Naoinear troimhe am Farpaisean a' Bhuinn Òir

Laura Robasdan
  • Air fhoillseachadh

Chaidh naoinear sheinneadairean troimhe gu Farpais Dheireannach Bonn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu - ceathrar bhoireannach agus còignear fhear.

Chaidh comharran dà fharpais - Seinn Aon-Neach (S100/S101) agus an t-Òran Mòr (S102/S103) a chur còmhla airson feadhainn a chur air adhart dhan fharpais dheireannaich.

Ann am farpais nam ban bha na comharran mar a leanas:

  • 373 Laura Robertson às a' Ghearasdan

  • 371 Isabelle Bain à Griais

  • 369 Isla Duke às an Eaglais Bhric

  • 368 Julie-Anne NicPhàidein às an Òban

Cha deach Amanda Millen (362) is Fiona Nic an Tòisich is Layla Orr Nic an t-Saoir (ri chèile 358) troimhe.

Gailearaidh dhealbhan 1Leum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 4, Laura Robertson, Laura Robertson

Ann am farpais nam fear, bha na comharran mar a leanas:

  • 372 Mark Mac a' Ghobhainn à Leòdhas

  • 369 Lewis Davey à Ìle

  • 367 Dan MacFhionghain à Inbhir Pheofharain

  • 365 Anndra Cuimeanach às An Leathad

  • 365 Matthew Gilmour Wright à Glaschu

Tha sin a' fàgail gu bheil iad uile troimhe dhan fharpais dheireannaich.

Gailearaidh dhealbhan 2Leum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag 1 de 5, Mark Mac a' Ghobhainn, Mark Mac a' Ghobhainn

Fo riaghailtean ùra am-bliadhna cha tèid na comharran bhon mhadainn a chur ri comharran na cuairte deireannaich a-nochd.

Thèid an fharpais dheireannach a chumail a-nochd fhathast aig 7:30f agus e ga craoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC ALBA, agus thèid fios mu cò bhuannaicheas fhoillseachadh air làrach-lìn BhBC Naidheachdan an dèidh na farpais.