Spòrs

Latest updates

  1. Kings 'son an cupa a thoirt "à làmhan nan seann nàimhdean againn"air fhoillseachadh aig 09:27 TSB 18 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  2. "Feumaidh sinn a dhèanamh airson nan daoine"air fhoillseachadh aig 09:18 TSB 18 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  3. Mar a bhuannaich am Baile Ùr Cupa na Camanachd an-uiridhair fhoillseachadh aig 08:57 TSB 18 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  4. County aig bàrr Lìog 1air fhoillseachadh aig 08:49 TSB 16 An t-Sultain

    Chaidh Ross County gu mullach Lìog 1 oidhche Mhàirt nuair a thug iad pronnadh uabhasach 8-0 air Queen of the South.

    Chuir Chris Hamilton is Brian Greumach na Staggies 2-0 air thoiseach taobh a-staigh dìreach ochd mionaidean agus sin mar a bha cùisean aig leathach slighe.

    Chuir Hamilton is Greumach tadhail eile tràth san dàrna leth is thàinig an uairsin a dhà eile bho Kieran Phillips.

    Cha robh County deiseil is thàinig tadhail eile anns na deich mionaidean mu dheireadh bho Richard Chin agus Jamie Lindsay.

    Thog na h-ochd tadhail County os cionn Hamilton Accies aig mullach na lìge, ged a tha iad co-ionnan air 16 puingean.

    Tha Queen of the South aig a' bhonn is toiseach-tòiseachaidh gu math doirbh air a bhith aca air an t-seusan seo.

    "Bha sinn fìor mhath is gach turas a chaidh rudeigin air choireigin ceàrr oirnn, chuir na balaich ceart e," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.

    "Chum iad orra tron gheama air fad is sheall a h-uile cluicheadair gu bheil rudeigin aca."

  5. Duaisean gu leòr an Druim na Drochaidair fhoillseachadh aig 10:02 TSB 14 An t-Sultain

    Inbhir Aora is Gleann Urchadain
    Fo-thiotal an deilbh,

    Thog Gleann Urchadain tiotal na Lìge Nàiseanta air beulaibh an luchd-taice aca fhèin an Druim na Drochaid

    Bhuannaich Gleann Urchadain an Lìog Nàiseanta is iad a' cur crìoch air sàr sheusan le droinneadh 8-1 a thoirt air Inbhir Aora ann an Druim na Drochaid.

    Chuir Alfie MacLeòid Gleann Urchadain air thoiseach às dèidh dìreach trì mionaidean is ged a fhreagair Ailean Dòmhnallach do dh'Inbhir Aora, 's ann a ghabh sgioba a' Ghlinn an uairsin smachd làidir air a' gheama.

    Bha iad 6-1 air thoiseach aig letheach slighe le dà thadhal a bharrachd bho MhacLeòid is trì bho Daniel MacIllEathain.

    Bha an dàrna leth na bu shàmhaiche is dìreach dà thadhal ann, iad sin a' tighinn bho MacIllEathain is bho Neale Reid.

    Tha sin a' fàgail an tiotail aig a' Ghleann agus Lòbhat a' dol suas còmhla riutha san dàrna àite - rinn iadsan a' chùis 2-0 air Cill Mhàilidh Disathairne.

    Às dèidh dhan gheama eadar Gleann Urchadain is Inbhir Aora a bhith seachad bha geama mòr eile air a' phàirc ann an Druim na Drochaid - sin cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlanaich eadar Lochside Rovers is Ceann Loch Seile.

    'S e geama faisg a bh' ann is na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig letheach slighe.

    Chuir Mata Rippon Lochside air thoiseach tràth san dàrna leth is bha coltas ann gun robh an cupa a' dol dhan Òban.

    Sia mionaidean a-steach gu ùine a chaidh a chur ris a' gheama ge-tà, agus leis a' bhuille mui dheireadh, chuir Donnchadh MacMhaolain tadhal gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan 3-3 is feum air leth-uair a bharrachd.

    Chuir MacMhaolain an uairsin Ceann Loch Seile 4-3 air thoiseach, ach fhreagair am fear eòlach ud Rippon le dà thadhal eile is Lochside a' buannachadh 5-4 air a' cheann thall.

    Prìomh Lìog

    Tha cùisean mar a bha iad aig mullach na Prìomh Lìge is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air buannachadh air an deireadh-sheachdain.

