Sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad an Cupa na h-Albaair fhoillseachadh aig 09:18 GMT 1 An Dùbhlachd 2025
Tùs an deilbh, SNSCha robh feasgar furasta aig County aig Spain Park
Bidh sgiobaidhean na Gàidhealtachd air an rathad sa cheathramh chuairt de Chupa na h-Alba - ged nach eil àite Inbhir Nis air a dhearbhadh fhathast.
Chaidh geama ICT air falbh an aghaidh Tranent Disathairne a chur dheth is na sgiobaidhean a-nise gus feuchainn a-rithist Disathairne seo tighinn.
Rinn Ross County adhartas air a' cheann thall 2-0 an aghaidh Banks O' Dee ann an Obar Dheathain, ged nach tàinig an tadhal cudromach gus an geama a mharbhadh chun nan deich mionaidean mu dheireadh.
Chaill Clach na Cùdainn 4-1 air falbh an aghaidh Stenhousemuir.
Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich is County gus siubhal gus cluich an aghaidh Thobar na Màthar.
Ma nì ICT an gnothach air Tranent bidh turas aca a Dhùn Èideann is geama an aghaidh Spartans.
Bidh na geamaichean ann air deireadh-seachdain an 17mh is 18mh den Fhaoilleach.









