Spòrs

Latest updates

  1. Aths a' gluasad gu bhith dà phuing far mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 10:42 TSB 1 An Lùnastal

    Tha Aths Steòrnabhaigh dìreach dà phuing far mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air United oidhche Haoine.

    Thug Aths droinneadh air na nàbaidhean aca sa bhaile, 7-0, airson na trì puingean a thogail agus cuideam a chumail air na Rubhaich.

    Anns a' gheam eile oidhche Haoine rinn na Hearadh a' chùis air Nis 3-1 aig Pàirc nan Còig Pèighinnean.

    Tha sin a' ciallachadh gu bheil Na Hearadh a' gluasad suas chun a' chòigeamh àite san lìog le Nis fhathast san dàrna àite bhon bhonn.

    Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Thèid na h-iar-chuairtean deireannach ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd a chumail an diugh.

    Tha Malaig a' siubhal a Bhaile Eòghainn airson cluich an aghaidh Golspie Stafford aig 2f.

    'S e seo a' chiad turas a tha Malaig air an ìre seo den fharpais a ruighinn.

    Cuideachd, thèid Whalsay an aghaidh Black Rock Rovers ann am Baile a' Chaisteil aig 12:30f.

  2. Malaig a' gluasad air thoiseach aig bàrr na lìgeair fhoillseachadh aig 14:35 TSB 29 An t-Iuchar

    Ghluais Malaig trì puingean air thoiseach aig bàrr lìog taobh siar na Gàidhealtachd le bhith a' dèanamh a' chùis air Loch Aillse, 4-3, oidhche Mhàirt.

    Thug an sgioba aig a' bhonn deagh gheama dhan sgioba aig a' mhullach ach 's iad Malaig a thog na puingean air a' cheann thall.

    Aig a' cheart àm shreap Slèite is an Srath suas chun an dàrna àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Port Rìgh, 7-0.

    Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich ach air thoiseach orra air sgaradh thadhail.

    Tha Slèite is an Srath trì puingean far a' mhullaich is iad air an aon àireamh gheamaichean a chluich ri Malaig, le Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich air geama a bharrachd a chluich.

    Tha geama fìor mhòr eile air thoiseach air Malaig air an deireadh-sheachdain, nuair a chluicheas iad ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd airson a' chiad uair an aghaidh Golspie Stafford.

    Cuideachd an là sin, cluichidh Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich an aghaidh Phort Rìgh ann an cuairt dheireannach Cupa Rois.

  3. MacGriogair air ais aig Caley Thistleair fhoillseachadh aig 12:44 TSB 29 An t-Iuchar

    Roddy MacGriogairTùs an deilbh, SNS

    Dh'ainmich Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air Roddy MacGriogair a thoirt air ais chun a' chluba air cùmhnant dà bhliadhna.

    Chuir MacGriogair an dà bhliadhna mu dheireadh seachad aig Queen's Park às dèidh dha Caley Thistle fhàgail ann an 2024.

    Rugadh is thogadh MacGriogair ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhalach.

    Thàinig e tro shiostam òigridh Chaley Thistle sa bhaile is e a' cosnadh cliù aig aois òg mar chluicheadair.

    Chluich e dhan sgioba airson a' chiad turas ann an 2018 agus uile gu lèir nochd e dhaibh 113 turas tron chiad ghreis aige aig a' chluba, a' faighinn 6 tadhail.

    Thuirt MacGriogair: "Tha mi cho toilichte a bhith air ais. Tha mi air bhioran faighinn gu dol leis gur e àite cho math a th' ann ball-coise a chluich.

    "Tha mi eòlach air a' mhanaidsear, Scott Kellachar, agus an leas-mhanaidsear, Billy MacAoidh, agus cuideachd air an t-seòrsa buill-choise a tha iad ag iarraidh a chluich.

    "Tha e cho math gan coimhead a' cluich agus thug sin buaidh air a' cho-dhùnadh agam.

    "Tha mi eòlach air a' chluba san fharsaingeachd, agus tha mi a' leantainn Inbhir Nis, so bha sin cuideachd am measg nan adhbharan gun do roghnaich mi tilleadh."

  4. Tadhail gu leòr an Lìog Leòdhais & Na Hearadhair fhoillseachadh aig 11:02 TSB 28 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Rinn An Rubha a' chùis air Na Hearadh 7-2. Dealbhan bho Island Footie.

    Bha 35 tadhail anns na ceithir geamaichean ann an Lìog Leòdhais agus Na Hearadh oidhche Luain.

    Ghluais an Rubha nas fhaide air thoiseach aig a' mhullach às dèidh a' chùis a dhèanamh air Na Hearadh, 7-2, ann an Garrabost.

    Tha sin a' fàgail nan Rubhach sia puingean air thoiseach air a' Bhac, nach do chluich an-raoir, ged a tha an Rubha air dà gheam a bharrachd a chluich.

    Dh'fhuirich Aths Steòrnabhaigh san treasamh àite le bhith a' dèanamh a' chùis air United ann an dearbaidh a' bhaile, 5-0.

    Tha e a' ciallachadh gu bheil iad ochd puingean far a' mhullaich ach coltach ris a' Bhac tha dà gheam a bharrachd aca ri chluich.

    Bha droinneadh ann cuideachd don sgioba aig a' bhonn is na Lochan a' call 10-1 ri Càrlabhagh.

    Cha robh an sgòr buileach cho dona dhan sgioba san dàrna àite bhon bhonn, ach fhathast chaill Nis gu dona cuideachd, 9-1 ris an Taobh Siar.

  5. Na Hearadh a' togail cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhnaair fhoillseachadh aig 12:27 TSB 27 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Fhuair Tyler Gillies an aon tadhal sa gheama airson an cupa a bhuannachadh do na Hearaich. Dealbhan bho Island Footie.

    Bhuannaich Na Hearadh cupa airson a' chiad turas ann an 15 bliadhna air an deireadh-sheachdain is iad a' dèanamh a' chùis air a' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Moldòbha Leòdhais.

    Bha an tadhal aig Tyler Gillies le dìreach beagan mhionaidean ri dhol gu leòr airson an geama a bhuannachadh do na Hearaich, 1-0.

    Cha robh na Hearadh air cupa a thogail bho bhuannaich iad Cupa Eilean an Fhraoich ann an 2011.

    Bha iad air ceithir cuairtean-deireannach a ruighinn san dà bhliadhna mu dheireadh ach chaill iad gach tè dhiùbh.

    Thèid Na Hearadh agus Am Bac an aghaidh a' chèile a-rithist ann an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich Disathairne an 8mh den Lùnastal.

    Tha ceithir geamaichean ann oidhche Luain ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh le na Lochan a' cur fàilte air Càrlabhagh, An Rubha aig an taigh an aghaidh na Hearadh, dearbaidh Steòrnabhaigh eadar Aths is United agus Nis a' siubhal a chluich an Taobh Siar.

    Malaig gu mullach na lìge

    Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd ghluais Malaig chun a' mhullaich às dèidh a' chùis a dhèanamh air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 3-1.

    Tha sin a' fàgail an dà sgioba co-ionann aig a' mhullach air an aon àireamh phuingean ach le Malaig air thoiseach air sgaradh thadhail.

    Tha cuideachd dà gheama a bharrachd aig Malaig ri chluich.

  6. Aths a' fuireach san rèis aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:30 TSB 25 An t-Iuchar

    Rinn Aths Steòrnabhaigh a' chùis air Càrlabhagh 2-1 oidhche Haoine airson gluasad nas fhaisge air an dà sgioba os an cionn ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh.

    Ann an geama teann, 's iad Càrlabhagh a chaidh air thoiseach às dèidh 48 mionaidean.

    Le cairteal na h-uaireach ri chluich ge-tà bha Aths co-ionann agus ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheama fhuair iad an tadhal a thog na trì puingean dhaibh.

    Tha sin gam fàgail san treasamh àite san lìog air 20 puing, còig puingean air cùlaibh an Rubha aig a' mhullach ged a tha geama a bharrachd aig Aths ri chluich.

    Tha am Bac san dàrna àite air 22 puing is iad air an aon àireamh gheamaichean ri Aths ri chluich.

    Chluich an dà sgioba aig bonn na lìge a chèile cuideachd a-raoir le Nis a' dèanamh na cùis air na Lochan, 3-1.

    Tha sin a' fàgail nan Lochan fhathast aig a' bhonn gun phuing sam bith, le Nis a' gluasad nas fhaide air falbh bhuapa air sia puingean a-niste.