    'S e 4-1 a bh' ann dhan Bhaile Ùr an aghaidh a' Ghearasdain agus 3-1 do Cheann a' Ghiùthsaich an aghaidh Camanachd an Òbain, na tadhail aig Kings a' tighinn san dàrna leth às dèidh dhan Òban a bhith air thoiseach 1-0.

    Rinn Cabar Fèidh a' chùis 5-1 air Caol Bhòid is bha briseadh-dùil ann dha Caol-Gleann is na Sgitheanaich is an geama mòr eatorra air a chur dheth.

    Bidh aire a-nise a' tionndadh air Cupa na Camanachd is a' chuairt dheireannach eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich san Òban Disathairne seo tighinn.

  6. Tiotalan dhan Rubha agus do Bharraighair fhoillseachadh aig 09:19 TSB 14 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An tadhal a bhuannaich an lìog dhan Rubha

    Tha gàirdeachas ga dhèanamh san Rubha agus ann am Barraigh is na sgiobaidhean sin air na lìogaichean ionadail aca a bhuannachadh air an deireadh-sheachdain.

    Bha na Rubhaich feumach air puing aig an taigh an aghaidh An Taobh Siar a bhith cinnteach air Lìog Leòdhais is na Hearadh.

    Bha dùil ri geama faisg agus 's e sin a bh' ann - an aon tadhal a' tighinn tràth san dàra leth bho Aonghas Dòmhnallach.

    Bha cothrom aig na Rubhaich goirid às dèidh sin cùisean a dhèanamh beagan na bu chofhurtail dhaibh fhèin, ach shàbhail Reece Montgomery aig na Siaraich breab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn.

    Chrìochnaich e 1-0 ge-tà, is na Rubhaich a' crìochnachadh aig bàrr na lìge, trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh.

    Chuir Aths crìoch air an t-seusan acasan le buaidh 6-1 an aghaidh nan Loch.

    San dà gheama eile bha na Hearaich is Càrlabhagh co-ionnan 1-1 - na Hearaich a' crìochnachadh san treas àite - agus rinn Am Bac a' chùis 4-2 air Nis.

    Chaidh duaisean na lìge a thoirt seachad oidhche Shathairne is Aonghas Dòmhnallach aig An Rubha air ainmeachadh mar Chluicheadair na Bliadhna.

    'S e cuideachd a chuir barrachd thadhal na duine eile.

    'S e Ross Dòmhnallach aig An Taobh Siar a fhuair duais Chluicheadair Òg na Bliadhna, agus Eòghann Dòmhnallach aig Aths air ainmeachadh mar Fhear-glèidhidh na Bliadhna.

    Sia ann an sreath do Bharraigh

    Bha Barraigh cuideachd feumach air puing an aghaidh Èirisgeigh gus Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh - sin às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Uibhist a Tuath 2-1 sa gheama mhòr an t-seachdain seo chaidh.

    Bha fios aig na Barraich gum biodh aca ri play-off a chluich an aghaidh Uibhist a Tuath nan cailleadh iad an aghaidh Èirisgeigh, ach air a' cheann thall bha cùisean an ìre mhath cofhurtail dhaibh ann am Bàgh a' Chaisteil is iad a' buannachadh 3-0.

    Thàinig tadhail Bharraigh bho Mhata Davidson (2) is Kipps MacNèill.

    Sgioba BharraighTùs an deilbh, Cluba Ball-coise Bharraigh

    Tha Barraigh a-nise air Lìog Uibhist is Bharraigh a bhuannachadh sia bliadhna ann an sreath is iad fhathast ceum air thoiseach air a' chòrr san lìog.

    Tha cothrom aca fhathast air duais eile cuideachd is iad gu bhith an aghaidh A' Bhac ann an cuairt dheireannach Chupa MalCivils.

    Bidh an geama sin ann an Lìonacleit Disathairne seo tighinn.

    Adhartas dha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich

    Bha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich ann an Obar Dheathain air an deireadh-sheachdain 'son cluich an aghaidh Bon Accord City ann an Cupa na h-Alba.

    Bha na sgiobaidhean air crìochnachadh 2-2 san Eilean bho chionn seachdain agus bha geama teann eile ann an Obar Dheathain.

    Chuir Ailig Dòmhnallach agus Pòl MacFhionghain an Iar-Thuath 2-0 air thoiseach ach thàinig sgioba Obar Dheathain air ais gu làidir.

    Bha iad 3-2 air thoiseach is coltas ann gun robh iad a' dol troimhe, mus do chuir Ryan Dunkel tadhal dhan Iar-Thuath gus na sgiobaidhean fhàgail co-ionnan.

    Bha feum air breaban-peanais gus na sgiobaidhean a sgaradh agus 's iad na Sgitheanaich a rinn a' chùis.

    Bidh an ath gheama aca san fharpais air an 3mh den Dàmhair.

  7. An Rubha trì puingean air thoiseachair fhoillseachadh aig 08:54 TSB 10 An t-Sultain

    Pàirc an Rubha
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bidh cothrom aig An Rubha an tiotal a bhuannachadh aig an taigh Disathairne

    Ghluais An Rubha trì puingean air thoiseach air Athletic Steòrnabhaigh aig mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh nuair a rinn iad a' chùis 9-1 air na Lochan oidhche Chiadain.

    Chuir Aonghas Dòmhnallach còig tadhail dha na Rubhaich is bha Daniel Broker, DJ Clinton, Màrtainn Dòmhnallach is Anndra Moireach cuideachd air an targaid.

    Tha An Rubha a-nise feumach air co-dhiù puing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh An Taobh Siar ann an Garrabost Disathairne airson an tiotal a bhuannachadh.

    Mura faigh An Rubha co-dhiù puing ge-tà, bidh cothrom aig Aths crìochnachadh co-ionnan còmhla riutha le trì puingean bhon gheama mu dheireadh acasan Disathairne.

    'S ann an aghaidh sgioba nan Loch a tha an geama sin is a h-uile coltas mar sin gun dèan Athletic an gnothach.

    Ma 's e is gum biodh na sgiobaidhean co-ionnan air a' cheann thall, bhiodh feum air geama play-off eatorra.

    Bha aona gheama eile ann oidhche Chiadain is An Taobh Siar air a' chùis a dhèanamh 2-1 air A' Bhac.

    Chuir Dòmhnall MacArtair na Siaraich air thoiseach is ged a fhreagair Graeme MacLeòid airson nam Bacach, fhuair Harry MacAonghais an tadhal a bhuannaich an geama airson An Taobh Siar.

    Thog na trì puingean na Siaraich dhan cheathramh àite.

    Tha Am Bac sìos san t-siathamh àite is iad air a dhol bhuaithe anns na seachdainean mu dheireadh.

    Às dèidh dhaibh aig aon àm a bhith a' farpais airson an tiotail, tha Am Bac a-nise air còig de na sia geamaichean lìge mu dheireadh aca a chall.

  8. "Urram mòr" dha MacLachlainn a bhith os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 16:29 TSB 9 An t-Sultain

    Steaphan MacLachlainn aig cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2025
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha Steaphan MacLachlainn na rèitire aig cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2025

    'S e Steaphan MacLachlainn à Baile a' Chaolais an rèitire a bhios os cionn cuairt dheireannach Chupa na Camanachd eadar Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich.

    Tha Mgr MacLachlainn air a bhith na rèitire bho 2017 is thuige seo bha e os cionn chuairtean deireannach ann an Cupa MhicThàmhais, Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu is Cupa Shràth Èireann.

    'S e seo a' chiad turas a nì e cuairt dheireannach Chupa na Camanachd.

    "Tha mi air mo dhòigh, 's e urram mòr a th' ann agus bidh thu ag obair ga ionnsaigh mar rèitire," thuirt Steaphan.

    "Tha mi gu math moiteil cuideachd gur e rèitire eile à Baile a' Chaolais a th' annam a tha a' faighinn an urraim a tha seo."

    Bha Mgr MacLachlainn anns na naidheachdan ann an 2024 nuair a thàinig greim-cridhe air nuair a bha e os cionn geama eadar Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile.

    Rinn Conor Cormack is Cè MacRath aig Ceann Loch Seile, a tha ri chèile nan smàladairean, cobhair air le defibrillator.

    "Fhuair mi tòrr taice bho thòrr dhaoine thar nam bliadhnaichean, is mura b' e tòrr dhaoine cha bhithinn an seo an-diugh 'son an t-urram a tha seo fhaighinn," thuirt Steaphan.

    "Tha e a' ciallachadh na h-uimhir dhomh gu bheil mi gu bhith os cionn a' gheama as motha ann an seusan na h-iomain."

    Bidh a' chuairt dheireannach ann Disathairne an 19mh den t-Sultain aig Pàirc Mossfield san Òban.

    Bidh e beò air-loidhne air BBC Naidheachdan, air BBC Radio nan Gàidheal, is air BBC ALBA.

