An t-Eilean Sgitheanach is Ratharsair gus Inbhe Sgìre Cànain Shònraichte fhaighinn

An t-Eilean Sgitheanach agus Linne RatharsairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gus an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a chomharrachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte.

Tha an t-ùghdarras ionadail air dearbhadh gu bheil iad ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad sgìre taobh a-staigh na roinne aca a chomharrachadh mar sgìre shònraichte airson na Gàidhlig.

Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a-nis ag amas air Oifigear Coimhearsnachd fhastadh airson na molaidhean a thoirt air adhart.

Bhiodh an neach seo ag obair còmhla ris coimhearsnachdan anns an dà eilean gus taic a thoirt do mhuinntir an àite, buidhnean agus compàirtichean gus cleachdadh na Gàidhlig a neartachadh.

Chaidh inbhe Sgìre Cànain Shònraichte a chruthachadh mar phàirt de Bhile nan Cànanan Albannach, a chaidh tro Phàrlamaid na h-Alba an-uiridh agus a fhuair Aonta Rìoghail airson a dhol na achd san Iuchar.

Bha luchd-iomairt air a dhol air an casan nuair a dh'fhoillsich Comhairle na Gàidhealtachd molaidean roimhe gus an sgìre air fad a chomharrachadh mar Sgìre Canain Shònraichte.

Thuirt a' bhuidheann iomairt Misneachd gun robh am plana "maslach" agus "a' dèanamh cùis-mhagaidh de dh'amasan an reachdais".

Rinn an t-ùghdarras ionadail dìon orra fhèin aig an àm is iad ag ràdh gum biodh "sùbailteachd" ann le inbhe Sgìre Cànain Shònraichte dhan sgìre gu lèir a leigeadh leotha taic a thoirt seachad a rèir fheumalachdan diofar cheàrnaidhean.

Ann an agallamh le BBC Naidheachdan nas tràithe air a' mhìos seo bha Rùnaire na Gàidhlig, Màiri NicAilein, air rabhadh a thoirt do Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir an cuid mholaidhean 'son Sgìre Cànain Shònraichte a dhèanamh nas mionaidiche, is cunnart gur e "cothrom caillte" bhiodh ann nan rachadh an inbhe a bhuileachadh air an sgìre air fad.

Mhol Ms NicAilein aig an dearbh àm na planaichean a dh'fhoillsich Comhairle nan Eilean Siar, is iadsan air leigeil fhaicinn gu bheil iad an dùil an sgìre gu lèir a chomharrachadh ach le planaichean leasachaidh fa leth aig coimhearsnachdan no "àrainnean" air feadh na sgìre.

Thuirt Drew Mac a' Mhuilleir, cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, gu bheil fòcas aca sa chiad dol a-mach air an Eilean Sgitheanach is Ratharsair, ach gu bheil an inbhe mar dhòigh air a' chànan a neartachadh air feadh sgìre an ùghdarrais.

"Tha cuid de na coimhearsnachdan Gàidhlig as làidire sa Ghàidhealtachd rin lorg san Eilean Sgitheanach agus Ratharsair. Mar sin tha e iomchaidh gur e seo a' chiad sgìre air a bheilear a' beachdachadh airson ainmeachadh mar Sgìre Cànain Shònraichte fon reachdas ùr," thuirt e.

"Tha compàirteachadh coimhearsnachd na phrìomh phàirt de phròiseas a bheir seachad cothroman cudromach gus obrachadh gu dlùth le daoine, buidhnean is compàirtichean ionadail airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air mar a thathar a' cleachdadh na Gàidhlig an-diugh agus mar as urrainn dhuinn taic a chur ri fàs leantainneach a' chànain airson nan ginealaichean ri teachd.

"Ged a tha sinn an toiseach ag amas air na dleastanasan reachdail againn a choileanadh san Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, tha seo na phàirt de mhiann nas fharsainge a' Ghàidhlig a neartachadh is a bhrosnachadh air feadh na Gàidhealtachd, ag aithneachadh gu bheil an cànan a' cur tabhartas cultarach, sòisealta is eaconamach ris na coimhearsnachdan againn," thuirt e.

Fo na dleastanasan a chuir an t-achd air Comhairle na Gàidhealtachd, feumaidh sgìre sam bith far a bheil 20% no nas àirde den t-sluagh aig a bheil sgilean anns a' chànan a bhith air a measadh airson na h-inbhe seo taobh a-staigh bliadhna bho thoiseach na Sultain 2026.

Mar sin, feumaidh Comhairle na Gàidhealtachd crìoch a chur air a' phròiseas airson an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair a mheasadh ron chiad là den t-Sultain 2027.