Comadaidh, òrain mixtape agus Comann nam Pàrant
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.
Tha an caractar comadaidh ainmeil Ali G, air a chluich le Sacha Baron Cohen, a’ tilleadh ann an sreath telebhisein ùr. ’S e caractar gu math connspaideach a th’ ann an Ali G, agus tha cuid dhen bheachd nach eil e iomchaidh san latha an-diugh. Tha dithis a tha an sàs ann an saoghal na comadaidh còmhla ri Emma gus beachdachadh air a bheil comadaidh san fharsaingeachd air a dhol ro fhada, no a bheil daoine dìreach ro fhurasta an goirteachadh.
A-nochd, air-loidhne, bidh seisean ann eadar Comann nam Pàrant agus Bòrd na Gàidhlig, a’ toirt cothrom do dhaoine a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig barrachd ionnsachadh mu na cothroman agus na buannachdan a tha an lùib sin bho phroifeiseantaich san raon. Tha tuilleadh aig Innes MacCuithein bho Chomann nam Pàrant.
Agus 's e Mìcheal Hill a tha air na h-òrain as fheàrr leis a thaghadh airson mixtape.
Last on
Music Played
-
Take That
Hold Up A Light
- The Circus.
- Polydor.
- 1.
-
Dua Lipa
Levitating
- Future Nostalgia.
- Warner Records.
-
Sia
Unstoppable
- Unstoppable.
- Inertia Music.
- 1.
-
Bruno Mars
When I Was Your Man
- Unorthodox Jukebox.
- Atlantic.
- 1.
-
All Saints
Pure Shores
- (CD Single).
- London.
- 8.
-
The Script
For The First Time
- For The First Time.
- Sony.
- 1.
-
Justin Timberlake
Say Something (feat. Chris Stapleton)
- (CD Single).
- RCA.
Broadcast
- Yesterday 12:00BBC Radio nan Gàidheal