  7. Ceithir buinn san amar do dh'Alba aig Glaschu 2026air fhoillseachadh aig 11:18 TSB 25 An t-Iuchar

    Donnchadh Scott le bhonn òirTùs an deilbh, Getty Images

    Thòisich iomairt na h-Alba san amar-snàimh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis le brag oidhche Haoine is iad a' togail ceithir buinn.

    'S e fear de shàr-rionnagan na sgioba, Donnchadh Scott, a thòisich cùisean is e faighinn bonn òir san 200m individual medley agus bhrist e clàr nan geamaichean aige fhèin cuideachd.

    An uair sin, thog am fear-snàimh-para, Stephen Clegg, bonn airgid san 100m freestyle S13 mus d'fhuair Katie Shanahan bonn airgid cuideachd san 200m backstroke.

    Le ionad Tollcross air bhoil, thog Faye Rodgers an dàrna bonn òir den oidhche do dh'Alba goirid às dèidh sin anns an 200m individual medley SM10.

    Bha mòran den bheachd gur e Scott am fear a bu choltaiche a' chiad bonn òir a bhuannachadh do dh'Alba aig na geamaichean is a-niste air 14 buinn a bhuannachaidh aig ìre gheamaichean a' cho-fhlaitheis.

    "Tha mi glè thoilichte às dèidh siud," thuirt Scott às dèidh dha bhonn fhaighinn is fonn nàiseanta na h-Alba a sheinn. "Chaidh an rèis mar a mhiannachainn, agus a' dh'innse na fìrinn, 's e faochadh a th' ann a bharrachd air rud sam bith eile."

    Tha là trang aig na geamaichean Disathairne cuideachd le naoi buinn òir rim buannachadh, ochd dhiubh sin anns an amar-snàimh.

  8. A' chiad là slàn de dh'fharpaisean aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 14:38 TSB 24 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  9. "Buzz" an Glaschu air thoiseach air Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 17:01 TSB 23 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Fosglaidh Geamaichean a' Cho-fhlaitheis a-nochd ann an Glaschu le cuirm aig an OVO Hydro.

    Tha Alastair Condie am measg na tha air bhioran na farpaisean fhaicinn.

  10. Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh le bobhladhair fhoillseachadh aig 14:26 TSB 23 An t-Iuchar

    Bobhladh aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

    Tha Geamaichean a' Cho-fhlaitheis air tòiseachadh ann an Glaschu le na farpaisean bobhlaidh.

    Tha e a' ciallachadh gun do thòisich farpaisean tron là Diardaoin mus tèid na geamaichean fhosgladh gu h-oifigeil aig a' chuirm aig an Hydro an oidhche sin.

    Chaidh seisean a bharrachd den bhobhladh a chur dhan chlàr an t-seachdain a chaidh leis gun robh barrachd fharpaiseach air cur a-steach air a shon na bha dùil.

    Thabhainn Glaschu na geamaichean a chumail, às dèidh do stàit Bhictoria ann an Astràilia tarraing a-mach, is iad a' coireachdadh chosgaisean àrda.

    Bha na geamaichean air an cumail roimhe an Glaschu ann an 2014, ged a tha nas lugha spòrsan na lùib am-bliadhna.

    Bidh farpaisean a' dol ann an 10 spòrsan ann an ceithir àitichean.

    Tòisichidh làn-chlàr nan geamaichean Dihaoine, le dùil gun tèid na ciad bhuinn a thoirt seachad sam para togail-chuideim.

    Bha farpais shingilte nam fear agus farpais nan càraid do na boireannaich am measg nan ciad gheamaichean sa bhobhladh Diardaoin.

    Thuirt Brett O'Riley, Ceann-suidhe World Bowls, gun robh e na urram mòr gur e bobhladh a' chiad spòrs a bha ri fhaicinn aig na geamaichean.

    Aig a' chuirm-fhosglaidh aig an OVO Hydro bidh luchd-ciùil leithid KT Tunstall, Nathan Evans, Calum Beattie agus Nina Nesbitt am measg na bhios mar phàirt dhith.

    Tha mu 3,000 luth-chleasaiche bho 74 dùthaich a' gabhail pàirt sna geamaichean, le 215 buinn òir rim buannachadh.

  11. Uibhist a Tuath puing air thoiseach aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 11:31 TSB 23 An t-Iuchar

    Ghluais Uibhist a Tuath puing air thoiseach aig mullach Lìog Uibhist is Bharraigh às dèidh crìochnachadh 3-3 le Barraigh oidhche Chiadain.

    Tha geama a bharrachd aig Beinn na Faoghla, a th' anns an dàrna àite, ri chluich.

    Chuir Ben Shepherd Uibhist a Tuath air thoiseach mus d' fhuair Steven Davidson Barraigh co-ionann iad.

    Chuir James Davidson Barraigh air thoiseach iad tràth san dàrna leth, ach do mhair sin fada le Alex Troughton a' faighinn Uibhist a Tuath co-ionann mionaid às dèidh sin.

    Chaidh na Barraich air thoiseach a-rithist le cairteal na h-uarach ri dhol tro AJ MacNeacail.

    Ach, fhuair Uibhist a Tuath breab-peanais faisg air deireadh a' gheama is cha do rinn Kieran MacÌosaig mearachd bhon an spot airson puing a thogail dhan sgioba aige.

    Anns a' gheama eile san lìog an-raoir rinn an sgioba aig a' bhonn, Southend, a' chùis air Saints an Ìochdair, a tha aon àite os an cionn, 4-1.

    Lìog Leòdhais & Na Hearadh

    Ann an Lìog Leòdhais agus Na Hearadh an-raoir ghluais am Bac nas fhaisge air an Rubha aig mullach na lìge le bhith a' dèanamh a' chùis air United Steòrnabhaigh, 6-0.

    Tha sin a-niste a' fagail a' Bhac trì puingean far a' mhullaich le geama a bharrachd aca ri chluich.

    Anns a' gheama eile thug An Taobh Siar droinneadh, 10-0, do na Lochan.

  12. Na Hearadh & Am Bac an cuairt-dheireannach Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 13:08 TSB 21 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    'S e breaban-peanais a bha a dhìth ann an Garrabost airson An Rubha agus Na Hearadh a sgaradh

    Thèid na Hearadh an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich às dèidh dhan dà sgioba faighinn tro na geamaichean aca oidhche Luain.

    Bha Na Hearaich 3-0 air thoiseach air an Rubha a' dol a-steach dhan dàrna geam eatorra san iar-chuairt dheireannaich.

    Ach, thug dà thadhal bho Josh Mac a' Ghobhainn agus aonan bho Chailean MacLeòid na Rubhaich co-ionnan thar an dà gheam.

    Chaidh an geam gu ùine a bharrachd ach cha d' fhuair aig sgioba seach sgioba air tadhal fhaighinn a' ciallachadh gun robh feum air breaban-peanais.

    'S iad na Hearaich a thàinig am bàrr an sin, 7-6, airson faighinn troimhe chun na cuairt deireannaich.

    Bha Am Bac cuideachd 3-0 air thoiseach às dèidh a' chiad gheam acasan an aghaidh an Taobh Siar.

    Coltach ris a' gheam aig Pàirce an Rubha thill na Siaraich gu bhith co-ionnan le na trì tadhail uile a' tighinn bho Ali "Barvas" MacLeòid.

    Ach le dusan mionaid ri dhol, chuir Jamie MacFhionghain Am Bac air thoiseach a-rithist, 4-3, agus bha sin gu leòr airson an cur troimhe.

    Thèid a' chuairt-dheireannach a chumail Disathairne an 8mh là den Lùnastal aig Pàirce nan Còig Peighinnean ann an Nis.

  13. Uibhist a Tuath a' gluasad co-ionann le Beinn na Faoghla aig mullach na lìgeair fhoillseachadh aig 11:13 TSB 18 An t-Iuchar

    Ghluais Uibhist a Tuath gu bhith co-ionnann le Beinn na Faoghla aig bàrr Lìog Uibhist is Bharraigh, às dèidh a' chùis a dhèanamh air Saints an Iochdair, 2-1, oidhche Haoine.

    'S iad Saints a chaidh air thoiseach sa gheama tro Anthony MhicAonghais.

    Ach, fhuair Ruairidh MacLeòid agus an uairsin Lewis Dòmhnallach na tadhail airson an geama a bhuannachadh do dh'Uibhist a Tuath.

    Tha sin gam fàgail air an aon àireamh phuingean ri Beinn na Faoghla aig a' mhullach, ach air an cùlaibh air sgarradh-thadhail.

    Anns a' gheama eile an-raoir thog Southend a' chiad phuing aca dhen t-seusan is iad a' crìochnachadh 2-2 le Èirisgeigh.