  9. Duaisean do Chountyair fhoillseachadh aig 14:33 TSB 9 An t-Sultain

    Brian GreumachTùs an deilbh, SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    Thill Brian Greumach gu Ross County 'son an treas turas as t-samhradh

    Chaidh toiseach-tòiseachaidh làidir Ross County air an t-seusan seo aithneachadh is Stuart Kettlewell is Brian Greumach air an ainmeachadh mar Mhanaidsear agus Chluicheadair na Mìos 'son an Lùnastail.

    Bhuannaich County na ceithir geamaichean lìge a bh' aca san Lùnastal is iad cuideachd air adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Lìge.

    Tha Brian Greumach air a bhith am measg nan tadhal às dèidh dha tilleadh gu Inbhir Pheofharain toiseach an t-samhraidh is naoi tadhal aige thuige seo anns gach farpais.

    "Tha mi uabhasach toilichte an duais fhaighinn, ach fhuair mi e mar thoradh air an obair a tha a' dol air adhart air feadh a' chluba," thuirt Stuart Kettlewell.

    Thàinig na duaisean is County ag ullachadh airson geama mòr ann an Inbhir Pheofharain Disathairne an aghaidh Hibs sa chairteal chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge.

  10. Caol Àcain troimhe an Cupa Eòghainn MhicRathair fhoillseachadh aig 09:05 TSB 9 An t-Sultain

    Chaidh Caol Àcain air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Eòghainn MhicRath nuair a rinn iad a' chùis air Slèite is an Srath 4-1 oidhche Mhàirt.

    Bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig lethach ùine is sin mar a chrìochnaich cùisean às dèidh 90 mionaidean cuideachd, ged a fhuair iad ri chèile cairt dhearg anns na diogan mu dheireadh.

    Chaidh Caol Àcain sìos gu naoidhnear tràth ann an ùine a bharrachd, ach a dh'aindeoin sin ghabh iad smachd air a' gheama is a' cur trì tadhail gus buannachadh 4-1.

    Bidh Caol Àcain an aghaidh Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich air neo Malaig sa chuairt dheireannaich - bidh iadsan a' cluich air an 19mh den mhìos.

  11. Trì puingean do Chàrlabhaghair fhoillseachadh aig 08:55 TSB 8 An t-Sultain

    Dh'èirich Càrlabhagh dhan cheathramh àite ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Luain nuair a rinn iad a' chùis 6-3 air United.

    Ged a bha United air a dhol air thoiseach tràth sa gheama, ghluais Càrlabhagh 4-1 air thoiseach ro lethach ùine is bha an dàrna leth an ìre mhath cofhurtail dhaibh.

    'S iad Dylan Forster, DI MacIllinnein, Robbie MacCoinnich (2) is Scott 'Tiger' MacArtair (2) a fhuair tadhail Chàrlabhaigh.

    Thig seusan Chàrlabhaigh gu ceann Disathairne le geama air an Taibeart an aghaidh Na Hearadh.

    Tha United a-nise ullamh is bidh iadsan an ìre mhath riaraichte le seusan nuair a tha iad air crìochnachadh san t-seachdamh àite is air trì geamaichean a bhuannachadh.

    Bidh dà gheama ann a-nise oidhche Chiadain.

    Thèid An Taobh Siar an aghaidh A' Bhac is cuiridh Na Lochan fàilte air An Rubha.

    Bidh aona gheama oidhche Mhàirt air Taobh Siar na Gàidhealtachd is Caol Àcain is Slèite is an Srath a' coinneachadh ann an Cupa Èòghainn MhicRath.

  12. Borthwick moiteil is Bàideanach air Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh a-rithistair fhoillseachadh aig 10:00 TSB 7 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    An dà thadhal mu dheireadh a bhuannaich Cupa Valerie Fhriseil do Bhàideanach

    Thuirt sgiobair Bhàideanach gun robh i air leth moiteil às an sgioba às dèidh dhaibh tighinn air ais an aghaidh Cheann Loch Seile gus Cupa Valerie Fhriseil a bhuannachadh.

    Chrìochnaich an geama 5-3 às dèidh ùine a bharrachd is Ceann Loch Seile air a bhith air thoiseach 2-0 agus 3-2 tron fheasgar.

    Rinn na Seilich fìor oidhirp is iad a' cluich sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad uair.

    Bha iad air a dhol air thoiseach tro Lexie NicCoinnich is thàinig dàrna tadhal san dàrna leth bho Alaina NicIllinnein gus an cur ann an suidheachadh làidir.

    Dìreach nuair a bha coltas ann gun robh buaidh eachdraidheil gu bhith ann, thàinig Bàideanach air ais gu làidir le dà thadhal gu sgiobalta às dèidh a chèile.

