MAIB gus co-dhùnadh co-dhiù nì iad rannsachadh air call bàta-iasgaich

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgaich far chosta tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Thuirt Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) gun dèan iad co-dhùnadh co-dhiù nìthear rannsachadh air mar a chaidh bàta-iasgaich fodha far Leòdhais an t-seachdain a chaidh an dèidh dhaibh ath-sgrùdadh a dhèanamh air an fhianais a chaidh a thrusadh thuige seo.
Tha dithis den triùir a bh' air bòrd an Kilda fhathast a dhìth, agus chaidh corp an treas duine, Dùghlas Craigie, fhaighinn an t-seachdain a chaidh.
Chaidh an dithis a tha a dhìth ainmeachadh mar Thormod "Tam" Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23. Tha na poilis a' dèiligeadh ris an dithis mar dhaoine a tha a dhìth.
Tha dàil air an iomairt airson lorg fhaighinn air an dithis an-dràsta ri linn droch fhairge, agus an MAIB air casg a chur air dàibhearan bho bhith a' dol an sàs.
Chaidh sgìre shònraichte a chomharrachadh mun chladach eadar Port Nis agus Rubha Robhanais.
'S ann san sgìre sin as motha a thèid coimhead airson an dithis, agus ged a chaidh dàibhearan a chasg, tha cead fhathast aig soithichean a bhith ag obair ann.

Chaidh sgìre shònraichte a chomharrachadh air am bi an iomairt gu h-àraid ag amas
Thuirt na poilis gum bi oifigearan sònraichte a' sgrùdadh san sgìre sin a-rithist cho luath 's a bhios e sàbhailte dhaibh a dhèanamh, an co-bhann leis na seirbheisean èiginn eile.
Rinn iad oidhirp Là na Sàbaid tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh san sgìre, ach cha b' urrainn dhaibhsan a bha an sàs cumail orra le cho dona 's a bha a' mhuir.
Thuirt oifigearan nach robh e comasach an uidheamachd a tha air a stiùireadh aig astar a chleachdadh gu sàbhailte.
Thathas a' tuigsinn gur ann à Brèibhig a sheòl am bàta mu 07:30m Dimàirt is gun deach iad dha na h-uisgeachan far Phort Nis.
Dàil air an iomairt lorg fhaighinn air bàta is dithis iasgairean a tha a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
"Latha dorcha do Leòdhas" is aon iasgair air bàsachadh agus dithis a dhìth
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Criutha bhon tubaist iasgaich an Leòdhas air an ainmeachadh
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Thuirt an t-Àrd-Inspeactair Ross McCartney, comanndair nam poileas sna h-Eileanan an Iar: "Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air an tug an tubaist seo buaidh.
"Dh'iarramaid gun tèid spèis a thoirt do phrìobhaideachd theaghlaichean an triùir fhireannach aig an àm dhuilich seo.
"Tha taic shònraichte ga toirt dha na teaghlaichean.
"Tha fios againn gun cuidich a' choimhearsnachd ann an dòigh sam bith as urrainn dhaibh, ach tha suidheachadh gu math dùbhlanach ann agus dh'iarrainn air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart."