Spòrs

Latest updates

  1. Taghadh Chupa ABCair fhoillseachadh aig 09:02 TSB 21 An Giblean

    Ball air spot

    Rinn sgioba an Rubha a' chùis 1-0 air na Hearadh air an Taibeart oidhche Luain, ged nach robh siud gu leòr dhaibh airson adhartas a dhèanamh ann an Cupa ABC.

    'S e tadhal bho Aonghas Dòmhnallach sa chiad leth a bhuannaich an geama dhan Rubha.

    Bha droch naidheachd ann dha na Rubhaich cuideachd ge-tà, is Luke MacLeòid a' dol dheth is air a ghoirteachadh goirid às dèidh dha tighinn far na beingidh.

    Bha an dà chuid an Rubha agus na Hearadh mar-thà air call 4-0 an aghaidh an Taobh Siar ann am Buidheann 3 de Chupa ABC is tha iad le chèile a' dol a-mach às an fharpais.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh às dèidh làimh airson nan geamaichean san iar-chuairt dheireannaich.

    Thèid am Bac an aghaidh an Taobh Siar ann an Col Uarach is bidh Aths an aghaidh Chàrlabhaigh aig Pàirc Chnoc nan Gobhar.

    Bidh an dà gheama ann oidhche Chiadain aig 6:30f.

    Ron sin tha dà gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt.

    Bidh Loch Aillse a' cluich Phort Rìgh ann an Gleann Eilg aig 7f agus Caol Àcainn a' cluich Mhalaig anns a' Ghearasdan aig 7:30f.

  2. Brùra ceum nas fhaisge air an SPFLair fhoillseachadh aig 14:34 TSB 20 An Giblean

    Pàirc BhrùraTùs an deilbh, SNS

    Tha Brora Rangers dìreach dà gheama air falbh bho àite san SPFL às dèidh dha tighinn am bàrr nach bi aca ach aon chuairt de gheamaichean play-off a chluich.

    Fo na riaghailtean a th' ann, bidh na sgiobaidhean a bhuannaicheas Lìog na Gàidhealtachd is Lìog na Galldachd a' cluich an aghaidh a chèile an toiseach, is an sgioba a nì a' chùis a' dol an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 san SPFL.

    Ged a bhuannaich Linlithgow Rose Lìog na Galldachd Disathairne, tha e air tighinn am follais bhon uairsin nach eil iad air na ceumannan uile a choileanadh gus Cead Umha fhaighinn.

    Dh'fheumadh iad Cead Umha airson a dhol suas dhan SPFL.

    Ann am brath madainn Diluain, thuirt an SFA gun robh sia rudan nach robh Linlithgow Rose air coileanadh is ged a dh'iarr an cluba ùine a bharrachd, nach biodh seo cothromach do Bhrùra is Edinburgh City.

    Tha seo a' ciallachadh nach bi aig Brùra ri cluich an aghaidh Linlithgow Rose idir is gun tèid iad dìreach gu dà gheama an aghaidh Edinburgh City, a tha aig bonn Lìog 2.

    Bidh na geamaichean seo ann air an 9mh is 16mh den Chèitean is Brùra aig an taigh sa chiad gheama.

  3. Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd air tòiseachadhair fhoillseachadh aig 09:23 TSB 20 An Giblean

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Tha Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd 2026 air tòiseachadh is grunn sgiobaidhean air adhartas a dhèanamh.

    Seo mar a chaidh na geamaichean aig sgiobaidhean nan Eilean Siar is sgiobaidhean Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd:

    Roinn nan Eilean Siar: Ro-chuairt

    Càrlabhagh 0 An Taobh Siar 3

    Athletic Steòrnabhaigh 4 Èirisgeigh 3

    Barraigh 4 Nis 0

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd: Ro-chuairt

    An Slag Buidhe 0 Malaig 3

    Graham Academicals 5 An Gearasdan 2

    Tha an taghadh airson na h-ath-chuairt an seo.

