Fearann ga cheannach an aghaidh toil an uachdarain an Cill Rìmhinn

Ro-dhealbh de Ghàrradh nam Manach LiathTùs an deilbh, Poets Neuk
LeAilean Peutan
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann choimhearsnachd ann an Cill Rìmhinn air innse gu bheilear a' faireachdainn "toileachais agus faochaidh" is iad air sealbh a ghabhail air pìos fearainn an aghaidh toil an uachdarain.

Tha Poets' Neuk an dùil am fearann a leasachadh gu bhith na ghàrradh phoblach, le ìomhaigh Màiri Banrigh na h-Albann aig a chridhe.

Chuir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail Gillian Martin meala-naidheachd air a' bhuidhinn, a cheannaich am fearann le taic bho Riaghaltas na h-Alba.

Dh'fheuch am BBC beachd fhaighinn bhon t-seann uachdaran, urras a tha stèidhichte ann an Eilean Mhanainn.

Dealbh den phìos fearainn mar a tha e an-dràsta, air oisean sràide, le oileanaich a' coiseachd seachad air
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt a' bhuidheann gun deach leigeil leis a' ghàrradh bheag a dhol fàs, agus dol-a-mach mì-shòisealta a' tachairt ann

'B e Poets' Neuk a' chiad bhuidheann choimhearsnachd a fhuair cead fearann a cheannach an aghaidh toil uachdarain airson "leasachadh seasmhach" a' cleachdadh Achd an Fhearainn 2016.

A rèir na buidhne, bha an gàrradh beag ga fhàgail a' dol fàs agus dol-a-mach mì-shòisealta a' tachairt ann.

Thuirt Dàibhidh Middleton, rùnaire Poets' Neuk, gun robh iad a-nis an dùil gàrradh snog, sàmhach a dhèanamh dheth, far an deadh aig a' phoball air suidhe is barrachd ionnsachadh mu cheanglaichean Màiri Banrigh na h-Albann ri Cill Rìmhinn.

'B ann an 2024 a chuir Ministearan na h-Alba taic ri tagradh na buidhne coimhearsnachd airson am fearann a cheannach, a' cleachdadh pàirt ùir den lagh a cheadaicheas fearann ​​a reic ri buidhinn choimhearsnachd an aghaidh toil an uachdarain, ma tha e buailteach "leasachadh seasmhach" a bhrosnachadh agus "a chùm maith a' phobaill".

Dàibhidh Middleton
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Dàibhidh Middleton, 89, gun do rinn a' bhuidheann "an dìcheall" toirt air an uachdaran obrachadh còmhla riutha

Thuirt Ministearan na h-Alba aig an àm gun toireadh an co-dhùnadh "buaidh nas fharsainge air cleachdadh fearainn ann an Alba".

Dh'fhaodadh e, thuirt iad, "coimhearsnachdan eile ann an Alba a bhrosnachadh gus beachdachadh a bheil fearann ​​san sgìre aca a dh'fhaodadh a bhith air ​​a reic ris a' choimhearsnachd, gus buannachdan mòra a thoirt don choimhearsnachd".

Chaidh breith bho Chùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Dè le Ministearan an riaghaltais ann an 2025, as dèidh dhan t-seann uachdaran ath-sgrùdadh iarraidh.

Fhuair Poets' Neuk taic bho Mhaoin Fearainn na h-Alba airson an làrach a cheannach, agus airgead bho chruinneachadh phrìobhaideach 'son an obair leasachaidh a dhèanamh.

Chan eil buill Poets' Neuk gam faicinn fhèin mar "radagaich" an fhearainn idir.

Thuirt Mgr Middledon, 89, gu bheil "sinn air ar dìcheall a dhèanamh gus toirt air an uachdaran obrachadh còmhla rinn agus, an uairsin, tuigse gur e an rud as fheàrr dhaibh am fearann a leigeil seachad air prìs reusanta".

"Dh'fhaillich air na h-oidhirpean sin," thuirt e.

Dh'aithnich Malcolm Combe, òraidiche lagha aig Oilthigh Strath Chluaidh, gum biodh cuid de dh'uachdarain mì-chofhurtail is cuid-seilbhe ga reic an aghaidh an toil.

Ach thuirt e nach biodh seo bitheanta air feadh na dùthcha.

"Mar nàdar de phroto-type, gu follaiseach tha e airidh air na cinn-naidheachd," thuirt e.

Dh'fheumadh "deuchainnean fìor làidir" bhith air an dèanamh air tagraidhean bhuidhnean eile a tha airson an leithid a dhèanamh, na bharail-san.

Tha luchd-iomairt air fàilte a chur air an reic, ge-tà.

Thuirt an Dr Josh Doble bhon bhuidhinn Fearann Coimhearsnachd na h-Alba gu bheil a' chùis a' sealltainn gum feum fearann prìobhaideach a bhith ga làimhseachadh a chùm maith choimhearsnachdan.

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Gillian Martin: "Tha mi airson meala-naidheachd a chur air coimhearsnachd Poets' Neuk airson an cuid dealais ann a bhith a' cumail orra tro phròiseas an ath-thagraidh agus cho toinnte 's a bha tar-chur an fhearainn leis gun robh an t-uachdaran a' fuireach taobh a-muigh Alba.

"Faodaidh e a bhith dùbhlanach sealbh a ghabhail air maoin choimhearsnachd, agus cuireamaid fàilte air co-dhùnadh an reice seo an dèidh pròiseas cho fada.

"Chaidh an ceum seo a dhèanamh comasach ri linn Còir Cheannaich nan Coimhearsnachdan a chaidh a thoirt a-steach ann an 2015, agus tha an tar-chur seo a' dearbhadh gu bheil an reachdas a' ciallachadh gun tèid a leithid air adhart, 's gum faighear air fearann a cheannach bho uachdarain nach eil ga làimhseachadh le cùram."

Clach-mhìle chudromach

Tha dìreach aon bhuidheann eile air soirbheachadh le tagradh mar a rinn Poets' Neuk.

'S iad buidheann choimhearsnachd ann am baile Ballindean, Siorrachd Pheairt, a fhuair cead am-bliadhna seann ubhal-ghort beag a cheannach.

Tha Buill-Phàrlamaid Albannach an-dràsta a' sgrùdadh mar a thèid Achd an Fhearainn 2025 a chur an gnìomh agus ma-dh'fhaoide a dhèanamh nas làidire a thaobh chòraichean coimhearsnachd.