair a dh'fhosgail iad sa mhadainn an-diugh.
Russell Brand
Thuirt ceannard Poileas a' Mhet, Sir Mark Rowley, nach cuireadh e iognadh idir air nan tigeadh tuilleadh bhoireannach air adhart le gearan gun tug Russell Brand ionnsaigh orra. Chaidh Brand a dhìteadh an-dè airson èigneachadh agus ionnsaighean feiseil agus thèid binn air Diluain. Agus tha poilis fhathast a' rannsachadh chasaidean èigneachaidh eile a thog dithis bhoireannach na aghaidh.
Seasmhachd a' gheamhraidh
Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh plana seasmhachd a' gheamhraidh an-diugh agus bidh còrr 's £20m ga chur ri cumail nan rathaidhean fosgailte. Tha stòras faisg air 500,000 tunna de shalann ann airson nan rathaidean agus tha sin còrr air na chaidh a chleachdadh fad a' gheamhraidh mu dheireadh.