  4. Tadhail gu leòr am Bàideanachair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 20 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Calum Dòmhnallach le sùil air ais air Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh a' Ghearasdain is Lòbhat an aghaidh Inbhir Aora

    'S iad sgiobaidhean Bhàideanach a th' aig mullach na Prìomh Lìge ann an iomain nam fear is iad air 13 tadhail a chur eatorra air an deireadh-sheachdain.

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh leotha fhèin le 12 puing às na sia geamaichean aca.

    Rinn iad an gnothach 8-1 air Caol-Gleann Disathairne is a dhà de na tadhail a' tighinn bho Sheumas Coyle òg - is seo às dèidh dha còig tadhail a chur dhan dàrna sgioba oidhche Haoine ann an Cupa Shrath Èireann.

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich a-nise san dàrna àite is iadsan air a' chùis a dhèanamh 5-1 air a' Ghearasdan.

    Fìor dheagh là dha Kings is coltas aig an ìre thràth seo gur e rèis eadar fuamhairean Bhàideanach a bhios againn am-bliadhna, seach blàr eadar ceithir sgiobaidhean mar a bh' ann an-uiridh.

    Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog rinn Camanachd an Òbain an gnothach 4-1 air Loch Abar is cha robh tadhal idir ann sa gheama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.

    Eachdraidheil

    San Lìog Nàiseanta tha Gleann Urchadain fhathast aig a' mhullach is iad air tighinn am barr 2-1 an aghaidh GMA.

    Tha Lòbhat air an tòir is iadsan air buannachadh 3-2 an aghaidh Inbhir Aora.

    'S e tadhal bho Mharc MacLachainn anns na mionaidean mu dheireadh a chum na puingean ann an Cill Taraglain ann an geama anns nach robh ach glè bheag eadar na sgiobaidhean.

    Sìos an rathad 's e 3-2 a bh' ann cuideachd dhan Mhanachainn an aghaidh Chill Mhàilidh.

    Ann an iomain nam ban 's e deireadh-seachdain car eachdraidheil a bh' ann is Cupa ùr na Prìomh Lìge a' tòiseachadh le dusan cluicheadair air gach sgioba.

    Tha e coltach gun do chòrd an cruth ùr ris na Sgitheanaich is iadsan air Loch Abar a chur a-mach 2-0 ann am Port Rìgh, na tadhail a' tighinn bho Chaitlin NicIllEathain is Sarah Yoxon.

    'S e 2-0 a bh' ann cuideachd do Cheann Loch Seile an aghaidh GMA is Maura NicCoinnich is Lorna NicRath air an targaid.

    Sa Phrìomh Lìog rinn Bàideanach a' chùis air Inbhir Nis 2-0 is Hope Borthwick leis an dà thadal.

  5. Dòchas mòr aig Amy ann am power-lioftadh air fhoillseachadh aig 17:53 TSB 17 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    spors

    Cha bhi power-lioftadh aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu as t-samhradh - ged a bhios para power-lioftadh agus togail chuideaman ann.

    Ach chan eil sin a' cur dragh air Amy Craig ann an Glaschu is i beò an dòchas gum faigh i gu Championships Bhreatainn aig deireadh na bliadhn. Chaidh Javen Houston a choinneachadh rithe.

  6. Spòrscast - Marion NicCorcadailair fhoillseachadh aig 15:23 TSB 16 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Eileen NicDhòmhnaill a' còmhradh ri Marion NicCorcadail mu Gheamannan nan Eilean, agus mar a lean i le spòrs na h-obrach làitheil mar physiotherapist. Tha i cuideachd a' bruidhinn air mar a tha e a' còrdadh rithe taic a thoirt do sgioba ball-coise Chlach na Cùdainn aig an deireadh-sheachdain mar physio, am measg nan cur-seachadan spòrs eile a th' aice.

