Neach-ceannaich air a lorg airson Caisteal Cheann Loch

Dealbh de chaisteal Cheann Loch, tha an togalach ruadh agus tha feur air an taobh a-muighTùs an deilbh, NàdarAlba
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis NadarAlba gu bheil iad air neach ris am biodh iad deònach Caisteal Cheann Loch ann an Rùm a reic a lorg.

Chaidh Caisteal Cheann Loch, a bha roimhe na loidse-seilge, a chur air ais air a' mhargaidh an-uiridh, 's a' bhuidheann ag iarraidh tagraidhean de chòrr 's £750,000.

Bha dùil gun robh an caisteal air a reic ri fear-gnothachais Bhreatannach, Jeremy Hosking, ann an 2023 ach thuit na planaichean sin as a chèile às dèidh argamaid eadar Mgr Hosking agus co-cheannard nan Uaineach ann an Alba aig an àm, Lorna Slater.

B' i Ms Slater Ministear na Bith-iomadachd aig an àm agus bha i air dàil a chur air a bhith a' reic a' chaisteil an dèidh mar a thog Urras Coimhearsnachd Rùim dragh mu na planaichean airson an togalaich.

Dhearbh neach-labhairt bho NàdarAlba gu bheil iad a-nis air neach ris am biodh iad deònach Caisteal Cheann Loch a reic a lorg.

Thuirt iad gu bheil an neach an dùil obair-càraidh agus obair-leasachaidh a dhèanamh agus gun tèid fhosgladh mar thaigh-òsta aig a' cheann thall.

Tha dùil gun tèid aonta a ruighinn nas fhaide den bhliadhna.