Spòrs

Latest updates

  1. Raghnall aig an stiùir an Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 09:56 GMT 17 An Dùbhlachd 2025

    Raghnall RosTùs an deilbh, SNS

    'S e Raghnall Ros manaidsear ùr Chinn a' Ghiùthsaich.

    Chuala coinneamh bhliadhnail a' chluba gu bheil Iain 'Corky' Borthwick a' seasamh air ais às dèidh trì bliadhna aig an stiùir.

    Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 10 de na 12 prìomh dhuaisean a bh' ann fhad 's a bha Borthwick os cionn na sgioba.

    Bha briseadh-dùil ann am-bliadhna nuair a chaill iad 3-2 ris na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

    Bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog às dèidh sin ge-tà, is iad mar-thà air Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh a thogail.

    Thug an cluba taing dha Borthwick is dhearbh iad gur e Raghnall Ros a thèid na àite.

    A' bruidhinn ris a' phàipear naidheachd ionadail an Strathspey Herald, taobh a-muigh, thuirt Borthwick gun robh e bho thùs e 'son fuireach mar mhanaidsear is gun robh e "a chridhe briste" leis mar a thachair gnothaichean.

    Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gun soirbhich an sgioba fo stiùir Raghnaill Rois.

    Tha mòran a' meas Rois - a tha ag obair do Chomann na Camanachd - mar an cluicheadair iomain as fheàrr a bha riamh ann.

    Tha e air coidseadh aig diofar ìrean cuideachd thar nam bliadhnaichean is bha e ùine os cionn sgioba nàiseanta na h-Alba.

    Cuideachd aig an AGM chaidh athair Raghnaill, Iain, ainmeachadh mar cheann-cinnidh Chinn a' Ghiùthsaich is chaidh dearbhadh gur e John Gibson a bhios os cionn na dàrna sgioba.

  2. ICT a' frasadh a-steach nan tadhal an Dùn Breatannair fhoillseachadh aig 08:59 GMT 17 An Dùbhlachd 2025

    Bha oidhche air leth aig Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba is iad a' dèanamh a' ghnothaich 9-0 air Dùn Breatann.

    'S e seo a' bhuaidh as motha a bha riamh aig a' chluba, a dh'aindeoin gun robh iad air an sgioba atharrachadh 'son a' gheama.

    Rinn Dùn Breatann fhèin sreath de dh'atharrachaidhean ro-làimh is cuid bhon sgioba-òigridh am measg na thàinig a-steach.

    'S e bogadh gu math cruaidh a fhuair na balaich sin is Alfie Bavidge a' cur ICT air thoiseach às dèidh dìreach ceithir mionaidean.

    Mus tàinig lethach-slighe bha Bavidge fhèin air trì tadhail eile fhaighinn is Calum MacLeòid, Billy MacAoidh is Luis Longstaff cuideachd air an targaid.

    Cha robh Inbhir Nis buileach cho cruaidh air Mic na Creige san dàrna leth is dìreach dà thadhal eile a' tighinn bho Ross Millen is MacAoidh a-rithist.

    "Bha sinn air leth sa chiad leth gu sònraichte", thuirt MacAoidh, a tha cuideachd na leas-mhanaidsear aig ICT.

    "Sheall balaich a thàinig a-steach dhan sgioba againn gu bheil iad 'son cluich a h-uile seachdain is tha sinn air ar dòigh a bhith san ath-chuairt".

    Bidh Inbhir Nis a' tilleadh gu geama lìge Disathairne is iad gu bhith a' tadhal air Stenhousemuir.

  3. Para-lùth-chleasaiche na Bliadhna dha Fin Greumachair fhoillseachadh aig 15:13 GMT 16 An Dùbhlachd 2025

    Fin GreumachTùs an deilbh, JEFF HOLMES
    Fo-thiotal an deilbh,

    Choisinn an Greumach a cheathramh tiotal eadar-nàiseanta am-bliadhna

    Chaidh duais Para-lùth-chleasaiche na Bliadhna a bhuileachadh air an rothaiche Fin Greumach à Srath Pheofhair aig Duaisean Spòrs na h-Alba.

    Tha an duais a' tighinn aig deireadh bliadhna iongantaich dhan Ghreumach, 26, san do ghlèidh e a cheathramh tiotail Cruinne sreath a chèile ann an rèis rathaid C3 sa Bheilg.

    Tha e a-niste air ochd tiotalan eadar-nàiseanta a bhuannachadh ann an ceithir bliadhna.

    Choisinn e bonn òir agus bonn airgid an-uiridh aig na Geamannan Paralimpigeach anns an Fhraing, agus chaidh urram MBE a bhuileachadh air ann an liosta urraman an Rìgh aig àm na Bliadhna Ùire.

    An dèidh sin chaidh fàilte mhòr a thoirt dha nuair a thill e dhan Ghàidhealtachd 's a thadhail e air an t-seann sgoil aige, Acadamaidh Inbhir Pheofharain.

  4. Sole a' fuireach aig ICT gu deireadh an t-seusainair fhoillseachadh aig 10:13 GMT 16 An Dùbhlachd 2025

    Cluicheadair Caley Thistle Inbhir Nis Liam Sole Tùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gun deach an t-aonta iasaid airson Liam Sole a leudachadh gu deireadh an t-seusain.

    Thàinig Sole a dh'Inbhir Nis bho Bhaile Dhùn Lèibhe air iasad chun an Fhaoillich sa chiad dol a-mach.

    Tha e air còig tadhail fhaighinn ann an 26 geama agus e air a bhith na chluicheadair cudromach don sgioba a tha an-dràsta aig bàrr Lìog a h-Aon.

    Tha Inbhir Nis a-nis ga chumail airson grunn mhìosan eile is iad ag amas air sreap air ais dhan Championship.

    A' bruidhinn ri meadhanan a' chluba, thuirt Sole: "Tha mi cho toilichte, 's fhìor thoil leam e an seo, tha mi ann an àite math.

    "Tha mi toilichte gun d' fhuair sinn air an t-aonta a leudachadh agus 's urrainn dhomh a-niste fòcas a chumail air cùisean air a' phàirc."

  5. "Rudeigin fada, fada, fada ceàrr" an Inbhir Pheofharainair fhoillseachadh aig 09:22 GMT 15 An Dùbhlachd 2025

    Bòrd sgòir a' sealltainn Raith Rovers 6 Luchd-tadhail 0Tùs an deilbh, SNS

    Tha iad fada bho ghàirdeachas ann an Inbhir Pheofharain is ceistean mòra mun t-slighe air adhart do Ross County.

    Tha dùil ri barrachd fiosrachaidh bhon chluba às dèidh do Tony Docherty is Callum Davidson an dreuchdan fhàgail is na Staggies aig bonn an Championship is air pronnadh 6-0 fhulang an aghaidh Raith Rovers.

    'S iomadh geama Chounty a chunnaic Pàdraig MacAmhlaigh thar nam bliadhnaichean agus 's e a bha dubhach is e a' bruidhinn air BBC Radio nan Gàidheal madainn Diluain.

    "Tha rudeigin fada, fada, fada ceàrr is chan eil mi idir a' smaoineachadh gur e na cluicheadairean fhèin as coireach, co-dhiù gur iad a-mhàin as coireach.

    "Tha rudeigin ceàrr aig ìre nas àirde na sin. Cuid de na cluicheadairean, tha mi a' smaoineachadh nach eil iad ag iarraidh a bhith ann.

    "Cò thig a-steach....tha ceist eile cò tha ag iarraidh na h-obrach".

  6. Gàirdeachas ann am Pàisligair fhoillseachadh aig 09:09 GMT 15 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Alasdair MacIllinnein ag aithris air BBC Radio nan Gàidheal bho Hampden is St Mirren air Cupa na Lìge a thogail

    Bha pàrtaidh mòr ann am Pàislig oidhche Dhòmhnaich is luchd-taic a' cruinneachadh ann am meadhan a' bhaile gus gàirdeachas a dhèanamh.

    Rinn na Buddies an gnothach 3-1 air Celtic aig Hampden nas tràithe air an là 'son Cupa na Lìge a bhuannachadh airson dìreach an dàrna turas nan eachdraidh.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ailig O'Henley gu bheil Stephen Robinson a-nise suas còmhla ri feadhainn mar Ailig Mac a' Ghobhainn is Ailig Fearghasdan am measg nam manaidsearan a b' fheàrr a bha riamh aig St Mirren.

    "Tha beàrn cho mòr a thaobh ionmhais ann am ball-coise na h-Alba is mar sin 'son cluba beaga mar St Mirren 'son cupa fhaighinn, agus mar a rinn sinn e, tha mi dìreach cho toilichte airson nam balach", thuirt Robinson.

  7. Docherty air falbh bho Ross County an dèidh droinneadh eileair fhoillseachadh aig 14:27 GMT 14 An Dùbhlachd 2025

    Tony Docherty san uisge DisathairneTùs an deilbh, SNS

    Tha Ross County air cuidhteas fhaighinn den mhanaidsear Tony Docherty leis an dà thaobh air tighinn gu aonta an dèidh mar chaill iad 6-0 ri Raith Rovers san Championship Disathairne.

    Tha sgioba Inbhir Pheofharain an-dràsta aig bonn an Championship, dà phuing air dheireadh air Queen's Park.

    Chan eil County ach air dà gheama anns an lìog a bhuannachadh air an t-seusan seo.

    Fhuair Docherty a leabhraichean à Dun Deagh anns a' Chèitean agus iadsan air crìochnachadh san 10mh àite sa Phrìomh Lìog.

    Dh' fhàg Don Cowie dreuchd mhanaidsear County aig toiseach an t-seusain seo agus bha John Robertson os an cionn airson aona gheama.

    Tha an leas-mhanaidsear Callum Davidson a' fàgail còmhla ri Docherty.

    Thug County taing dhan dithis agus thuirt iad gun deadh fios a sgaoileadh gu luchd-leantainn an ceann ùine.

  8. Èist a-rithist ri Spòrs na Seachdainair fhoillseachadh aig 15:09 GMT 13 An Dùbhlachd 2025

    Boyband Spòrs na Seachdain
    Fo-thiotal an deilbh,

    Iain agus an sgioba

    Tha Iain Moireasdan agus grunn Chaluman a' toirt thugaibh beachdan air ball-coise na deireadh sheachdain - gu sònraichte sùil air adhart gu cuairt dheireannach Cupa Lìog na h-Alba eadar Celtic is St Mirren.

    Cluinnear cuideachd mu fharpais mhòr darts na cruinne a th' air tòiseachadh aig an Ally Pally agus gu leòr eile.

    Èist ri Spòrs na Seachdain air BBC Sounds

  9. Taghadh Chupa MhicAmhlaighair fhoillseachadh aig 15:48 GMT 11 An Dùbhlachd 2025

    Cupa MhicAmhlaigh

    Tha seusan ùr na h-iomain pìos às fhathast ach tha fios a-nise cò bhios a' cluich cò sa chiad chuairt de Chupa MhicAmhlaigh.

    Thàinig na geamaichean às an ad mar a leanas:

    • Ceiltich an Òbain - Obar Dobhair

    • Caol Bhòid - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

    • Camanachd an Òbain - Inbhir Aora

    • Caol Gleann - Eilean Bhòid

    • Lòbhat - An t-Eilean Sgitheanach

    • Cabar Fèidh - An Gearasdan

    • Baile Ùr an t-Slèibh - Ceann Loch Seile

    • Ceann a' Ghiùthsaich - Loch Abar

    Bidh a' chiad chuairt ann air an 9mh den Chèitean agus a' chuairt dheireannach aig Pàirc Mossfield san Òban air an 22na den Lùnastal.

  10. Spòrscast: Rugbaidh na h-Albaair fhoillseachadh aig 14:43 GMT 11 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha Javen Houston agus an dà aoigh aige, Calum MacNeacail agus Jamie Kieran, air gach dheasbad co-cheangailte ri Rugbaidh na h-Alba a chur ceart air an Spòrscast às ùire.

    Am measg nan cuspairean, thog na balaich air taghadh Chupa na Cruinne 2027, Griogair Townsend, a bharrachd air Warriors Ghlaschu agus sgioba Dhùn Èideann.

    Agus rinn iad cinnteach gun robh gàire agus fealla-dhà ann cuideachd.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds.

  11. ICT troimhe air èiginnair fhoillseachadh aig 09:29 GMT 11 An Dùbhlachd 2025

    Chaidh Caley Thistle air adhart dhan cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba oidhche Chiadain, ged nach robh oidhche ro chofhurtail aca an aghaidh Tranent ann an Lodainn an Ear.

    'S ann an Haddington a chaidh an geama a chluich às dèidh nan trioblaidean le pàirc Tranent is chaidh ICT air thoiseach le tadhal bho Mitchell Robertson às dèidh 17 mionaidean.

    Bha Tranent co-ionnan tro Sam Jones às dèidh 25 mionaidean, mus do chuir Chanka Simba ICT 2-1 air thoiseach ro letheach slighe.

    'S ann mar sin a chrìochnaich e, ged a bha Tranent gu làidir den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn sa mhionaid mu dheireadh.

    Bidh Caley Thistle a-nise an aghaidh Spartans san ath-chuairt air deireadh-seachdain an 17mh den Fhaoilleach.

  12. Tranent v ICT mu dheireadh thallair fhoillseachadh aig 14:05 GMT 10 An Dùbhlachd 2025

    Air a' cheathramh oidhirp tha dùil gun tèid an geama eadar Tranent agus Caley Thistle Inbhir Nis ann an Cupa na h-Alba a chluich a-nochd.

    B' fheudar an geama san treas cuairt a chur dheth air sgàth thrioblaidean le pàirc Tranent.

    Chaidh co-dhùnadh Diluain an geama a ghluasad gu Millfield, dachaigh Haddington Athletic.

    Dh'ainmich Tranent an-diugh gu bheil àireamh bheag de thiceadan ri fhaotainn airson a' gheama leis gun deach barrachd na bha iad a' sùileachadh a thilleadh thuca.

    Bha iad air a h-uile ticead a reic ron a' chiad oidhirp air a' gheama a chluich.

    Cluichidh an sgioba a bhuannaicheas an aghaidh Spartans san ath-chuairt an ath-mhìos.

  13. County troimhe ann an Cupa Dùbhlan na h-Albaair fhoillseachadh aig 11:10 GMT 10 An Dùbhlachd 2025

    Rinn Ross County adhartas ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba oidhche Mhàirt às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Celtic B 4-0.

    Chuir dà thadhal air gach taobh de leth-ùine bho Jay Henderson agus Ross Docherty County air adhart.

    Fhuair Jamie Lindsay dà thadhal anmoch sa gheama airson gleans a chur air a sgòr dha na Staggies.

    Tha aire Chounty a-niste a' tionndadh air ais gu bhith a' feuchainn ri èirigh far bhonn an Championship, is iad gu bhith a' cluich Raith Rovers Disathairne.

    Thug Stoirm Bram buaidh air mòran gheamaichean eile ann an Cupa Dùbhlan na h-Alba ge-tà le sia air an cur dheth air sgàth na droch shìde.

    Bha cuid de luchd-leantainn feargach le cho anmoch is a chaidh cuid dhiubh an cur dheth.

    Cha deach co-dhùnadh an geama eadar Queen of the South agus Dun Phàrlain a chur dheth gu às deidh an uair a bha an geam còir tòiseachadh.

    Thèid an taghadh airson cuairt na 16 mu dheireadh dhen fharpais a chumail Diardaoin aig 1f.

  14. ICT a' dèanamh air Haddingtonair fhoillseachadh aig 16:28 GMT 8 An Dùbhlachd 2025

    Scott KellacherTùs an deilbh, SNS

    Chaidh dearbhadh gun tèid an geama eadar Caley Thistle is Tranent ann an Cupa na h-Alba a chluich ann an Haddington oidhche Chiadain.

    Tha trioblaidean le pàirc Tranent air fàgail gun deach an geama a chur dheth trì tursan gu seo.

    'S e sin as coireach gu bheil e a-nise air a ghluasad beagan mhìltean sìos an A1 gu Millfield, dachaigh Haddington Athletic.

    Tòisichidh an geama Diciadain aig 7:45f.

    Thèid an sgioba a nì a' chùis an aghaidh Spartans san ath chuairt.

    Ann an naidheachd eile Diluain chaidh Scott Kellacher aig ICT ainmeachadh mar mhanaidsear na mìos ann an Lìog 1 'son na Samhna.

    Rinn Inbhir Nis an gnothach tron mhìos air Mon Rois, Cove Rangers is Queen of the South is bha iad co-ionnan an aghaidh Alloa.

  15. Docherty fo chuideam an Inbhir Pheofharain?air fhoillseachadh aig 09:27 GMT 8 An Dùbhlachd 2025

    Tony Docherty is coltas iomagaineach air Disathairne is Ross County a' call 2-1 ri Airdrieonians.Tùs an deilbh, SNS

    Dè dìreach a tha air a dhol ceàrr ann an Inbhir Pheofharain?

    'S e sin a' cheist a tha air gu leòr is Ross County a-nise air tuiteam gu bonn an Championship às dèidh call 2-1 ri Airdrieonians air an deireadh-sheachdain.

    A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Ailig O'Henley nach eil piseach idir air tighinn air cùisean mar a bha dùil bho ghabh Tony Docherty an stiùir aig deireadh na Sultuine.

    "Tha fios gu bheil a dhreuchd-san fo bheagan de chuideam a-nise", thuirt Ailig.

    Mura buinnig iad an ath gheama chanadh tu gum biodh co-dhùnadh aig Roy MacGriogair timcheall air àm na Nollaige agus chan e Bodach na Nollaige a bhios e a' cluich idir".

    Thèid County a Chair Chaladain Disathairne airson a dhol an aghaidh Raith Rovers.

    Tha ceistean de sheòrsa air choireigin eile aig sgioba eile na Gàidhealtachd.

    Chaidh an geama ann an Cupa na h-Alba eadar Caley Thistle is Tranent a chur dheth an dàrna turas Disathairne is a' phàirc ann an Lodainn an Ear fo uisge.

    Bha dùil an geama a chluich oidhche Luain ach chaidh a chur dheth an treas turas Didòmhnaich.

    Tha fios ri brath eile tràth san t-seachdain a thaobh dè thachras a-nise.

  16. Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 19:59 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Ainm na h-Alba san taghadhTùs an deilbh, PA

    Bidh Alba ann am Buidheann C aig Cupa na Cruinne còmhla ri Brasil, Morogo is Haiti.

    Bidh geamaichean na h-Alba eadar Atlanta, Boston, Miami, New York/New Jersey agus Philadelphia is sin ri dhearbhadh fhathast.

    Gheibhear am fiosrachadh uile an seo.

  17. Taghadh Chupa na Cruinne - ciamar a tha e ag obair?air fhoillseachadh aig 12:53 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan eil fada ri feitheamh a-nis airson faighinn a-mach cò bhios aig Alba anns a' bhuidheann aca aig Cupa na Cruinne 2026.

    Thèid an taghadh airson na farpais ann an Canada, Meagsago agus na Stàitean Aonaichte a chumail ann an Washington DC aig 5f Dihaoine.

    Ron an taghadh fhèin, gabhaidh luchd-ciùil leithid Andrea Bocelli, Robbie Williams agus Nicole Scherzinger chun àrd-ùrlar, le dùil cuidechd gun toir an Ceann-suidhe Trump agus Ceann-suidhe FIFA, Gianni Infantino, òraidean seachad.

    Bidh seann chluicheadair Mhanchester United, Rio Ferdinand, a' stiùireadh an taghaidh le rionnagan spòrs Ameireaganach leithid Tom Brady, Wayne Gretzky agus Shaquille O'Neal an-sàs cuideachd.

    Aon uair is gum bi an taghadh seachad, gabhaidh The Village People "YMCA" airson cùisean a thoirt gu ceann, le dùil gum mair a' chùis air fad mu thimcheall air 90 mionaid.

    Tha Dòmhnall Angaidh Moireasdan air a bhith a' toirt sùil air mar a bhios an taghadh ag obair.

  18. Dùbhlan do sheann cheann-suidhe Chomann na Camanachd aig sgioba na Manachainnair fhoillseachadh aig 11:52 GMT 5 An Dùbhlachd 2025

    Steven MacCoinnich co-mhanaidsear ùr sgioba iomain na Manachainn

    Tha Steven MacCoinnich, a bha na cheann-suidhe air Comann na Camanachd eadar 2020 is 2023, gu bhith ag obair còmhla ri Jamie MacIllinnein os cionn sgioba iomain na Manachainn.

    Bha seusan gu math doirbh aca am-bliadhna agus iad air a dhol sìos dhan Roinn Nàiseanta.

    Thuirt MacCoinnich gun robh an sguad a th' aca gu math òg agus gun robh iad airson barrachd chluicheadairean fhaighinn.

    Thuirt e cuideachd gun robh e doirbh dhaibh tadhail fhaighinn agus gum feumadh iad freagairt a lorg dhan sin.

    'S e a' chiad gheama a bhios aig MacCoinnich is MacIllInnein aig an stiùir geama Chupa MhicShimidh eadar iad fhèin is na nàimhdean ionadail Lòbhat air an 2mh den Fhaoilleach 2026.

  19. "Tha a' bheing cho cho cudromach aig ìre phroifeiseanta..."air fhoillseachadh aig 16:13 GMT 4 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Feumaidh Alba agus Griogair Townsend obair a dhèanamh air aon rud sònraichte ro Chupa na Cruinne 2027 a-rèir Aaron Ingram

    Chaidh Sgioba Rugbaidh na h-Alba a thaghadh an aghaidh Èirinn, Uruguay, agus a' Phortagail ann am Buidheann D aig Cupa na Cruinne 2027.

    Chluich Alba ceithir geamaichean air a'mhìos a chaidh aig Pàirce Murrayfield - geamaichean a dh'fhàg mì-chìnnt am measg an luchd-taic.

    Às dèidh dhaibh buannachadh 85-0 an aghaidh nan Stàitean Aonaichte, chaill iad a-mach air deagh chothrom a' chùis a dhèanamh air New Zealand airson a' chiad uair a-riamh le cùisean a' crìochnachadh 17-25.

    Ach b' e an geama an aghaidh Argentina a dh'adhbhraich fearg le Alba a call aig a' cheann thall agus iad air a bhith 21-0 air thoiseach tràth san dàrna leth.

    Bhuannaich iad 56-0 an aghaidh Tonga sa gheama mu dheireadh.

    Tha Aaron Ingram, a bhios a' leantainn na sgioba, den bheachd gum bu chòir Griogair Townsend co-dhùnaidhean nas fheàrr a dhèanamh air thoiseach air Cupa na Cruinne 2027.

  20. Spòrscast: Iomain nam banair fhoillseachadh aig 11:48 GMT 4 An Dùbhlachd 2025

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan iomain nam ban.

    Tha spiorad na Nollaig againn san Spòrscast as ùire is Kate Bradley agus Ali Nic a' Bhiocair a' toirt sùil air ais air seasan inntinneach, adhartach is spòrsail ann an iomain nam ban.

    Am measg eile, tha moladh aca airson sgioba Loch Abair is an obair chruaidh a dh'fhàg iadsan cho soirbheachail sa Phrìomh Lìog.

    Cluinnear an còmhradh air fad air BBC Sounds.

  21. Taghadh Chupa Rugbaidh na Cruinne 2027air fhoillseachadh aig 10:47 GMT 3 An Dùbhlachd 2025

    Caelan Doris aig Èirinn a' faighinn caoidhteas a' bhuill fhad 's a tha Huw Jones ga thoirt gu làr le Finn Russell a' coimhead orra.Tùs an deilbh, Getty Images

    Chaidh Alba a thaghadh còmhla ri Èirinn, Uruguay agus Portagail airson Cupa Rugbaidh na Cruinne 2027.

    'S e seo an treas turas ann an sreath a thèid Alba an aghaidh na h-Èireann ann an ìre na buidhne dhen fharpais.

    Am measg nam buidhnean eile tha Àstralia, a tha a' cumail na farpais, còmhla ri New Zealand, Sasainn còmhla ris a' Chuimrigh agus Afraga a Deas, a bhuannaich an fharpais an turas mu dheireadh, leis an Eadailt.

    Tha barrachd sgiobaidhean ann an Cupa na Cruinne an turas seo na bh' ann a-riamh roimhe le 24 a' gabhail pàirt uile gu lèir.

    Bidh an fharpais ann eadar 1 An Dàmhair - 13 An t-Samhain 2027 thar seachd bailtean ann an Àstrailia le sia buidhnean de cheithir sgiobaidhean.

    Thèid an dà sgioba aig mullach gach buidheann troimhe le na ceithir sgiobaidhean as fheàrr a chrìochnaich san treas àite cuideachd a' dèanamh adhartais gu cuairt na 16 mu dheireadh.