  7. Am Bac agus Athletic Steòrnabhaigh troimhe ann an Cupa ABCair fhoillseachadh aig 14:42 TSB 16 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Am Bac agus Athletic Steòrnabhaigh troimhe gu iar-chuairtean deireannach Cupa ABC às dèidh don dà sgioba buannachadh an dàrna geama aca san fharpais a-raoir. Bhuannaich Aths 6 gu 0 an aghaidh nan Lochan ach bha geama nas fhaisge aig a' Bhac an aghaidh Càrlabhaigh aig Col Uarach is cùisean a' crìochnachadh 3 gu 2.

  8. Caley Thistle air ais aig mullach Lìog 1air fhoillseachadh aig 15:02 TSB 15 An Giblean

    Alfie Stiùbhart
    Fo-thiotal an deilbh,

    Fhuair Alfie Stiùbhart a' chiad tadhal do ICT le breab-saor sgoinneil bho 25 slat

    Ghluais Caley Thistle Inbhir Nis air ais gu mullach Lìog 1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Ceann Phàdraig, 2-0, oidhche Mhàirt.

    Fhuair Alfie Stiùbhart a' chiad tadhal do ICT le breab-saor iongantach bho 25 slat.

    Thàinig an dàrna tadhal às dèidh deagh chluich bho Alfie Bavidge sìos na làimhe deise, is e cur bàlla math tarsainn aghaidh an tadhail airson Chanka Zimba a' stobadh a-steach.

    Bha grunn chothroman eile aig ICT a bhiodh air an oidhche a dhèanamh na bu chomhfhurtaile buileach, ach bha an dà thadhal gu leòr airson na trì puingean a thogail.

    Tha sin gam fàgail a-niste puing air thoiseach air Stenhousemuir aig mullach Lìog 1 le trì geamaichean aig gach sgioba ri chluich.

    Cluichidh ICT an aghaidh Kelty Hearts aig an taigh san ath gheama aca Disathairne, le Stenny a' siubhal a chluich Cove Rangers.

  9. An Taobh Siar a' buannachadh 4-0 sa chupa a-rithistair fhoillseachadh aig 13:26 TSB 14 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    B' e deagh-oidhche a bh' ann don Taobh Siar oidhche Luain is iad a' buannachadh an dàrna geama aca de Chupa ABC an aghaidh an Rubha.

    Thàinig iad am bàrr 4-0 le geama làn thadhail sònraichte ann an Garrabost.

    Leanaidh an fharpais a-rithist Diciadain le trì geamaichean eile.

    Cuiridh Athletic Steòrnabhaigh, a rinn a' chùis air Nis 4-0 an t-seachdain sa chaidh, fàilte air na Lochan.

    Bhuannaich am Bac 4-0 cuideachd sa chiad gheama acasan an aghaidh United Steòrnabhaigh - thèid iadsan an aghaidh Càrlabhagh aig Col Uarach.

    Às dèidh don Hearadh call 4-0 an aghaidh nan Siarach oidhche Haoine, bidh iad airson na ciad trì puingean aca sa chupa fhaighinn an aghaidh nan Rubhach air an Tairbeart.

  10. Cupa ABC ann an Lèodhas agus na Hearadh a' leantainnair fhoillseachadh aig 12:42 TSB 13 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Leanaidh cùisean orra a-nochd ann an Cupa ABC le trì geamaichean gan cluiche.

    Cuiridh na Lochan fàilte air Nis, tha Càrlabhagh aig an taigh an aghaidh United Steòrnabhaigh agus ann an Garrabost, cluichidh an Rubha an aghaidh an Taobh Siar.

    Thòisich cùisean san fharpais oidhche Haoine agus am measg nan geamaichean chuir na Siaraich ceithir tadhail gun fhreagairt an aghaidh na Hearadh.

    Fhuair Luke MacAoidh a' chiad tadhal anmoch sa chiad leth às dèidh bàlla fada suas na pàirce, mus do chuir Cailean MacRàth an dàrna fear mu dheich mionaidean a-steach dhan dàrna leth.

