Droch thubaist air Sràid na h-Acadamaidh an Inbhir Nis a dhùnadh

Dealbh den làrach air Sràid na h-Acadamaidh, le càraichean poilis ann is teip a' cumail a' phobaill air ais.
  • Air fhoillseachadh

Tha tè de phrìomh shràidean baile Inbhir Nis dùinte an dèidh droch thubaist eadar neach-coise agus làraidh.

Thachair e faisg air Ceàrnag an Stèisein air Sràid na h-Acadamaidh.

Chaidh na poilis, ambaileans agus an t-seirbheis smàlaidh a ghairm chun na làraich mu 09:50m Diardaoin.

Chaidh bacadh a chur tarsainn na sràide agus a' dùnadh dheth prìomh gheata Stèisean Inbhir Nis.

Tha cuideachd Rathad a' Chrùin agus Rathad an t-Seipeil dùinte.

Thathas a' moladh don phoball an sgìre a sheachnadh, agus rannsachadh nam poileas a' leantainn.