    'S iad Èirisgeigh a chaidh air thoiseach sa chiad leth, ach thill Southend gu làidir is bha iad co-ionnann ro leth-ùine.

    Chaidh Southend an uairsin air thoiseach nuair a fhuair Dòmhnall MacGuaire a' chiad tadhal aigesan aig ìre "senior" bhon spot-pheanais.

    Fhuair Èirisgeigh an geama co-ionnan a-rithist ge-tà, agus 's ann mar sin a chrìochnaich e is gach sgioba a' togail puing.

    Tha sin a' fàgail Southend aig a' bhonn fhathast, còig puingean air cùlaibh Saints os an cionn.

    Tha Èirisgeigh a' sreap os cionn Bharraigh chun an treasamh àite, ged a tha na Barraich air trì geamaichean nas lugha a chluich.

  14. Mac an t-Saoir ann an deagh shuidheachadh aig an Openair fhoillseachadh aig 18:48 TSB 17 An t-Iuchar

    Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty Images

    Tha Raibeart Mac an t-Saoir ann an deagh àite a' dol a-steach dhan deireadh-sheachdain aig Farpais Fhosgailte a' Ghoilf aig Royal Birkdale.

    Às dèidh sgòr de 67 air a' chiad là fhuair an t-Albannach cuairt de 69 Dihaoine, ga fhàgail ceithir fo phàr son na farpais air fad.

    Bha e air faighinn gu còig fo phàr ach thuit e air ais beagan às dèidh bogey air an 18mh toll.

    Le dà chuairt ri dhol ge-tà tha e fhathast ann an deagh shuidheachadh is e ceithir stròcan air cùlaibh Lucas Herbert a th'aig a mhullach air ochd fo phàr.

    Cuiridh e an treasamh cuairt aige gu dol aig 15:00 Disathairne, is e a' cluich còmhla ri Alex Fitzpatrick a th'air an aon sgòr ris agus a bha còmhla ris thar a' chiad dà là.

    A' bruidhinn às dèidh a' chuairt thuirt Mac an t-Saoir: "Bha mi foighidneach is chùm mi smachd orm fhèin.

    "Shaoil mi gur e deagh chuairt a bh'ann - cha robh càil "flashy". Fhuair mi am putt 'ud air an 17mh airson iolaire.

    "Tha mi smaoineachadh gu bheil mi ann an suidheachadh fìor mhath a dol a steach dhan deireadh sheachdain. Feuchaidh mi ri cumail orm a' dèanamh an aon rud, agus gabhail ri ge-brith dè thachras."

    Lucas HerbertTùs an deilbh, Getty Images
    Fo-thiotal an deilbh,

    Lucas Herbert às dèidh dha fàilnigeadh putt a chur a-steach air 18mh toll airson sgòr de 61

    Bha cothrom aig eachdraidh aig an Astràlianach, Herbert, is feum aige air par air an toll mu dheireadh airson crìochnachadh le sgòr de 61 - rud nach deach a dhèanamh a-riamh roimhe ann am farpais major.

    Ach, shlaod e am putt chun làimh chlì a' ciallachadh gun d' fhuair e sgòr de 62.

    'S e sin an siathamh turas a tha cluicheadair air an sgòr sin fhaighinn aig farpais major.

    Ach, cha robh fada ri feitheamh son an t-seachdamh turas, nuair a chuir an t-Aimeireaganach, Sam Burns, am balla a-steach bhon a bhuncair air an 18mh toll son an dearbh sgòr fhaighinn.

    Tha sin ga fhàgail còig fo phàr son na farpais air fad.

  15. Mac an t-Saoir a' tòiseachadh gu math air fhoillseachadh aig 12:48 TSB 16 An t-Iuchar

    Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty Images

    Bha deagh thoiseach-tòiseachaidh aig Raibeart Mac an t-Saoir às an Òban aig Farpais Fhosgailte a' ghoilf aig Royal Birkdale.

    Fhuair an t-Albannach ceithir birdie agus aon bhogey sa chiad chuairt aige airson crìochnachadh an là aig trì fo phàr.

    Dh'fhàg sin e aon stròc far a' mhullaich nuair a chuir e crìoch air a chuairt le dùil gun èirich a' ghaoth aig Birkdale tron fheasgar.

    Tha Mac an t-Saoir a' tighinn a-steach dhan fharpais ann an deagh shunnd, às dèidh crìochnachadh san treasamh àite aig Farpais na h-Alba an t-seachdain a chaidh.