    Nochd Luke MacAoidh a-rithist am meadhan a' bhogsa gus an sgioba aige a chur 3-0 air thoiseach mus do chuir Ross Dòmhnallach am bàlla dhan lìon gu sgiobalta le deich mionaidean air fhàgail sa gheama.

  11. Brùra a' togail Lìog na Gàidhealtachd uair eileair fhoillseachadh aig 12:13 TSB 13 An Giblean

    Thog Brora Rangers tiotal Lìog na Gàidhealtachd airson na dàrna bliadhna ann an sreath às dèidh feasgar iongantach Disathairne.

    A' tòiseachadh an là co-ionnann le Brechin City air puingean, cha d' fhuair Brùra ach puing an aghaidh Hunndaidh, is Shane Sutherland gam faighinn co-ionnann ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheama.

    Ach bha sin gu leòr dhaibh air a' cheann thall leis gun tug Turra droinneadh do Bhrechin, 4-1.

    B' e seo an dàrna bliadhna ann an sreath a bha Brùra agus Brechin co-ionnann aig a' mhullach a' dol a-steach dhan là mu dheireadh dhen t-seusan, le na Cataich a' tighinn am bàrr an-uiridh air sgaradh-thadhail.

    Bha coltas ann gun tachradh a leithid a-rithist am-bliadhna ach bha an tadhal aig Sutherland a' ciallachadh gun do chrìochnaich Brùra puing air thoiseach.

    Cluichidh Brùra a-nis play-off an aghaidh na sgioba a thogas Lìog na Galltachd.

    Aig an ìre seo tha sin eadar Gleann Iucha agus Bruach Chluaidh le cothrom fìor bheag aig Bonnyrigg Rose.

    Ghluais Gleann Iucha gu mullach na lìoga sin às dèidh a' chuis a' dhèanamh air Bruach Chluaidh 4-1 air an deireadh-sheachdain.

    Bidh an sgioba a thig às a' phlay-off an aghaidh Edinburgh City às dèidh dhaibh crìochnachadh aig bonn Lìog 2.

  12. "Chan e breab-peanais a bh' ann" - Kellacherair fhoillseachadh aig 11:47 TSB 13 An Giblean

    Scott Kellacher

    Bha manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis, Scott Kellacher, gu math mì-thoilichte leis a' bhreab-pheanais a fhuair Stenhousemuir agus a dh'fhàg gun do roinn iad na puingean eatorra Disathairne.

    Bha Calum MacLeòid air Caley Thistle a chur air thoiseach tràth sa gheama.

    Nochd connspaid le mu dheich mionaidean ri dhol nuair a thug an rèitire breab-peanais do Stenny, is e dhen bheachd gun deach Mìcheal Anderson a leagail sa bhogsa le Danny Devine.

    Cha do rinn Matty Aitken mearachd bhon spot is e a' faighinn Stenny co-ionnann.

    'S ann mar sin a chrìochnaich cùisean, a fàgail Stenhousemuir puing air thoiseach air Caley Thistle aig mullach Lìog a h-Aon, is iad air geama a bharrachd a chluich.

    A' bruidhinn às dèidh a' gheama, bha Kellacher feargach leis a bhreab-pheanais a fhuair Stenny.

    "Na mo bheachd-sa chan eil mi a' smaoineachadh gur e breab-peanais a bh' ann," thuirt Kellacher.

    "Tha mi air bruidhinn ri feadhainn dhe na cluicheadairean acasan is tha iadsan air faighneachd 'Dè an t-adhbhar a thug e siud seachad?'.

    "Chuir sinn tòrr a-steach dhan gheama agus rinn sinn fìor mhath.

    "Bha fios againn gun cuireadh iad uallach oirnn san dàrna leth - sgioba aig an taigh is iad tadhal air dheireadh ach dhèilig sinn riutha gu math.

    "Tha sinn a' dol suas an rathad le puing ach dh'fhaodadh trì a bhith againn agus chan e sinn a bu choireach.

    "Tha mi a' smaoineachadh gur e droch cho-dhùnadh a bh' ann."

    Cluichidh ICT an ath gheama aca oidhche Mhàirt air falbh bhon taigh an aghaidh Cheann Phàdraig.

    Ross County fhathast aig a' bhonn

    Tha Ross County aig bonn an Championship fhathast às dèidh dhaibh call 1-0 ri Queen's Park oidhche Haoine.

    Fhuair iad tomhas de dh'fhaochadh leis an sgioba as fhaisge orra, An t-Àrd-Rèidh, a' call Disathairne 4-0 ri St Johnstone.

    Tha geama a bharrachd aig an Àrd-Rèidh ri chluich ge-tà, is iad dà phuing air thoiseach aig County an-dràsta.

  13. Là math eile do Ghleann Urchadain air fhoillseachadh aig 19:14 TSB 12 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Anns an Lìog Nàiseanta chur Gleann Urchadain dà thadhal gun fhreagairt air Comann Camanachd Bhòid ann an Druim na Drochaid.

    Deagh là dhan Ghleann agus iad fhathast aig mullach na Lìge Nàiseanta, ceithir puingean air thoiseach air Lòbhat a tha anns an dàrna àite.

  14. Làmh an uachdair aig Brùra an Lìog na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 10:15 TSB 9 An Giblean

    Pàirc BhrùraTùs an deilbh, SNS

    Ghabh Brora Rangers ceum mòr a dh'ionnsaigh Lìog na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Chiadain nuair a rinn iad an gnothach air Brechin City 2-1.

    Chuir Seumas MacAnndrais Brùra air thoiseach bhon spot sa chiad leth is bha coltas dubhach air gnothaichean do Bhrechin nuair a chaidh Calvin Beattie a chur far na pàirce le beagan is 20 mionaid air fhàgail.

    A dh'aindeoin sin, bha Fir na Callaid co-ionnan às dèidh 80 mionaid le tadhal bho Mitch Taylor.

    Ach le dìreach diogan air fhàgail, chuir Connall Ewan am ball dhan lìon do Bhrùra is e air faileachadh air Brechin breab-saor a chlearadh.

    Cha ghabh am post X seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air X
    Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
    Leum thairis air X teachdaireachd le Carl A

    Cead do stuth X?

    Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

    Chan eil am BBC an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
    Deireadh X teachdaireachd le Carl A

    Chrìochnaich e 2-1 is Brùra is Brechin a-nise co-ionnan aig mullach na lìge air 74 puingean ach na Cataich air thoiseach air tadhail.

    Thèid Brùra a Hunndaidh Disathairne air an là mu dheireadh is Brechin air falbh an aghaidh Turra.

    Bidh an sgioba a bhuannaicheas an lìog a' cluich play-off an aghaidh na sgioba a thogas Lìog na Galltachd.

    Aig an ìre seo tha sin eadar Bruach Chluaidh, Bonnyrigg, is Gleann Iucha.

    Bidh an sgioba a thig às a' phlay-off an aghaidh na sgioba a bhios aig bonn Lìog 2 is a h-uile coltas ann gur e Edinburgh City a bhios ann.

  15. SPÒRSCAST: Seusan ùr a' bhuill-coise ann an Uibhist agus Barraigh gus tòiseachadh air fhoillseachadh aig 08:08 TSB 9 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire choinnich Javen Houston ri cluicheadair Saints an Iochdair, Dòmhnall MacEunraig agus Joe MacNèill a b' àbhaist a bhith na mhanaidsear aig Saints.

    Am measg a' chòmhraidh, thog na balaich air a' chothrom a th' aig Barraigh an siathamh tiotal sreath a chèile a bhuannachadh, dè cho làidir 's a bhios Saints an Iochdair am-bliadhna agus cò eile a dh'fhaodadh cupa a thogail.

    Cluinnear an Spòrscast gu lèir an seo.

