Iarrtas a-staigh 'son cead seann Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair a leasachadh

Taobh a-muigh Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair le soidhne air a' gheata ag iarraidh cuideachaidh leis an iomairt airson a leasachadh gu bhith na bùth.Tùs an deilbh, CORRA
Fo-thiotal an deilbh,

Ghabh a' choimhearsnachd sealbh air an eaglais ann an 2025

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cead iarraidh seann Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair atharrachadh gu bhith na bùth ùr coimhearsnachd.

Dhùin an eaglais, a chaidh a thogail o chionn 97 bliadhna, ann an 2024.

Fhuair coimhearsnachd an eilein sealbh air an togalach an-uiridh.

Tha dùil gun cosg an obair airson an togalach a leasachadh £1.5m, agus gun tòisich obair as t-fhoghar an ath-bhliadhna.

Tha mu 190 duine a' fuireach san eilean, agus tha a' bhùth a th' ann, ann an Inbhir Àrais, air fàs ro bheag.

Taobh a-muigh na bùtha a th' ann an Inbhir Àrais an-dràsta air là grianach samhraidhTùs an deilbh, DAVE FERGUSSON/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' bhùth a th' ann an-dràsta ro bheag agus tha staidhre ann a dh'ionnsaigh an dorais

Thuirt cathraiche na buidhne a tha ga ruith, Comann Reic Coimhearsnachd Ratharsair (CORRA), Jo Mahler, gur e "àite mìorbhaileach" a th' anns a' bhùth, ach gu bheil "dà thrioblaid mhòr" na cois.

"A' chiad rud, 's e gu bheil staidhre a dh'ionnsaich an dorais, 's mar sin chan eil e cho ruigsinneach 's a bu chòir," thuirt i.

"Agus cuideachd tha a' bhùth caran beag, 's tha sinn feumach air rùm a bharrachd. Tha sinn nar n-èiginn."

Dealbh de shuidheachain fhiodha agus cùbaid am broinn Eaglais Shaor Chlèireach Ratharsair.Tùs an deilbh, DONALD MORRISON
Fo-thiotal an deilbh,

Ma thèid cead a thoirt gus an togalach a leasachadh, thèid na tha am broinn na h-eaglaise a thoirt àiste

Ma bheir Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad, dheadh taobh a-staigh na h-eaglaise a thoirt àiste, agus dheadh pìos a chur ris an togalach airson àite-cruinneachaidh a chruthachadh dhan choimhearsnachd.

Tha taic-airgid ga sireadh airson cuideachadh le cosgais a' phròiseict.

Tha àite cudromach aig an togalach ann an eachdraidh na h-Eaglaise Saoire Clèirich, a chaidh a stèidheachadh an toiseach ann an Ratharsair, an dèidh sgaradh bhon Eaglais Shaoir ann an 1893.

Chaidh an eaglais a dhùnadh ann an 2024 ge-tà, agus an coithional air fàs ro bheag.