    'S e seo an seachdamh turas aige a' farpais aig an Open, is e air crìochnachadh taobh a-staigh nam prìomh dheich àitichean trì tursan roimhe.

    Cuiridh e an dàrna cuairt aige gu dol aig 12:30f Dihaoine.

  16. Deagh oidhche dha na sgiobaidhean aig bàrr Lìog Leòdhaisair fhoillseachadh aig 07:14 TSB 16 An t-Iuchar

    Bhuannaich na trì sgiobaidhean a tha a' farpais aig mullach Lìog Leòdhais is na Hearadh Diciadain air oidhche nuair a bha tadhail gu leòr ann.

    'S e 3-1 a bh' ann dhan Rubha an aghaidh Chàrlabhaigh ann an Garrabost.

    Chuir Aonghas Dòmhnallach An Rubha air thoiseach ach fhreagair Scott 'Tiger' MacArtair do Chàrlabhagh is bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig leth-ùine.

    Bha DJ Clinton is Steven Dunn air an targaid dha na Deargaich san dàrna leth ge-tà, gus trì puingean luachmhor a thogail dhaibhsan - agus 's dòcha Càrlabhagh a chur a-mach às an rèis airson an tiotail.

    Tha Am Bac san dàrna àite, sia puingean air cùl an Rubha ach le dà gheama nas lugha air an cluich, is iadsan air droinneadh 11-4 a thoirt air Na Lochan.

    Thàinig tadhail a' Bhac bho Sheumas 'Titch' Moireasan (3), Louie Dòmhnallach (2), Connor MacAoidh (2), Cole Lamb (2), Seumas Moireach is Ally MacÌomhair.

    Ghluais Aths suas dhan treas àite nuair a rinn iadsan a' chùis air Nis 6-0.

    Ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Chiadain bhuannaich sgioba ùr Loch Aillse 'son a' chiad turas anns an lìog.

    Rinn iad a' chùis 2-1 air Port Rìgh is na tadhail aca air oidhche eachdraidheil a' tighinn bho Robin Harvey is Ryan Grannd.

  17. Sgioba na h-Alba Fo 17 air fhoillseachadhair fhoillseachadh aig 16:20 TSB 15 An t-Iuchar

    Jacob Bain bho Bhaile Ùr an t-Slèibh còmhla ri Greg MacMhathain bhon chompanaidh Ri CrudenTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Jacob Bain bho Bhaile Ùr an t-Slèibh còmhla ri Greg MacMhathain bhon chompanaidh Ri Cruden, a tha a' cur taic ris an turas. Tha Greg fhèin eòlach gu leòr air iomain eadar-nàiseanta is an cluicheadair à Lòbhat air cluich do dh'Alba aig diofar ìrean

    Dh'fhoillsich Comann na Camanachd sguad na h-Alba aig ìre Fo 17 a thèid air turas a dh'Èirinn aig deireadh na mìos.

    Cluichidh na h-Albannaich dà gheama an aghaidh sgiobaidhean iomanachd, a thuilleadh air seiseanan trèanaidh is gnothaichean culturail.

    Bidh iad an aghaidh Bhaile Àtha Cliath Diluain an 27mh den Iuchar agus A' Mhidhe Dimàirt an 28mh.

    Tha buidheann na h-Alba mar a leanas:

    • Ali Taylor - Caber Fèidh

    • Seumas MacEanraig- Caber Fèidh

    • Louie MacGilleFhialain - A' Mhanachainn

    • Alfie MacLeòid - Gleann Urchadain

    • Doug Brockie - Gleann Urchadain

    • Matthew Sloss - Baile Ùr an t-Slèibh

    • James Coyle - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Jacob Bain - Baile Ùr an t-Slèibh

    • Hayden Taylor-Ramsay - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Toby Thain - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Macleod Dawson - Ceann a' Ghiùthsaich

    • Jay MacRath – Ceann Loch Seile

    • Kieran Màrtainn - Ceann Loch Seile

    • Iain Greumach – Camanachd an Eilein Sgitheanaich

    • Ruairidh MacSuain – Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

    • Auryn Kerr – Caol-Gleann

    • Scott Caimbeul - Camanachd an Òbain

    • Dean Robasdan - Eilean Bhòid

    'S e Matthew Sloss an sgiobair a bhios air Alba.

