Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn - "lagh feumail a nì feum"

- Air fhoillseachadh
Tha Pàrlamaid na h-Alba air gabhail ri laghan ùra fearainn fom faodadh oighreachdan mòra a bhith air am briseadh an-àirde, agus a bheir guth nas làidire do choimhearsnachdan air na thèid a dhèanamh le talamh prìobhaideach.
Bha tòrr de Bhile Ath-leasachaidh an Fhearain air a bhonntachadh air beachd gu bheil cus dhen talamh ann an Alba ann an làmhan ro bheag de dhaoine.
Tha am bile ag amas air cothroman a bharrachd a thoirt do choimhearsnachdan sealbh fhaighinn air fearann.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin, chuir Calum MacLeòid bho Choimisean an Fhearainn dìon air "lagh feumail a nì feum", ged a tha cuid de luchd-iomairt fearainn ag ràdh nach eil na laghan ùra a' dol fada gu leòr.
Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn aig an ìre mu dheireadh aig Holyrood
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2025
Deasbad Bhile Ath-leasachaidh an Fhearainn a' leantainn aig Holyrood
- Air fhoillseachadh29 An Dàmhair 2025
Chuir Buill-phàrlamaid Albannach an taic ri moladh nach fhaod uachdarain le oighreachd nas motha na 1,000 heactair a reic gun co-dhùnadh bho mhinistearan air am bu chòir an talamh a bhith air a bhriseadh na "earrannan" nas lugha.
Tha Mgr MacLeòid, a tha na choimiseanair aig Coimisean an Fhearainn, a tha a' comhairleachadh an riaghaltais a thaobh phoileasaidhean fearainn, a' cur fàilte air an sin.
Thuirt e: "Feumaidh ministearan fios a chur gu coimhearsnachdan ma tha iad ag iarraidh am fearann sin a cheannach, neo pàirt den fhearann sin a cheannach.
"Tha fios againn gu bheil reicean far na margaidh air a bhith a' tachairt, mar sin tha e a' toirt barrachd follaiseachd agus cunntalachd."
Beachd Fhearann Coimhearsnachd na h-Alba air Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn
Thuirt Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, a tha a' riochdachadh uachdarain choimhearsnachd, gun robh am bile na "cheum air adhart" do dh'ath-leasachadh fearainn.
Ach thuirt Oifigear-conaltraidh aig Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Norrie MacIllinnein cuideachd ge-tà gu feum ùghdarrasan a dhol nas fhaide na tha iad air aontachadh a dhol anns an àm ri teachd.
"Ma nì sinn strì, ma gheibh sinn atharrachaidhean a bharrachd, cuiridh sin ri neart nan coimhearsnachdan ann an Alba", thuirt Mgr MacIllinnein,
Tha riochdairean uachdaran agus chompanaidhean leis a bheil oighreachdan an Alba air rabhadh a thoirt seachad nach obraich am bile agus mu na cunnartan an cois riaghaltas a bhith a' gabhail gnothaich ri reic talmhainn.
An dèidh trì là de dheasbad, le faisg air 400 atharrachadh ann, Chaidh Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn troimhe le 85 bhòtaichean air a shon, 28 na aghaidh agus naoinear nach do bhòt.