Dàil air an iomairt lorg fhaighinn air bàta is dithis iasgairean a tha a dhìth

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgaich far chosta tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Thuirt Poileas Alba gun deach an iomairt airson dithis iasgairean agus am bàta aca a chaidh a dhìth far chosta Leòdhais bho chionn faisg air seachdain a chur dheth rè uine mar thoradh air droch-fhairge.
Thòisich an iomairt mhòr teasairginn Dimàirt a chaidh nuair nach do thill am bàta-iasgaich, an Kilda, gu Port Nis.
Chaidh corp Douglas Cragie, 49, a lorg tràth sa mhadainn Diciadain.
Tha an dithis eile a bh' air bòrd còmhla ris, Tormod Moireach, 40, neo Tam mar as fheàrr a dh'aithnichear e, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun sgeul orra.
'S ann ann an làrach sna h-uisgeachan eadar Port Nis agus Rubha Robhanais a chomarraich Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) as motha a leanas an iomairt airson na h-iasgairean agus an Kilda a lorg.
"Latha dorcha do Leòdhas" is aon iasgair air bàsachadh agus dithis a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Criutha bhon tubaist iasgaich an Leòdhas air an ainmeachadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
The an MAIB air casg a chur air dàibhearan san sgìre seo, ged a tha cead aig soithichean a bhith ag obair ann.
Rinneadh oidhirp Là na Sàbaid tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh, ach thuirt na h-ùghdarrasan nach b' urrainn dhaibh cumail orra air sgàth na droch-mhuir agus duilgheadasan acrachaidh.
Thuirt oifigearan nach robh e comasach an uidheamachd a tha air a stiùireadh aig astar a chleachdadh gu sàbhailte.
Thuirt na poilis gun tòisich oifigearan sònraichte a-rithist, an co-bhann le na seirbheisean èiginn eile, air sgrùdadh a dhèanamh air an sgìre shònraichte cho luath 's a bhios e sàbhailte sin a dhèanamh.

Chuir an MAIB casg air dàibhearan sna h-uisgeachan san sgìre far a bheil an cearcall
Thathar a' tuigsinn gun do sheòl am bàta à Brèibhig mu 07:30m Dimàirt is gun deach iad dha na h-uisgeachan far Phort Nis.
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney, comandair nam poileas sna h-Eileanan an Iar: "Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air an tug an tubaist seo buaidh.
"Dh'iarramaid gun tèid spèis a thoirt do phrìobhaideachd teaghlaichean an triùir fhireannach aig an àm dhùilich seo.
"Tha taic shònraichte ga toirt dha na teaghlaichean.
"Tha fios againn gun cuidich a' choimhearsnachd ann an dòigh sam bith as urrainn dhaibh, ach tha suidheachadh gu math dùbhlanach ann agus dh'iarrainn air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart."
'Call thar smuain'
Thug Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Coinneach MacLeòid, "taing don fheadhainn a th' air a bhith an sàs san iomairt theasairginn ann an sìde dhùbhlanach".
Thuirt Ceannard na Comhairle agus Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais gur e "call thar smuain dha na h-eileanan againn agus dhan ghnìomhachas againn".
Thuirt e: "Tha mo smuaintean agus m' ùrnaighean le teaghlaichean an triùir fhireannach agus tha sinn ag ùrnaigh gum faighear lorg air Tam agus Murchadh."
Thog BP nan Eilean Siar Torcuil Crichton an gnothach ann an Taigh nan Cumantan Diardaoin is e a' dèanamh moladh air obair nam maor-cladaich, an RNLI is nam poileas.
Chumadh mionaid de shàmhchair mus do thòisich na farpaisean aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail an Glaschu madainn Diardaoin is an Comunn Gàidhealach ag ràdh gun robh iad airson co-fhaireachdainn a shealltainn dhan a h-uile duine air an tug an tubaist buaidh.