Drugaichean call-cuideim fon phrosbaig aig Eòrpa

- Air fhoillseachadh
Dh’fhaodadh gum bi drugaichean air an cleachdadh nas trice san àm ri teachd airson cuideam a chall, seach ann an dòighean traidiseanta.
Sin beachd cuid de dh'eòlaichean slàinte, às dèidh mar a chaidh an druga Wegovy a cheadachadh ann an Alba aig deireadh na bliadhna an-uiridh.
Seo cuspair prògram Eòrpa na seachdain seo, agus an sgioba air siubhal chun na Danmhairg gus coinneachadh ri daoine a tha air an druga a ghabhail roimhe.
Tha cuid dhiubh air buannachdan mòra fhaicinn ri linn, ach do chuid eile cha do dh’obraich cùisean mar a bha iad a' miannachadh.

Gitte Holm, a chaill cuideam le Wegovy
Choinnich an sgioba ri Gitte Holm, a thòisich a’ cleachdadh Wegovy an-uiridh, às dèidh dhi cuideam 23 clach a ruigsinn. Ach dh’fhàs i tinn goirid às dèidh dhi tòiseachadh air an druga.
“Às dèidh deuchainnean-fala, dh’fhòn an dotair agus dh’iarr e orm a thighinn chun na h-oifis. Bha e airson bruidhinn rium mu na deuchainnean.
“Dh’innis e dhomh gun robh na h-àirnean agam a' coimhead dona. Bha na h-àireamhan airson mo ghrùthain cianail àrd cuideach.
“Dh’fhaighnich e ciamar a bha mi a' faireachdainn, ‘s thuirt mi gun robh math gu leòr. Bha bruthadh-fala àrd cuideachd air tòiseachadh orm.”

Togalach Novo Nordisk
Thathas a' cruthachadh Wegovy dìreach beagan uairean de thìde air falbh bho dhachaigh Gitte san Danmhairg. Tha an druga air a bhith air leth soirbheachail dhan chompanaidh, Novo Nordisk.
Leasaich iadsan a’ chungaidh a tha am broinn na druga, Semaglutide. Tha seo ag obair le bhith a' gabhail àite GLP-1, hòrmon a bhios a' cumail smachd air an ìre de shiùcair san fhuil.
Bidh e cuideachd a’ mùchadh an acrais, a' fàgail gum bi daoine a tha ga ghabhail a’ call cuideam.
Ri linn riaghailtean craolaidh ann am Breatainn, cha robh e ceadaichte do Novo Nordisk bruidhinn ri Eòrpa, ach bha iad deònach aithrisean sgrìobhte a’ thoirt seachad. Thurt iad:
“Tha sinn a’ moladh do dh’euslaintich na leigheasan seo a ghabhail airson nan adhbharan ceart agus fo stiùir eòlaiche-slàinte.
“Bu chòir co-dhùnaidhean a bhith air an dèanamh le eòlaiche-slàinte as urrainn dearbhadh cho iomachaidh 's a tha e GLP-1 a chleachdadh, a rèir nam feumalachdan meadaigeach.
“Tha sinn a' cumail sùil fad na h-ùine air sàbhailteachd an stuth againn agus ag obair gu dlùth le ùghdarrasan gus slàinte euslainteach a dhìon, an cuide ri fiosrachadh iomchaidh fhoillseachadh mu dhroch bhuaidhean a thig an cois na druga.”

Gitte Holm a' bruidhinn ri Anndra MacFhionghain airson Eòrpa
A dh’aindeoin is gun robh Gitte air fàs tinn le Wegovy, tha i toilichte aig a' cheann thall gun do ghabh i an druga, airson chaill i uimhir de chuideam.
“Dh’innsinn do dhaoine gum bu chòir dhaibh a dhol air. Ach an toiseach, bruidhinn ri do theaghlach, airson às an aonais chan fhaigh thu taic.
"Dèan e airson beatha nas fheàrr, ach bi faiceallach. Èist ri do bhodhaig, leig dhan dotair taic a chumail riut, agus èist ris na rabhaidhean nuair a nochdas iad.”

An t-Oll. Dùghlas Moireasdan
San Dàmhair 2023 chaidh Wegovy a cheadachadh ann an Alba do dhaoine aig a bheil BMI seachad air 30.
A rèir an Oll. Dùghlas Moireasdan bho Oilthigh Ghlaschu, tha rannsachadh mun druga fhathast aig ìre thràth:
“Aig an ìre seo tha na deuchainnean air a bhith a’ sgapadh a-mach às na pàipearan a bhios sinn a’ leughadh mar luchd-saidheans, agus ged a tha buaidh aig na drugaichean seo air rudan eile, tha e uabhasach tràth fhathast anns an rannsachadh airson a bhith a’ sùileachadh san ùine fhada ciamar a tha na drugaichean seo ag obair.
“Tha sinn a’ faicinn leis a h-uile leigheas a tha a’ tighinn gus cuideam a chall, às dèidh tighinn bhon leigheas, gu bheil cuideam a’ tilleadh.”
Ach tha an t-Oll. Moireasdan den bheachd gum biodh leigheas de a leithid feumail dha cuid a tha a' strì gus cuideam a chall.
“Tha rannsachadh a-nis a' nochdadh fianais nach eil eacarsaich a’ dol a dhèanamh mòran feum airson cuideam a chall.
“Feumaidh tu a bhith ag ithe tòrr nas lugha de bhiadh airson cuideam a chall, agus tha fios aig a h-uile duine a-nis ann an dùthchannan beartach gu bheil am biadh againn cho blasta, chan eil sin furasta.”
Bidh Eòrpa, "Beatha gun Acras" air BBC ALBA, Diardaoin 8mh Ghearran aig 8:30f, agus air an iPlayer.