Spòrs

Latest updates

  1. An t-Arm Tartain is an teas ann am Miamiair fhoillseachadh aig 11:32 TSB 23 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  2. Trì puingean cudromach dhan Bhacair fhoillseachadh aig 09:55 TSB 23 An t-Ògmhios

    Chan eil am Bac a-nise ach dìreach dà phuing air cùl an Rubha aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh is iad air a' chùis a dhèanamh air Aths 2-1 oidhche Luain.

    Thàinig na tadhail uile san dàrna leth ann an Col Uarach is Louie Dòmhnallach agus Daibhidh MacAnndrais air an targaid dhan Bhac gus an geama a bhuannachadh.

    'S e seo a' chiad uair a bha Aths air call san lìog am-bliadhna.

    Ghluais Càrlabhagh dhan treas àite oidhche Luain nuair a rinn iadsan a' chùis air Nis 4-1.

    Chuir Ali 'Barbie' Dòmhnallach hat-trick do Chàrlabhagh is thàinig an tadhal eile bho Darren Wilson.

    Bha oidhche chofhurtail aig na Hearaich is iadsan air a' chùis a dhèanamh 4-0 air na nàbaidhean aca air na Lochan.

    'S iad Ahmed Pandor (2), Connor MacLeòid is Donnie MacRath le breab-peanais a fhuair na tadhail dha na Hearadh.

    Sa gheama eile rinn an Taobh Siar an gnothach 2-0 air United is Ali 'Barbhas' MacLeòid is Ailig John Moireasdan air an targaid.

    Tha dà gheama ann meadhan na seachdain ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd.

    Oidhche Mhàirt bidh Caol Àcainn an aghaidh a' Ghearasdain agus Diciadain thèid Port Rìgh an aghaidh Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich.

  3. Briseadh-dùil ann am Bostonair fhoillseachadh aig 17:44 TSB 20 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha obair a-nis air thoiseach air sgioba nàiseanta na h-Alba agus e a' faileachadh orra a' chùis a dhèanamh a-raoir air Morocco.

    Chaill iad tadhal gu neòni ach tha an aire a-nis a' tionndadh gu Miami agus an geama mu dheireadh aca sa bhuidhinn an aghaidh Bhraisil.

    Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris à Boston.

  4. Arm Tartan a' Phluic ann am Bostonair fhoillseachadh aig 10:45 TSB 19 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  5. Cò ris a tha e coltach an taca ris an Fhraing ann an 98?air fhoillseachadh aig 10:34 TSB 18 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  6. Cupa na Cruinne: Cothrom air eachdraidh?air fhoillseachadh aig 08:21 TSB 18 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  7. An t-Arm Tartan air Boston a ghabhailair fhoillseachadh aig 15:12 TSB 16 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  8. Buaidh mhòr dhan Rubhaair fhoillseachadh aig 09:31 TSB 16 An t-Ògmhios

    Neartaich an Rubha an suidheachadh aca aig mullach Lìog Leòdhais nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air an Taobh Siar oidhche Luain.

    Thòisich na Rubhaich gu làidir le dà thadhal sa chiad deich mionaidean bho Josh Mac a' Ghobhainn agus Aonghas Dòmhnallach.

    Fhuair Luke MacAoidh fear air ais dha na Siaraich ro letheach-slighe ach 's e sin an tadhal mu dheireadh den oidhche is an geama a' crìochnachadh 2-1.

    Tha an Rubha air 18 puingean, còig air thoiseach air a' Bhac, ach tha iad air dà gheama a bharrachd a chluich.

    Bha deagh oidhche aig a' Bhac fhèin is iad a' buannachadh 5-0 an aghaidh Nis.

    Thàinig na tadhail aca bho Cole Lamb, Leo Hannah, Ally MacÌomhair, John MacLeòid agus Seumas Moireach.

    Tha Aths san treas àite is iadsan a-nise air ceithir a-mach à ceithir a bhuannachadh às dèidh dhaibh soirbheachadh 7-1 an aghaidh sgioba nan Loch.

    Bha Aths 4-0 air thoiseach taobh a-staigh 20 mionaid aig a' Chreagan Dubh.

    Bha cothroman gu leòr aca barrachd thadhal fhaighinn - nam measg trì breaban-peanais nach do chuir iad - ach bha oidhche gu math cofhurtail aca co-dhiù.

    Chrìochnaich an geama eile oidhche Luain eadar Càrlabhagh is na Hearadh 1-1.

    Chaidh na Hearaich air thoiseach tràth ach dh'fhàg breab-peanais bho Ali Dòmhnallach dìreach ro letheach-slighe an geama co-ionnan 1-1.

  9. "Tadhal cho prìseil do dh'Alba"air fhoillseachadh aig 14:57 TSB 15 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  10. Alba a' buannachadh a' chiad gheama aca aig Cupa na Cruinneair fhoillseachadh aig 17:21 TSB 14 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Chan e an geama no tadhal as àlainn a bha a-riamh ann - ach thòisich Alba Cupa na Cruinne le trì puingean is iad air an gnothach a dhèanamh air Haiti 1-0.

    Tha Alasdair MacIllinnein ag aithris à Boston.

  11. Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 18:59 TSB 13 An t-Ògmhios

    Dòmhnall Pollock
    BBC Naidheachdan

    Savio GeniniTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Savio Genini air a dhòigh às dèidh dha Ceann a' Ghiùthsaich a chur air thoiseach

    'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a bhuannaich Cupa MhicThàmhais is iad air an gnothach a dhèanamh 2-0 air na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh aig Pàirc a' Bhucht.

    Thàinig an dà thadhal anns an 20 mionaid mu dheireadh ann an geama a bha glè fhaisg, fiosaigeach, agus aig amannan car nimheil.

    Ach ged a bha e teann, bha barrachd den bhall aig Ceann a' Ghiùthsaich agus na cothroman a b' fheàrr cuideachd.

    Bha dà shàbhaladh air leth aig Kenny Ros eadar na puist aig Baile Ùr an t-Slèibh - rud a dh'fhàg gun deach ainmeachadh air a' cheann thall mar shàr-chluicheadair an là - ach cha b' urrainn dha dad a dhèanamh mu rocaid bho astar bho Savio Genini le cairteal na h-uaireach air fhàgail gus Ceann a' Ghiùthsaich a chur 1-0 air thoiseach.

    Thàinig an dàrna tadhal a rinn cinnteach air a' chupa do Cheann a' Ghiùthsaich le dìreach diogan air fhàgail- agus 's e oidhirp àlainn eile a bh' ann, an turas seo bhon sgiobair aca Ruairidh MacAnndrais.

    2-0 dha Kings aig deireadh an fheasgair is iad air Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh a-nise còig bliadhna ann an sreath.

    Bidh iad cuideachd air an dòigh a' chùis a dhèanamh air a' Bhaile Ùr às dèidh dhaibh an dà gheama mu dheireadh aca nan aghaidh a chall.

    "Bha sinn airidh air is chluich sinn iomain air leth," thuirt manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich, Raghnal Ros, air BBC Radio nan Gàidheal às dèidh a' gheama.

    "Bha fios againn gur e blàr a bhiodh ann ach bha tadhail shònraichte againn.

    "Bha Baile Ùr an t-Slèibh fiosaigeach is tha cluicheadairean math aca, ach air a' cheann thall rinn an tàlant san sgioba againn an diofar".

    'S e briseadh-dùil mòr a bh' ann do mhanaidsear Bhaile Ùr an t-Slèibh ach bha Peadar Ros a' faireachdainn gun robh glè bheag eadar na sgiobaidhean.

    "Tadhal air leth bho Savio is feumaidh mi a mholadh is sin an diofar.

    "Cha toir seo buaidh sam bith oirnn ge-tà is bidh sinn deiseil airson a' gheama an ath-sheachdain".

    Agus 's e geama mòr eile a tha sin is na sgiobaidhean gus coinneachadh a-rithist ann an Cupa MhicAmhlaigh.

    Eachdraidh do Chamanachd Leòdhais

    A thuilleadh air a' chuairt dheireannaich aig a' Bhucht bha trì geamaichean ann an Cupa MhicAmhlaigh Disathairne.

    Rinn na Sgitheanaich an gnothach 4-0 air Lòbhat agus 's e 3-0 a bh' ann do Chamanachd an Òbain an aghaidh Eilean Bhòid.

    Chuir Obar Dhobhair crith tro Chaol Bhòid ann am Fìobha is sgioba Thaigh na Bruaich a' faighinn troimhe air èiginn 2-1.

    Aig an dearbh àm rinn Camanachd Leòdhais eachdraidh is iad troimhe gu cuairt-dheireannach airson a' chiad turas a-riamh.

    Rinn na Leòdhasaich a' chùis 3-1 air Loch Carrann ann an Druim na Drochaid ann an iar-chuairt dheireannach Cupa a' Chinn-chinnidh.

    Thàinig na tadhail aca san dàrna leth bho Daniel Harrison, John Slaughter is Scott MacLeòid, às dèidh do Davie Camshron Loch Carrann a chur air thoiseach.

    Bidh na Leòdhasaich a-nise an aghaidh Ghleann Garadh sa chuairt dheireannaich is iadsan air an gnothach a dhèanamh 5-3 air Oilthigh Obar Dheathain.

    Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 1d là den Lùnastal aig Pàirc a' Bhucht.

  12. Càin £1,000 air ICTair fhoillseachadh aig 17:08 TSB 11 An t-Ògmhios

    Chaidh càin £1,000 air Caley Thistle Inbhir Nis às dèidh do luchd-leantainn a dhol air a' phàirc nuair a bha iad a' cluich Hamaltan aig toiseach a' Chèitein.

    Bhuannaich ICT an geama 2-1 gus tiotal Lìog 1 a thogail.

    Bha Inbhir Nis am measg grunn chlubaichean a bha an SPFL a' rannsachadh ann an co-cheangal ri luchd-taic a bhith air a' phàirc ann an geamaichean aig deireadh an t-seusain.

    A bharrachd air a' chàin, thèid 50% den North Stand aig Pàirc Chaley a dhùnadh airson aon gheama ma thèid luchd-taic air a' phàirc a-rithist eadar seo is samhradh 2028.

    Chuireadh càin £1,000 cuideachd air Hamaltan, is chaidh peanasan air Celtic, Tobar na Màthar is Stenhousemuir ann an co-cheangal ri geamaichean eile.

  13. Dè na dùbhlain a tha mu choinneimh Alba anns na Stàitean?air fhoillseachadh aig 08:25 TSB 10 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  14. Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 08:22 TSB 10 An t-Ògmhios

    Chaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich gu mullach Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 5-3 air Loch Aillse.

    Thàinig na tadhail aig an Iar-Thuath bho Ailig Dòmhnallach, Gus Dòmhnallach, Ionatan Peutan, Jamie MacFhionghain, is tadhal a chuir Loch Aillse dhan lìon aca fhèin.

    'S e an OG sin anns na dìogan mu dheireadh a rinn cinnteach air na puingean dhan Iar-Thuath.

    'S iad Cameron Godfrey, Donnchadh MacMhathain is Ahmed Zaheer a bha air an targaid do Loch Aillse.

    Tha an Iar-Thuath air na còig geamaichean aca san lìog gu seo is iad a-nise trì puingean os cionn Mhalaig agus Slèite is an Srath aig a' mhullach.

  15. Cuimhne air Cupa na Cruinne ann an 1998air fhoillseachadh aig 16:43 TSB 9 An t-Ògmhios

    Fo-thiotal a’ bhidio,