    'S e seo an ceathramh turas aig Sloss sa bhuidhinn agus chaidh ainmeachadh mar shàr-chluicheadair a' gheama an aghaidh Bhaile Àtha Cliath an-uiridh.

  18. Tadhail gu leòr an Uibhistair fhoillseachadh aig 09:01 TSB 15 An t-Iuchar

    Ghluais Beinn na Faoghla nas fhaide air thoiseach aig mullach Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad an gnothach 5-0 air Southend ann an Dalabrog.

    Tha Uibhist a Tuath a-nise san dàrna àite às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh 7-1 air Èirisgeigh aig Pàirc an Eilein Duirche.

    Thàinig tadhail Uibhist a Tuath bho Ben Shepherd (2), Kieran MacÌosaig (2), Alex Troughton (2) is Sam Camshron.

    Chaidh an geama eadar Saints an Ìochdair is Barraigh a chur dheth.

    Tha Beinn na Faoghla trì puingean air thoiseach aig bàrr na lìge le trì puingean deug bho na sia geamaichean a chluich iad.

    Tha Uibhist a Tuath trì puingean air an cùlaibh, ged a tha iad air geama nas lugha a chluich.

    Tha Barraigh fhathast ann an suidheachadh làidir le naoi puingean bho na ceithir geamaichean aca, is Èirisgeigh còmhla riutha air naoi puingean ged a tha iadsan air sia geamaichean a chluich.

    An uairsin tha Saints le sia puingean bho chòig geamaichean is Southend aig a' bhonn is iad gun puing a thogail fhathast.

  19. Deireadh linn do Bhuidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuathair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 14 An t-Iuchar

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  20. Na Hearadh is Am Bac an suidheachadh làidir an Cupa Eilean an Fhraoichair fhoillseachadh aig 09:16 TSB 14 An t-Iuchar

    Bha fìor dheagh oidhche aig na Hearaich is na Bacaich ann an Cupa Eilean an Fhraoich Diluain is iad le chèile a' buannachadh 3-0 anns na ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich.

    Chaidh na Hearaich air thoiseach air An Rubha air an Tairbeart às dèidh leth uair a thìde is Yahya Mohammed air an targaid.

    Le cha mhòr uair a thìde air a cluich fhuair iad tadhal eile, an turas seo bho Ethan 'Nula' Moireasdan is esan a' cluich a' chiad gheama aige dha na Hearadh.

    Thàinig an treas tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Anndra 'Brownie' Moireasdan.

    Bha cùisean teann sa chiad leth ann am Barabhas eadar An Taobh Siar is Am Bac is iad a' tionndadh mun cuairt co-ionann 0-0.

    Chaidh na Bacaich air thoiseach às dèidh uair a thìde tro Chonnor MacAoidh agus thàinig tadhal eile gu sgiobalta bho Louie Dòmhnallach.

    Chuir MacAoidh tadhal eile le ceithir mionaidean air fhàgail is an geama a' crìochnachadh 3-0.

    Thèid na dàrna geamaichean air adhart Diluain seo tighinn is obair mhòr aig An Rubha is An Taobh Siar ri dhèanamh ma tha iad 'son fuireach san fharpais.

    Tha trì geamaichean ann an Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt.

    Ann am Beinn na Faoghla thèid Uibhist a Tuath an aghaidh Èirisgeigh is bidh Saints an Ìochdair an aghaidh Bharraigh.

    Cuiridh Southend fàilte air Beinn na Faoghla ann an Dalabrog.

    Bidh aona gheama ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd oidhche Chiadain is Port Rìgh a' dol an aghaidh Loch Aillse.

  21. Na Sgitheanaich an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich an Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 11:40 TSB 13 An t-Iuchar

    Alasdair MacFhionghain bho Chomann na Camanachd còmhla ri Amy NicLeòid bho Chaisteal Inbhir Nis is Kieran Greumach bho Tulloch Homes aig an taghadh DiluainTùs an deilbh, Neil G Paterson
    Fo-thiotal an deilbh,

    Alasdair MacFhionghain bho Chomann na Camanachd còmhla ri Amy NicLeòid bho Chaisteal Inbhir Nis is Kieran Greumach bho Tulloch Homes aig an taghadh Diluain

    Chaidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich a thaghadh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich san iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

    Sa gheama eile bidh Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Camanachd an Òbain.