  16. Taghadh Chupa MhicThàmhaisair fhoillseachadh aig 17:14 TSB 7 An Giblean

    Ceann a' Ghiùthsaich is Lòbhat sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais ann an 2025 aig Pàirc a' Bhucht.
    Fo-thiotal an deilbh,

    Rinn Ceann a' Ghiùthsaich a' chùis air Lòbhat sa chuairt dheireannaich ann an 2025

    Coinnichidh na seann nàimhdean A' Mhanachainn is Lòbhat sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh Dimàirt.

    Ged a tha A' Mhanachainn is Lòbhat san Lìog Nàiseanta am-bliadhna, tha an-còmhnaidh spàirn ann nuair a thèid iad an aghaidh a chèile.

    Bidh na Sgitheanaich aig an taigh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich, ma 's e is gum faigh iad seachad air Cill Mhàilidh an toiseach, is bidh Cabar Fèidh aig an taigh an aghaidh a' Ghearasdain.

    Sa gheama eile, cuiridh Gleann Urchadain fàilte air Bàile Ùr an t-Slèibh, a' ciallachadh gun coinnich na sgiobaidhean a tha an-dràsta aig mullach na Lìge Nàiseanta agus na Prìomh Lìge.

    Tha an taghadh gu lèir mar a leanas:

    • An t-Eilean Sgitheanach/Cill Mhàilidh - Ceann a' Ghiùthsaich

    • A' Mhanachainn - Lòbhat

    • Gleann Urchadain - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Cabar Fèidh - An Gearasdan

    Bidh na geamaichean ann Disathairne 25mh den Ghiblean.

  17. "Tha sinn dìreach ag iarraidh rudeigin a th' aig a h-uile duine eile"air fhoillseachadh aig 10:46 TSB 7 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Andreas Wolff ag aithris à Muile

    Tha iomairt a' dol ann am Muile gus talla ùr spòrs a thogail san eilean.

    Ged a thathar a' cluich spòrs ann an cuid de na tallaichean baile ann am Muile, tha iad seo ro bheag airson cuid de gheamannan.

    Tha na Muilich ag ràdh gur e an aon eilean mòr a th' ann aig nach eil goireas den t-seòrsa seo.

  18. "Leig sinn an luchd-taic sìos"air fhoillseachadh aig 08:07 TSB 6 An Giblean

    Dylan Easton a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dha tadhal a chur 'son Raith Didòmhnaich an aghaidh ICTTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gun do leig an sgioba iad fhèin agus an luchd-taic aca sìos ann an cuairt dheireannach Chupa Dùbhlain na h-Alba.

    Bha Scott Kellacher a' bruidhinn is ICT air call 4-1 an aghaidh Raith Rovers Didòmhnaich.

    Chaidh sgioba Chair Chaladain air thoiseach sa chiad leth le tadhal bho Innes Camshron is Alfie Stiùbhart aig ICT air am ball a thoirt dha.

    Bha Inbhir Nis co-ionnan goirid às dèidh sin le breab-saor fìor mhath bhon Stiùbhartach.

    'S ann a bha Raith ro làidir san dàrna leth ge-tà, an Camshronach le tadhal eile is an uairsin a dhà bho Dylan Easton.

    "Briseadh-dùil mòr," thuirt Kellacher às dèidh a' gheama.

    "Cha do chluich sinn mar as urrainn dhuinn is leig sinn an luchd-taic sìos agus sinn fhin sìos.

    "'S e mearachdan bhuainn a thug dhaibh na tadhail is chan fhaigh thu às le sin an aghaidh sgiobaidhean bhon Championship."

    Thuirt Kellacher gu bheil e a-nise a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean aige Disathairne seo tighinn nuair a chluicheas iad Stenhousemuir.

    Leum Stenny os cionn ICT gu mullach Lìog 1 Disathairne nuair a rinn iad an gnothach 3-0 air Hamaltan.

