Naidheachdan 11:00m

Rannsachadh Covid

Thig co-dhùnadh an-diugh bho Rannsachadh Covid na Rìoghachd Aonaichte air mar a làimhsich na roinnean cùraim am pandemic. Bidh beachd ann cuideachd air poileasaidhean riaghaltais an leithid a bhith a' gluasad euslainteach às an ospadal gu dachaighean-cùraim fhad 's a bha am bhìoras a' sgapadh. Chaochail còrr 's 3,000 duine ann an dachaighean-cùraim an Alba aig àm a' phandemic.

Cion-cosnaidh

Thurt àireamh a' chion-chosnaidh san Rìoghachd Aonaichte dhan ìre as lugha ann an còrr 's bliadhna gu 4.7% sna trì mìosan dhan Lùnastal bho 4.9% anns na trì mìosan ron sin. Agus dh'fhàs ìre tuarasdail 3.7 % san Lùnastal san ùine sin os cionn ìre na h-atmhorachd. Bha ire cion-cosnaidh na h-Alba nas lugha buileach, sìos 0.4% gu 4.3%.

Reform UK

Thuirt ceannard Reform UK ann an Alba, Malcolm Offord, nach toir call an treas àite aig Holyrood buaidh air na planaichean aca. Thuirt Mgr Offord gu bheil e tàmailteach gun do dh'fhàg Amanda Bland airson suidhe na neo-eisimeileach a' fàgail Reform le aon bhall nas lugha na th' aig na Làbaraich. Cha tuirt Ms Bland carson a rinn i sin ach thuirt Mgr Offord gum bu chòir dhi a' phàrlamaid fhàgail oir buinidh an roinn liosta do Reform.

Capital Gains

Chaidh innse dhan BhBC nach bi àrdachadh ann an cìs Capital Gains sa bhuidseat an ath-sheachdain. Thuirt an Seansalair John Healey ron seo gum bu chòir dhan riaghaltas a bhith a' taladh airgid agus a' cruthachadh prothaid. Tha fathannan ann cuideachd gum faodadh Mgr Healey sochairean dhaoine òga a ghearradh airson am brosnachadh gu obair.

An Fhraing

Thuirt prìomh mhinistear na Frainge gun do chuir curfiù a-raoir stad stad gu ire mhòr air aimhreit air na sràidean. Bha curfiù ann am pàirtean de Pharis, Lille, Lyon, Bordeaux agus Nice airson 's nach tachradh an seòrsa fòirneirt agus buairidh a bha air feadh na Frainge air an deireadh-sheachdain.

Helen Haines

Thuirt athair an duine a tha fo chasaid gun do bhuail e dh'aona-ghnothaich le càr ann am ball-pàrlamaid Astràlianach gur e caraid dhan teaghlach a tha air a bhith innte-se airson còrr is 20 bliadhna. Tha Helen Haines ìosal san ospadal agus tha aithrisean ann gun do chall i a cas. Chaidh Brendan Nugent, 43, a chur an grèim goirid an dèidh na h-ionnsaigh.