    Cò eile ach Kirsty Deans a chuir iad - ged a bhios Ceann Loch Seile a' faireachdainn gun robh còir aca a bhith air an dà thadhal a stad.

    Dh'fhaodadh Ceann Loch Seile a bhith air an geama a bhuannachadh fhathast anns na diogan mu dheireadh mus deach iad gu ùine a bharrachd, is 's iad an uairsin a chaidh air thoiseach san 20 mionaid a bharrachd tro Lorna NicRath.

    Ghabh Bàideanach smachd làidir air gnothaichean an uairsin ge-tà - trì tadhail aca ann an seachd mionaidean bho Hope Borthwick (2) is Lexi Farquhar a' dèanamh cinnteach gun cumadh iad an cupa.

    "Geama gu math doirbh a bh' ann agus a bhith air dheireadh, tha mi cho moiteil às an sgioba", thuirt Rachel Borthwick às dèidh làimh.

    "Bha sinn sgìth ach bha doimheachd san sguad leis na cluicheadairean a thàinig air is rinn iad diofar".

    'S i Betty NicGriogair eadar na puist do Bhàideanach a bhuannaich duais Sàr-Chluicheadair an là.

    'S e seusan air leth is eachdraidheil a tha air a bhith ann do Bhàideanach is iad air na trì duaisean mòra ann an iomain nam ban a bhuannachadh - a' Phrìomh Lìog is Cupa Valerie Fhriseil a thuilleadh air Cupa ùr na Prìomh Lìge.

    Ged a bha briseadh-dùil ann do Cheann Loch Seile air a' cheann thall, faodaidh iad fhèin a bhith gu math moiteil à seusan nuair a tha iad air adhartas mòr a dhèanamh.

    Thuirt iad ron gheama Disathairne gun robh iad den bheachd gun robh a' bheàrn eadar iad fhèin is Bàideanach a' dùnadh is sheall iad sa gheama mhòr gun robh iad ceart.

    Ma chumas iad orra tha a h-uile coltas ann gum bi iad air ais a' farpais airson nan duaisean mòra anns na bliadhnaichean ri thighinn.

    Bha tadhail gu lèor ann an cuairt dheireannach a' Chupa Dhùbhlain Disathairne is Dùn Ad a' buannachadh 7-6 an aghaidh Obar Dobhair.

    Bha sgioba Fhìobha air a bhith air thoiseach 6-4 le dìreach mionaidean air fhàgail ach thàinig Dùn Ad air ais gus an cupa a bhuannachadh is Eilidh Chamshron a' crìochnachadh le ceithir tadhail.

  13. Cupa Jock Stein leis An Taobh Siarair fhoillseachadh aig 09:16 TSB 7 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na tadhail bho chuairt dheireannach Chupa Jock Stein. Dealbhan bho Island Footie

    Às dèidh seusan lìge a tha air a bhith na bhriseadh-dùil dhaibh bha togail mòr ann dhan Taobh Siar air an deireadh-sheachdain nuair a bhuannaich iad Cupa Jock Stein.

    Thòisich na Siaraich an geama an aghidh An Rubha le brag is Ailig John Moireasdan gan cur air thoiseach sa chiad mhionaid.

    Bha an dàrna tadhal aca is gun deich mionaidean air an cluich - an turas seo bho Ross Dòmhnallach - is 's e 2-0 a bh' ann aig leathach slighe.

    Bha dòchas ann dha na Rubhaich le breab-peanais bho Josh Mac a' Ghobhainn is cha mhòr uair a thìde air a' ghleoc, ach fhreagair An Taobh Siar gu sgiobalta tro Neil Mac na Ceàrdaich.

    Chrìochnaich e 3-1 is an duais a' dol dha na Siaraich.

    Bidh aire a-nise air an lìog is am blàr aig a' mhullach eadar An Rubha is Aths.

    Tha a h-uile coltas ann gum bi seo a' crochadh air geama eile eadar An Rubha is An Taobh Siar Disathairne seo tighinn, aig an aon àm 's a bhios Aths a' cluich an aghaidh sgioba nan Loch.

    Ron sin cluichidh An Rubha an aghaidh nan Loch oidhche Chiadain.

    Làmh an uachdair aig na Barraich

    Tha Lìog Uibhist is Bharraigh cuideachd a' crochadh air geama mòr Disathairne seo tighinn às dèidh do Bharraigh an gnothach a dhèanamh air Uibhist a Tuath air an deireadh-sheachdain.