    "Geama fìor mhòr is ma tha sinn gus a dhol far a bheil sinn 'son a dhol, feumaidh sinn a bhith nas làidire," thuirt Kellacher.

    Bha fìor dhroch là aig sgioba eile na Gàidhealtachd Disathairne is Ross County a' call 4-0 aig an taigh an aghaidh Airdrieonians.

    'S e "an call as miosa ann an eachdraidh Ross County" a bh' ann a rèir a' mhanaidseir aca Stuart Kettlewell agus dh'fhàg e na Staggies aig bonn na Championship.

    Chan eil air fhàgail aca ach ceithir geamaichean lìge is iad a-nise ann an cunnart mòr a dhol sìos dà sheusan ann an sreath.

    Tha an ath gheama aca ann oidhche Haoine an aghaidh Queen's Park ann an Glaschu.

  19. Là math eile do Bhaile Ùr an t-Slèibhair fhoillseachadh aig 08:02 TSB 6 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Javen Houston le sùil air ais air Ceann a' Ghiùthsaich an aghaidh Chinn Loch Seile, An Gearasdan an aghaidh Loch Abair, is Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Camanachd an Òbain

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh a-nise sia puingean air thoiseach aig bàrr na Prìomh Liog ann an iomain nam fear is iad air an gnothach a dhèanamh air Camanachd an Òbain 2-0.

    'S e Iain Robinson a-rithist a chuir na tadhail dhan Bhaile Ùr is seachd aige-san mar-thà am-bliadhna.

    Bidh am Baile Ùr glè thoilichte gu bheil na geamaichean aca-san thuige seo uile air a dhol air adhart a dh'aindeoin na droch shìde a th' air a bhith ann, a' fàgail gu bheil cothrom air a bhith aca beàrn fhosgladh aig a' mhullach.

    Chuir an aimsir às dhan gheama eile a bha gu bhith ann sa Phrìomh Lìog Disathairne eadar Caol-Gleann is Caol Bhòid.

    Bha geamaichean gu lèor ann an Cupa MhicThàmhais ge-ta.

    Rinn Ceann a' Ghiùthsaich adhartas, ged a bha feum aca air tadhal bho Dylan Borthwick le deich mionaidean air fhàgail gus a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile 2-1.

    Bha là math eile aig a' Ghearasdan is iad troimhe 3-1 an aghaidh nan nàbaidhean aca, Loch Abar.

    Rinn iad an obair chruaidh sa chiad leth is iad 3-0 air thoiseach aig lethach slighe.

    Faochadh airson na Manachainn

    San dà gheama eile sa chupa rinn Gleann Urchadain an gnothach 5-0 san darbaidh aca-san an aghaidh Shrath Ghlais agus bha Cabar Fèidh cus ro mhath do dh'Inbhir Nis aig a' Bhucht, far an do shoirbhich iad 8-0.

    Bha aona gheama san Lìog Nàiseanta agus 's e clach-mhìle a bh' ann don Mhanachainn, a rinn a' chùis air Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 3-2.

    Creid e no nach creid, 's e seo a' chiad turas a bhuannaich a' Mhanachainn geama lìge bhon t-Sultain 2024.

    Bha iad air 21 geama lìge a chluich bhon uairsin gun buannachadh.

    Thug Stoirm Dave buaidh mhòr air iomain nam ban is dìreach aona gheama a' dol air adhart Didòmhnaich.

    Chrìochnaich an geama sin sa Phrìomh Lìog eadar Ceann Loch Seile is GMA co-ionnan 1-1.

    'S i Lorna NicRath a bha air an targaid 'son Chinn Loch Seile is Katie Drain a fhuair tadhal sgioba Ghlaschu.

  20. Kellacher: "Seo as coireach gu bheil sinn an sas ann am ball-coise"air fhoillseachadh aig 14:55 TSB 3 An Giblean

    Scott KellacherTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil seachdain fìor chudromach air thoiseach air a' chluba is gur e sin direach mar a dh'iarradh e.

