Naidheachdan 11:00m
Dìon
Dh'innis Rùnaire an Dìon, West Streeting, gum feum bhon Ghiblean an ath-bhliadhna companaidhean à dùthchannan cèin a gheibh cùmhnantan dìon, suim anns a bheil an aon luach a chur an sàs san Rìoghachd Aonaichte. Leis na riaghailtean ùra a thig air companaidhean a gheibh còrr is £50m, luach sin a chur ri factaraidhean, cosnaidhean agus trèanadh ann am Breatainn.
BP
Rinn BP prothaid còrr is £6bn - gu math nas motha na bha dùil - air an treas cairteal den bhliadhna agus bha lùghdachadh mòr anns na fiachan a th' air a' bhuidhinn. Dh'èirich prothaidean BP leis mar a tha prìs a' chonnaidh ag àrdachadh gu mòr le buaidh a' chogaidh eadar na Stàitean Aonaichte agus Iran.
Criopto
Dh'innis a' mhargaidh chriopto as motha air an t-saoghal, Binance, gur dòcha gun deach a' mhèirle chriopto as motha riamh a dhèanamh orra. Thuirt Binance gu bheil iad a' rannsachadh iomadh ionnsaigh orra. Tha cuid de dh'eòlaichean a' coireachadh Coiria a Tuath, ged nach do dh'aidich duine sin. Tha e coltach gun tug an ionnsaigh buaidh air luach £4.7bn de stòras na buidhne.
Am Prìomhaire
Bidh am Prìomhaire os cionn coinneimh na Comhairle Eaconamaich Nàiseanta ann an Glaschu an-diugh. A' chiad uair a bhios a' choinneamh sin ann an Alba. Bidh Andy Burnham ann, còmhla ri John Swinney agus ceannardan na Cuimrigh, Èireann a Tuath agus mèaran baile Shasainn.
Anndra Mountbatten-Windsor
Thuirt Poileas Alba gu bheil iad aig ìre thràth ann an rannsachadh mu thursan Anndra Mountbatton Windsor gu Caisteal Bhaile Mhorail còmhla ris an eucoireach fheise Jeffrey Epstein agus is Ghislaine Maxwell. Thuirt fear-labhairt nam poileas nach biodh e coltach mòran an còrr a ràdh, ach gu bheil iad a' rannsachadh fiosrachaidh a fhuair iad. Tha Anndra Mountbatton Windsor air a bhith a' dol às àicheadh gun do rinn esan dad ceàrr.