    Bha cothrom aig na Tuathaich an tiotal a thogail le trì puingean ann am Bàgh a' Chaisteil ach 's iad Barraigh a chaidh air thoiseach tro AJ MacNeacail.

    Ged a fhreagair Ben Shepherd do dh'Uibhist a Tuath, fhuair Ryan MacNeacail an tadhal a bhuannaich an geama 2-1 do Bharraigh is a chuir iad ann an suidheachadh làidir aig mullach na lìge.

    Feumaidh na Barraich a-nise puing bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh Èirisgeigh Disathairne gus an lìog a bhuannachadh.

    Ma nì Èirisgeigh a' chùis ge-tà, bidh play-off ann eadar Barraigh is Uibhist a Tuath.

    Cha robh geamaichean ann an Lìog Thaobh Siar na Gàidhealtachd air an deireadh-sheachdain ach bha Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich a' cluich an aghaidh Bon Accord City FC ann an Cupa na h-Alba.

    Chrìochnaich an geama sin 2-2 - an dà thadhal aig an Iar-Thuath a' tighinn bho Gus Dòmhnallach - is feumaidh na sgiobaidhean mar sin cluich a-rithist ann an Obar Dheathain.

  14. Cò gheibh an làmhan air Cupa Valerie Fhriseil?air fhoillseachadh aig 17:17 TSB 4 An t-Sultain

    Fo-thiotal a’ bhidio,

  15. Oidhche mhath eile aig na Hearaichair fhoillseachadh aig 08:31 TSB 3 An t-Sultain

    Bha fìor dheagh oidhche a-rithist aig Na Hearadh Diciadain is iad air a' chùis a dhèanamh 5-2 air An Taobh Siar air an Tairbeart.

    B' e seo an treas geama aig na Hearaich ann an dìreach seachd là is iad air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh Disathairne is an uairsin air Aths a chumail aig 1-1 san lìog oidhche Luain.

    'S iad An Taobh Siar a bha air thoiseach 1-0 aig leathach slighe oidhche Chiadain, is chaidh na Siaraich air thoiseach a-rithist 2-1 san dàrna leth às dèidh dha na Hearadh tadhal fhaighinn air ais.

    Ghabh Na Hearadh smachd làidir air gnothaichean bho sin a-mach is iad air ceithir tadhail a chur gus buannachadh 5-2.

    Tha aona gheama air fhàgail aig Na Hearadh - seo an aghaidh Chàrlabhaigh - is bidh iad cinnteach air crìochnachadh san treas àite ma nì iad a' chùis sa gheama sin.

    Sa gheama eile oidhche Chiadain chrìochnaich United is Nis co-ionnan 1-1.

    Cha b' urrainn dha na Lochan sgioba fhaighinn airson cluich an aghaidh A' Bhac is chaidh na puingean a thoirt dha na Bacaich.

  16. Uibhist a Tuath aig a' mhullachair fhoillseachadh aig 08:42 TSB 2 An t-Sultain

    Ball air pàirc ball-coise

    Chaidh Uibhist a Tuath gu mullach Lìog Uibhist is Bharraigh oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis air Beinn na Faoghla 4-0.

    Thàinig tadhail Uibhist a Tuath bho Kieran MacÌosaig (2), Ben Shepherd is Alex Troughton.

    Tha seo cuideachd air cur às dhan chothrom a bh' aig Beinn na Faoghla air an tiotal is an rèis a-nise eadar Uibhist a Tuath is Barraigh a-mhàin.

    Tha Uibhist a Tuath trì puingean air thoiseach air Barraigh is aon gheama air fhàgail aca - sin an aghaidh nam Barrach fhèin ann am Bàgh a' Chaisteil Disathairne.

    Gheibh Uibhist a Tuath an tiotal ma nì iad a' chùis.

    Mura dèan, bidh an gnothach ann an làmhan Bharraigh is aona gheama eile acasan ri thighinn Disathairne an 12na den t-Sultain an aghaidh Èirisgeigh.

    Ann an Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd chrìochnaich Caol Àcain sa cheathramh àite às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Loch Aillse 3-2 oidhche Mhàirt.

    Chan eil ach aona gheama lìge air fhàgail - sin eadar Malaig is Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich Disathairne an 12na den t-Sultain.

    Bidh trì geamaichean ann an Lìog Leòdhais is na Hearadh oidhche Chiadain.

    Bidh Na Hearadh an aghaidh An Taobh Siar, Am Bac an aghaidh nan Loch, is United an aghaidh Nis.