    Tha seo a' ciallachadh gur dòcha gur e cuairt dheireannach eile a bhios ann eadar sgiobaidhean Bhàideanach - mar a bh' ann an-uiridh - ged a bhios na Sgitheanaich is an t-Òban gu mòr airson is nach e sin a thachras.

    Cluichidh na Sgitheanaich is Ceann a' Ghiùthsaich air an 18mh den Lùnastal is bidh am Baile Ùr is an t-Òban a' coinneachadh air an 25mh.

    Bidh an dà gheama beò air BBC ALBA.

    Cha deach dearbhadh fhathast càite an tèid na geamaichean a chluich.

    Chaidh an taghadh a dhèanamh madainn Diluain aig Caisteal Inbhir Nis.

  22. Adhbharan misneachd do Mhac an t-Saoirair fhoillseachadh aig 10:57 TSB 13 An t-Iuchar

    Bob Mac an t-SaoirTùs an deilbh, SNS

    Thuirt Bob Mac an t-Saoir gun urrainn dha na h-uimhir a thoirt à Open na h-Alba ann am Bearaig a Tuath.

    Chrìochnaich an goilfear às an Òban san treas àite air -13, còmhla ri Matt Fitzpatrick, Johnny Keefer is Keita Nakajima.

    'S e Tom Kim a bhuannaich an fharpais is e a' crìochnachadh air -17, le Min Woo Lee san dàrna àite air -15.

    Bha Mac an t-Saoir ag amas air an fharpais a bhuannachadh airson an dàrna turas ach às dèidh dha tòiseachadh gu math Didòmhnaich le birdie, chaidh cùisean bhuaithe dha le ceithir bogey ann an naoi tuill.

    Ged a chaidh aige air cùisean a thionndadh 'son crìochnachadh air 69 air a' cheann thall, 's ann a bha am milleadh air a dhèanamh.

    "Feumaidh mi a bhith gu tur onarach - brùideil," thuirt Bob.

    "Toiseach-tòiseachaidh math ach an uairsin cus mhearachdan, fada cus mhearachdan.

    "Bha mi a' call mo nàdair às dèidh deich tuill, mar sin a bhith a' faighinn air ais fo phar air a' cheann thall, 's e deagh oidhirp a bha sin.

    "Cha robh am puttadh agam aig ìre ach san fharsaingeachd 's e deagh fharpais a bh' ann dhomh.

    "Feumaidh mi na h-uimhir a thoirt às. Bha an cola-deug mu dheireadh math is tha sin gam mhisneachadh."

    Bidh Mac an t-Saoir a-nise a' dèanamh air Royal Birkdale far a bheil an Open a' tòiseachadh Diardaoin.

  23. Malaig troimhe ann an Cupa Amaitearach na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 09:53 TSB 13 An t-Iuchar

    Cupa Amaitearach na GàidhealtachdTùs an deilbh, Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd

    Rinn Malaig eachdraidh is iad air iar-chuairt dheireannach Chupa Amaitearach na Gàidhealtachd a ruighinn 'son a' chiad turas.

    Bha Malaig air dheireadh trì tursan an aghaidh Wick Groats ach thill iad gach turas mus deach iad fhèin air thoiseach anns na diogan mu dheireadh.

    Chrìochnaich an geama 4-3 is Malaig a-nise gus cluich an aghaidh Golspie Stafford san iar-chuairt dheireannaich.

    Rinn Goilspidh fhèin adhartas Disathairne nuair a chuir iadsan Athletic Steòrnbhaigh a-mach 2-1.

    'S iad Aths an sgioba mu dheireadh às na h-Eileanan an Iar a bha air fhàgail san fharpais.

    Sa gheama eile Disathairne rinn Black Rock Rovers a' chùis 6-3 air Abhach is bidh iadsan a-nise an aghaidh Whalsay san iar-chuairt dheireannaich.

    Ann an Leòdhas fhèin Disathairne chrìochnaich an geama càirdeil eadar an sgioba thaghte is Clach co-ionnan 2-2.

    Ann an Uibhist is Barraigh 's iad Barraigh a bhuannaich Cupa an t-Samhraidh.

    Rinn na Barraich a' chùis 3-2 air Uibhist a Tuath sa chuairt dheireannaich.

    Agus ann an Cupa Rois Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' chùis air a' Ghearasdan 2-1.

    Bidh na ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilean an Fhraoich ann oidhche Luain.

    Bidh Na Hearadh an aghaidh An Rubha agus An Taobh Siar an aghaidh A' Bhac.