Pearson is NicFhilip am bàrr aig Ralaidh na h-Albaair fhoillseachadh aig 13:42 TSB 21 An t-Iuchar 2025
Tùs an deilbh, RSAC MotorsportBhuannaich Paddy Rothach is Anndra Stevenson Rèis 2WD agus bha iad anns an 10mh àite thairis air na roinnean air fad
Bha cùisean gu math teann eadar na prìomh fharpaisich aig Ralaidh RSAC na h-Alba ann an Dail Beithich aig an deireadh-sheachdain.
Thàinig Garry Pearson is Hannah NicFhilip am bàrr às dèidh dhaibh trì stèidsean a ghlèidheadh anns a' Fiesta Rally 2 aca.
B' e Dàibhidh Bogie agus Ciorstaidh Riddick, à Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh a bhuannaich na trì stèidsean eile, gam fàgail dìreach 15 diogan air dheireadh air Pearson is NicFhilip.
Agus cha robh ach 28 diogan eadar na prìomh 3 chàraichean, le Mark McCulloch is Mìcheal Hendry san treas àite.
Bhuannaich Paddy Rothach às a' Chaol, agus Anndra Stevenson, à Baile nan Granndach, Rèis 2WD agus bha iad cuideachd anns an 10mh àite thairis air na roinnean air fad.





