Naidheachdan 11:00m
Oidhche Guy Fawkes
Bidh poilis a' dol a-mach còmhla ri sgiobaidhean-smàlaidh a-nochd, oidhche Guy Fawkes, air eagal 's gum fuiling iad ionnsaigh. Seo an obair poileas as motha ann an Alba bho bha Dòmhnall Trump an seo an-uiridh. Bidh 1,700 oifigear an sàs eadar geama ball-coise Eòrpach cuideachd aig Celtic ann an Glaschu, agus coltas gum faodadh togail fianais eile a bhidh sa bhaile a-nochd.
Ìre an rèidh
Tha a h-uile coltas gun cuir Banca Shasainn ìre an rèidh suas 0.25% an-diugh, a' toirt na h-ìre bunaitich gu 4%. Tha làn-dhùil aig eòlaichean ris a' chiad àrdachadh ann an còrr is trì bliadhna, an dèidh dhan atmhorachd èirigh gu 3.5% anns an t-Sultain.
FtMG anns na Crìochan
Tha comhairlichean sna Crìochan a' bhòtadh an-diugh air am bu chòir foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh anns an sgìre. Tha pàrantan air a bhith ag iomairt air a shon fad bhliadhnaichean 's iad a' fàgail air a' chomhairle nach do lean iad mar bu chòir am pròiseas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh.
Married at First Sight UK
Dh'innis Channel 4 gun do chuir iad stad air a' phrògram telebhisein Married at First Sight UK. Thàinig an co-dhùnadh an dèidh aithris anns a' phrògram Panorama aig a' BhBC anns a' Chèitean, gun do thog dithis bhoireannach a bha sa phrògram casaidean èigneachaidh. Casaidean a tha dithis fhear anns a' chùis a' dol às àicheadh.
Aiseag Dhiùra
Tha muinntir Eilean Dhiùra a' strì airson gum faigh iad air ais an seòladh mu dheireadh den là à Ìle. Chuir Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid às dhan t-seòladh sin as t-samhradh. Ged a gheall iad fuasgladh ro thoiseach na teirm-sgoile san Lùnastal, cha do thachair sin fhathast. Bidh clann-sgoile Dhiùra, a tha a' dol dhan àrd-sgoil ann an Ìle, a' cleachdadh an aiseag.