  17. Buille do dh'Aths anns Na Hearadhair fhoillseachadh aig 09:12 TSB 1 An t-Sultain

    Rally Park
    Fo-thiotal an deilbh,

    Bha briseadh-dùil ann 'son Aths aig Rally Park

    Chaidh An Rubha air ais gu mullach Lìog Leòdhais is Na Hearadh oidhche Luain às dèidh do dh'Athletic Steòrnabhaigh dà phuing a leigeil às anns Na Hearadh.

    Bha Aths ann an sunnd ro-làimh is iad air a' chùis a dhèanamh 4-2 air An Rubha oidhche Haoine.

    Ach ged nach robh ann ach dà là bho chluich Na Hearadh geama mòr iad fhèin is iad air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh oidhche Shathairne, 's ann a thug iad geama gu math doirbh do dh'Aths aig Rally Park.

    Bha Na Hearadh air thoiseach 1-0 aig leth-ùine is ged a fhuair Nick Hope fear air ais do sgioba Steòrnbhaigh tràth san dàrna leth, cha robh an còrr thadhal ann is an geama a' crìochnachadh 1-1.

    Thug sin cothrom dhan Rubha tilleadh gu mullach na lìge is ghabh iad an cothrom sin le pronnadh 10-1 a thoirt air United ann an Garrabost.

    Thàinig na tadhail aca bho Rob Jones (2), Josh Mac a' Ghobhainn, Steven Dunn, Màrtainn Dòmhnallach, Daniel MacLeòid, Dean Clinton, Aonghas Dòmhnallach, Calum Ailig MacLeòid agus Daniel MacLeòid.

    Tha na Rubhaich is Aths a-nise co-ionnan air 34 puingean ach tha sgioba Steòrnabhaigh air geama a bharrachd a chluich.

    Feumaidh an dà sgioba a-nise cluich an aghaidh nan Loch is a h-uile coltas ann gum faigh iad le chèile trì puingean às na geamaichean sin.

    Dh'fhàgadh sin gum biodh cothrom aig An Rubha an lìog a bhuannachadh ma gheibh iad rudeigin bhon gheama mu dheireadh aca an aghaidh An Taobh Siar.

    Nam biodh An Rubha is Athletic co-ionnan aig deireadh an t-seusain bhiodh feum air geama play-off.

    Cha do thachair sin ach aon turas roimhe - ann an 2019 nuair a rinn An Taobh Siar an gnothach 2-1 air An Rubha.

  18. A' Phrìomh Lìog le Bàideanachair fhoillseachadh aig 09:54 TSB 31 An Lùnastal

    Bàideanach le duais na lìgeTùs an deilbh, Fiona Young

    Tha Prìomh Lìog nam ban air ais ann am Bàideanach is iad air a' chùis a dhèanamh air Ceann Loch Seile Didòmhnaich.

    Bha Bàideanach air a dhol a-steach dhan gheama is feum aca air puing gus an duais a dhearbhadh.

    Bha fios aig Ceann Loch Seile gum feumadh iadsan a' chùis a dhèanamh airson an tiotal a chur nan làmhan fhèin is dà gheama aca fhathast ri cluich.

    Air a' cheann thall bha Bàideanach ro làidir dhaibh a-rithist is iad a' buannachadh 7-3 is a' Phrìomh Lìog a-nise aca cho math ri Cupa na Prìomh Lìge.

    Tha cothrom aca air Cupa Valerie Fhriseil cuideachd is iad fhèin is Ceann Loch Seile gus coinneachadh a-rithist sa chuairt dheireannaich Disathairne seo tighinn.

    Le Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 5-1, 6-0 is 7-3 anns na trì geamaichean eatorra gu seo am-bliadhna, tha obair mhòr aig Ceann Loch Seile ma tha iad gus an cupa a bhuannachadh.

    Bidh an geama mòr aig an Eilean aig 4:10f agus bidh e beò air BBC ALBA bho 4f.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Bha Iain Robinson air a dhòigh le mar a chluich Baile Ùr an t-Slèibh an aghaidh Cheann Loch Seile

    Bha fireannaich Bhàideanach am measg nan tadhal air an deireadh-sheachdain cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air a' chùis a dhèanamh 6-0 air Ceann Loch Seile, fhad 's a bha Ceann Loch Seile a' soirbheachadh 7-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

    Tha a h-uile coltas ann fhathast gun tig an tiotal sìos dhan gheama eadar an dà sgioba air an là mu dheireadh den t-seusan.

    Aig bonn na lìge thog na Sgitheanaich dà phuing luachmhor nuair a rinn iad a' chùis 4-1 air Camanachd an Òbain ann am Port Rìgh.

    Bha là air leth aig Dan Dòmhnallach is trì tadhail aigesan dha na h-eileanaich air a cho-là breith.

    'S e theab is nach do theab a bh' ann dhan t-seann sgioba aig Dan ge-tà is Caol-Gleann air an cumail 3-3 le Cabar Fèidh.

    'S e tadhal anns na diogan mu dheireadh bho Jamie Mac an Tòisich a shàbhail puing do Chabers is Caol-Gleann a-nise a' ruith a-mach à geamaichean ma tha iad gus fuireach sa Phrìomh Lìog.

    Thàinig dearbhadh air an deireadh-sheachdain air an dàrna sgioba a thig bho Lìog Nàiseanta dhan Phrìomh Lìog is Lòbhat air a' chùis a dhèanamh 3-1 air a' Mhanachainn.

    Bidh iadsan mar sin air ais sa Phrìomh Lìog còmhla ri Gleann Urchadain.

  19. Na Hearadh air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadhair fhoillseachadh aig 09:27 TSB 31 An Lùnastal

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Na Hearadh 3 Am Bac 2. Dealbhan bho Island Footie

    Tha gàirdeachas ga dhèanamh anns na Hearadh is an sgioba air Cupa Eilean an Fhraoich a bhuannachadh.

    Rinn na Hearaich an gnothach 3-2 air A' Bhac ann an Col Uarach oidhche Shathairne.

    Bha iad air a dhol air thoiseach dà thuras, tro Ruairidh MacLeòid agus Anndra 'Brownie' Moireasdan, ach fhreagair Am Bac le tadhail bho Elliot MacEanraig agus Louie Dòmhnallach.

    'S e Ryan MacSuain a fhuair an tadhal a bhuannaich an cupa dha Na Hearadh ge-tà agus luchd-taic òga na sgioba a' ruith air a' phàirce nuair a chuala iad iad fìdeag na rèitire.

    Seusan air leth dha na Hearaich is Cupa Eilean an Fhraoich a-nise aca cho math ri Cupa Leòdhais.

    Chan eil cothrom aca air fois a ghabhail ge-tà, is geama mòr eile aca oidhche Luain a dh'fhaodadh buaidh mhòr a thoirt air mullach na lìge is Aths a' tadhal orra.

    Bidh sgioba Steòrnabhaigh ann an sunnd às dèidh a' chùis a dhèanamh air An Rubha oidhche Haoine.

    Bidh Na Rubhaich iad fhèin aig an taigh an aghaidh United oidhche Luain.

    Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd

    Bha Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh oidhche Haoine gun ball a bhreabadh nuair nach b' urrainn dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn.

    San aon gheama a chaidh air adhart Disathairne rinn Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich an gnothach 5-2 air Slèite is An Srath.

    Bidh aona gheama ann tron t-seachdain is Loch Aillse a' cur fàilte air Caol Àcain oidhche Mhàirt.

    Uibhist is Barraigh

    Bha fìor dheagh là aig Barraigh Disathairne is iad air pronnadh 13-1 a thoirt air Southend.

    Tha sin a' cumail nam Barrach sa bhlàr aig a' mhullach còmhla ri Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.

    Tha geama mòr ri thighinn a-nise oidhche Mhàirt eadar Beinn na Faoghla is Uibhist a Tuath.

    Air tìr-mòr Disathairne 's iad Golspie Stafford a bhuannaich Cupa Amaitearach na Gàidhealtachd.

    Rinn Goillspidh a' chùis 4-0 air Whalsay.

  20. Malaig a' buannachadh Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachdair fhoillseachadh aig 11:25 TSB 29 An Lùnastal

    Ball-coise

    Nochd dearbhadh oidhche Haoine gun robh Malaig air Lìog Taobh Siar na Gàidhealtachd a bhuannachadh leis nach b' urrainn don Ghearasdan an geam a bha còir a bhith aca nan aghaidh Disathairne a choileanadh.

    Cha robh ach puing a dhìth air Malaig son an tiotal a thogail ach fhuair iad na trì leis nach robh e comasach dhan Ghearasdan sgioba fhaighinn ri chèile.

    Chaidh cuideachd trì puingean a thoirt air falbh bho sgioba a' Ghearasdain.

    Tha sin a' ciallachadh gu bheil Malaig a-niste air na lìog a bhuannachadh trì tursan a-mach às na ceithir bliadhna mu dheireadh.

    Leis a sin, cha bhith ach aon gheam san lìog Disathairne le Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich a' dol an aghaidh Shlèite is an t-Srath.