NHS nan Eilean Siar nas coltaiche cungaidhean call cuideim a thoirt seachad

Cuideigin a' cleachdadh chungaidhean-leighis GLP-1Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha NHS nan Eilean Siar trì tursan nas coltaiche òrdughan cungaidh a thoirt do dh'euslaintich airson reamhrachd agus tinneas an t-siucair na bùird slàinte sa chòrr dhan dùthaich.

Fhuair rannsachadh ùr, taobh a-muigh bhon ABPI (Association of the British Pharmaceutical Industry) gun robh atharrachadh mòr eadar mar tha bùird slàinte na h-Alba a' toirt seachad chungaidhean-leighis ùra, agus sin cuideachd a' toirt a-steach feadhainn airson grèimean-cridhe agus stròcan.

'S ann le cungaidhean GLP-1 a tha an t-atharrachadh às motha. Tha iad sin air an cleachdadh airson tinneas an t-siùcair a leigheas ach a chaidh an ceadachadh airson dèiligeadh ri reamhrachd fon NHS ann an 2023.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gun robh iad a' faicinn "buannachd chlionaigeach mhòr."

Thuirt an ABPI gum feumar a bhith faiceallach leis an dàta, ach gun cuidicheadh obair planaidh na b' fhèarr ann a bhith a' dèiligeadh ri neo-ionnanachd a thaobh nan cungaidhean-leighis.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum beachdaich iad gu cùramach air toraidhean an rannsachaidh.

Thuirt iad gu bheil ath-leasachaidhean a tha iad air a chur air adhart ag amas air co-ionnanachd ann an seirbheisean, agus bacaidhean a tha ann an-dràsta a thogail.

Tha na planaichean seo a' toirt a-steach lùghdachadh san àireamh de bhùird slàinte air tìr-mòr na h-Alba bho 14 gu dhà.

Taobh a-muigh Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh. Tha ambaileans air a phàrcadh ri taobh an dorais

Tha an aithisg a' foillseachadh ìrean cuibheasach airson na chaidh a thoirt seachad de chungaidhean-leighis thar trì mìosan a rèir àireamh an t-sluaigh (gach 100,000 duine) ann an gach bòrd slàinte an Alba bhon Ògmhìos chun an Lùnastail 2025.

Bha an ìre as àirde sna h-Eileanan an Iar (1,086.54), le NHS Mòr-roinn Ghlaschu san dàrna àite (329.97), agus NHS Shealtainn leis an ìre a b' ìsle (100.31).

Thuirt ùghdarran na h-aithisg gu bheil bacaidhean san fhiosrachadh agus an dà bhòrd slàinte aig gach ceann a' lìbhrigeadh eileanan, far a bheil beagan chungaidhean-leighis a' toirt buaidh nas motha air na h-àireamhan.

Thuirt iad cuideachd nach eil an rannsachadh a' sealltainn cuine a chaidh na cungaidhean-leighis a thoirt seachad airson tinneas an t-siùcair no airson cuideam a chall.

Dealbh de na cungaidhean-leighisTùs an deilbh, Getty Images

Nas tràithe dhen mhìos seo, sheall am BBC mar a tha nas lugha na an leth-chuid de bhùird-slàinte ann an Alba a' toirt seachad chungaidhean GLP-1 airson cuideam a chall.

Tha NHS nan Eilean Siar air aon a-mach à sia bùird slàinte a tha a' gabhail pàirt ann am prògraman pìleat gus cothrom nas fheàrr a thoirt do dhaoine air na cungaidhean-leighis seo.

A rèir iarrtasan saorsa an fhiosrachaidh a chunnaic am BBC, tha 340 euslainteach anns na h-Eileanan an Iar a' faighinn nan cungaidhean - an àireamh às àirde airson bòrd sam bith a tha an sàs anns na sgeamaichean pìleat.

'S iad an fheadhainn eile NHS Shrath Fhoirthe, NHS nan Crìochan, NHS Shiorrachd Lannraig, agus Ospadal Stàite an NHS, Carstairs.

Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad air slighe a stèidheachadh airson cothrom a thoirt do dh'euslaintich air cungaidhean-leighis GLP-1 nas tràithe na bòrd slàinte sam bith eile ann an Alba.

Thuirt iad gu bheil na h-àireamhan aca a' sealltainn sin, cho math ris an iarrtas a th' ann san sgìre, seach mar a tha iad an sàs ann an sgeama pìleat.

Thuirt iad gu bheil euslaintich ag innse dhaibh, agus gu bheil iad fhèin a' faicinn, gu bheil buannachd chlionaigeach mhòr air a bhith ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo