Uabhas air aiseag Loch nam Madadh

Aonghas agus Màiri
  • Air fhoillseachadh

Chan eil e buileach air a bhith na annas anns na bliadhnaichean mu dheireadh gun robh uabhas air daoine ann an Uibhist mu sheirbheisean aiseig.

'S e uabhas aiseig de sheòrsa eile - fìor uabhas - a tha aig cridhe sreath ùr air iPlayer agus YouTube a' BhBC air thoiseach air Oidhche Shamhna is a tha ag amas gu sònraichte air daoine òga eadar 18 is 24.

Stèidhichte air bàt-aiseig, tha "Loch nam Madadh" a' leantainn Aonghais, a tha a' tilleadh gu Uibhist a Tuath ga aindeoin airson tiodhlacadh a sheanar.

Tha a chuid dòchais gum faigh e a-null air an aiseag gun duine a bhith a' mothachadh dha ga thrèigsinn nuair a chì e gu bheil a sheann leannan, am fear a tha gu bhith ga pòsadh, agus a màthair rag cuideachd air bòrd.

Tha cùisean dona gu leòr aig an ìre sin - ach an uair sin lorgaidh e rudeigin oillteil anns a' chafaidh, rudeigin nach eil idir co-cheangailte ris a' chlàr-bhìdh.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 6, Fireannach na sheasamh ann an seòmar dhorcha le toirds agus rèidio-conaltraidh na làimh 's coltas an eagail air aodann,

Leis a' bhàta a' teannadh air Loch nam Madadh, tha aig Aonghas ri dèiligeadh ris na deamhain aige fhèin, agus cuideachd ris an olc dhìomhair a th' air bòrd.

'S e Loch nam Madadh, a chaidh a sgrìobhadh le Claire Aza-Selinger is Maureen NicLeòid, a' chiad sreath dràma Gàidhlig a tha ag amas gu sònraichte air daoine òga eadar 18 agus 24, 's e air a dhealbh a chùm a bhith air a choimhead air fònaichean.

Tha na sia eapasodan, uile deich mionaidean de dh'fhaid.

A' nochdadh ann tha Anndra MacAonghais mar Aonghas, Ellen NicDhòmhnaill mar Mhàiri, Alasdair Jordan mar Chailean, is Elspeth Turner mar Mhairead.

'Aoir sheòlta le blàths agus seun'

"Feumaidh sinn prògraman a dhèanamh a ghlacas aire luchd-amhairc ùra, ach cuideachd a chumas aire an luchd-amhairc a tha air a bhith a' coimhead BBC ALBA 'son bhliadhnaichean," thuirt Ellen.

"Tha tòrr dhaoine a tha ag obair anns na meadhanan Gàidhlig aig a bheil beachdan sgoinneil airson phrògraman ùra.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach an cothrom a thoirt dhaibh na prògraman a dhèanamh agus 'risk' a ghabhail."

'S math as fhiach sin a dhèanamh a thaobh Loch nam Madadh ann am beachd Deasaiche CoimiseanaidhMG ALBA.

"Seo aon de na beachdan as èibhinn agus as sònraichte a thàinig thugam a-riamh," thuirt Uilleam MacLèoid.

"Sreath air leth ghlic a tha a' measgachadh aoir sheòlta le blàths agus seun.

"Seo sreath uabhais a shluigeas tu slàn!"