Cha do lorgadh càil bhon Kilda san sgrùdadh às ùr air a son far chosta Nis

Bha Douglas Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach air a bhith ag iasgach far chosta tuath Leòdhais
- Air fhoillseachadh
Tha Poileas Alba ag ràdh gu bheil an rannsachadh air dà làraich far chosta tuath Leòdhais airson bàta-iasgaich a chaidh a dhìth bho chionn trì seachdainean a-nis ullamh.
Tha iad ag ràdh nach deach càil a lorg co-cheangailte ri call an Kilda.
Bha an soitheach le triùir iasgairean air bòrd air a bhith ag obair sna h-uisgeachan faisg air Port Nis air an 13mh den Dàmhair nuair a chaidh i air chall.
Fhuaireadh corp Douglas Craigie an uairean beagan na maidne an ath-latha ach tha Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun an lorg.
Chaidh dà làraich a chomharrachadh airson sgrùdaidhean a bharrachd an dèidh do shoitheach Bhòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath, an NLV Pharos, suirbhidh a dhèanamh.
Sgrùdadh mu chall an Kilda far Leòdhais gu bhith ag amas air dà làrach
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 latha
Bàta speisealta gus sgrùdadh 'son dithis iasgairean agus am bàta far chosta Leòdhais
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Call an Kilda is an triùir air bòrd innte a' fàgail "cridhe trom aig a h-uile duine"
- Air fhoillseachadh21 An Dàmhair
Chaidh uidheamhachd shònraichte a thug a' chompanaidh èisg MOWI seachad a chleachdadh airson an sgrùdadh às ùr a dhèanamh.
Ged nach deach càil a lorg bho Kilda tha obair Meur nan Tubaistean-Mara (MAIB) a' leantainn.
Thug an t-Inspeactair Niall Mac an Tàilleir taing don a h-uile buidheann a thug taic don iomairt.
"Tha sinn a' cumaill oirnn ag obair le buidhnean eile, nam measg an MAIB, Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich agus eòlaichean mara ionadail airson lorg fhaighinn air a' Khildar agus an dithis a tha a dhìth.
"Tha ar smuaintean leis a h-uile duine air an tug an tubaist uabhasach seo buaidh," thuirt e.
Tha teaghlaichean an triùir fhireannach ag iarraidh gum faigh iad prìobhaideachd.