    Cluichidh Inbhir Nis an aghaidh Raith Rovers ann an Glaschu Didòmhnaich sa chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlain na h-Alba.

    Bidh iad an uairsin air falbh an aghaidh Stenhousemuir air an ath dheireadh-seachdain is an dà sgioba a' farpais airson tiotal Lìog 1.

    "Seo as coireach gu bheil sinn an sas ann am ball-coise," thuirt Scott Kellacher.

    "Tha thu 'son a bhith an sàs ann an geamaichean mòra aig deireadh an t-seusain a tha a' cunntadh.

    "Tha cothrom againn cupa a bhuannachadh Didòmhnaich is an uairsin an ath-sheachdain Stenhousemuir - geama a tha cho mòr 's a ghabhas dhuinn".

    Chìthear a' chuairt dheireannach Didòmhnaich beò air BBC ALBA bho 4f.

    Aig an dearbh àm tha geama fìor chudromach aig Ross County Disathairne is iad aig an taigh an aghaidh an Àrd-Rèidh.

    Tha County an-dràsta san 9mh àite, puing air thoiseach air na Daoimeanan, is cruaidh fheum aig an dà sgioba air puingean ma tha iad 'son fuireach san Championship.

  21. Inbhir Ghòrdain a' tighinn a-steach gu Lìog na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 08:52 TSB 3 An Giblean

    Puist is lìonTùs an deilbh, Getty Images

    Thàinig dearbhadh gun tig Inbhir Ghòrdain a-steach gu Lìog na Gàidhealtachd an ath-sheusan is nach bi feum air geama play-off a chluich.

    Bhuannaich Inbhir Ghòrdain Lìog Chailleannach a' Chinn a Tuath bho chionn beagan sheachdainean is thàinig e am bàrr às dèidh sin gun robh iad air na ceumanan a tha a dhìth a choileanadh gus Cead SFA aig Ìre Entry fhaighinn.

    Tha feum air Cead Ìre Entry 'son cluich ann an Lìog na Gàidhealtachd.

    Cha robh e cinnteach aig an àm sin am biodh feum aig Inbhir Ghòrdain air geama play-off a chluich an aghaidh na sgioba aig bonn Lìog na Gàidhealtachd.

    Ann am brath, tha Lìog na Gàidhealtachd a-nise air dearbhadh nach bi feum air sin is gum bi ballrachd aig Inbhir Ghòrdain ann an 2026/27.

    Bha fios mar-thà gum biodh Brechin City a' fàgail Lìog na Gàidhealtachd aig deireadh an t-seusain seo, gu Lìog 2 air neo gu Lìog ùr na Galldachd an Ear.

    Tha e cuideachd cinnteach a-nise nach tig Elgin City sìos bho Lìog 2.

    Thuirt Lìog na Gàidhealtachd mar sin gun tig Inbhir Ghòrdain a-steach is gum bi 17 no 18 sgiobaidhean anns an fharpais.

    Bidh seo a rèir am faigh Brùra suas gu Lìog 2 anns na seachdainean ri thighinn.

    A thuilleadh air eachdraidh do dh'Inbhir Ghòrdain fhèin, bidh an naidheachd cuideachd na faochadh do Rathais.

    'S iadsan a bhiodh air cluich ann am play-off an aghaidh Inbhir Ghòrdain is cunnart ann gun tuiteadh iad a-mach à Lìog na Gàidhealtachd.

  22. Ball-coise ionadail air ais aig tuathair fhoillseachadh aig 11:50 TSB 2 An Giblean

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha ball-coise ionadail a' tilleadh aig tuath agus 's e an cuspair a tha fon phrosbaig san Spòrscast as ùire.

    Tha Javen Houston a' còmhradh ri Colin George Moireasdan is Ruairidh MacCarmaig mu ùrachadh is atharrachaidhean am measg nan sgiobaidhean an dà chuid ann an Leòdhas agus na Hearadh agus ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd.

    Gheibhear an Spòrscast gu lèir an seo.