Mì-chinnt mu cuin a dh'fhosglas Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais às dèidh teine

Chaidh pàirtean de Bhun-sgoil Bhaile a' Chaolais a dhroch mhilleadh san teine
- Air fhoillseachadh
Chan eil fhios cuin a dh'fhosglas Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais a-rithist an dèidh dhan togalach a dhol na theine air an 15mh den Dàmhair.
San eadar-ama, bidh sgoilearan a' dol gu Campas Sgoile Cheann Loch Lìobhann, mu ochd mìle air falbh, agus 's e Diciadain a' chiad là aca.
Tha 40 sgoilear a' tighinn dhan bhun-sgoil agus 10 eile dhan sgoil-àraich - a' dùblachadh àireamhan àbhaisteach na bun-sgoile cha mhòr.
A thuilleadh air an sin, tha an luchd-obrach air fad a' gluasad a Cheann Loch Lìobhann cuideachd.
Chaidh an sgoil a thaghadh ri linn 's gu bheil rùm innte agus a chionn gu bheil còmhdhail an sàs mu thràth a tha freagarrach dhan chloinn a bh' ann am Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais.

Chaidh Campas Sgoile Cheann Loch Lìobhann a thaghadh a chionn 's gu bheil rùm innte
Tha Ceannard Àrainn Cheann Loch Lìobhann, Lauren Mhoireasdan, an dòchas gum bi cothroman an lùib a' ghluasaid do sgoilearan an dà sgoil.
Thuirt i: "Bidh barrachd charaidean ann 's dòcha agus bidh cothroman ann airson a bhith ag ionnsachadh còmhla cuideachd.
"Tha mi a' smaoineachadh agus tha mi an dòchas gu bheil na sgoilearan againne a' coimhead air adhart ri caraidean ùra a bhith a-staigh."
"Tha sinn a' coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri na tidsearan cuideachd, airson diofar a dhèanamh dhan a h-uile sgoilear.

Chaidh Bun-sgoil Bhaile a' Chaolais na teine air 15mh den Dàmhair
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad ag obair gu dlùth còmhla ri com-pàirtichean às dèidh an teine agus nach eil e comasach aig an ìre seo ceann-là a chomharrachadh airson an sgoil fhosgladh às ùr.
Bidh co-dhùnaidhean sam bith a thèid a dhèanamh a thaobh an leithid stèidhichte air measaidhean structarail, comhairle shàbhailteachd agus na dh'fheumas a bhith air a dhèanamh de dh'obair-càraidh.
Thuirt iad gu bheil e na phrìomhachas dhaibh dèanamh cinnteach gu bheil clann Bhun-sgoil Bhaile a' Chaolais a' faighinn foghlam agus cùram fhad 's a tha an sgoil aca fhèin dùinte.