Diom leasaichte an sgìr' a' Bhac a' toirt chothroman eacarsaich do gach aois

Dithis fhireannach agus boireannach nan seasamh ann an giom le gàire air an aodainn. Tha goireasan eacarsaich air gach taobh dhiubh agus air an cùlaibh. Tùs an deilbh, NHS NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an diom fhosgladh le riochdaire bho NHS nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh

Tha Cluba Ball-coise agus Cur-seachad a' Bhac air fàilte a chur air leasachaidhean a chaidh a thoirt air diom coimhearsnachd na sgìre.

Chaidh £26,100 a thoirt dhan chluba bho Mhaoin Calpa Bòrd Slàinte nan Eilean Siar airson na goireasan a bh' ann roimhe ùrachadh.

Chaidh an t-airgead a chleachdadh airson goireasan ùra a cheannach an àite feadhainn nach robh freagarrach tuilleadh - a' fàgail gu bheil an uidheamachd san diom a-nis nas sàbhailte agus nas seasmhaiche.

Tha an diom saor a chleachdadh agus fosgailte a latha 's a dh'oidhche, bho Dhiluain gu Disathairne.

Mar phàirt dhen phròiseact, tha an cluba cuideachd air leasachadh a thoirt air tèarainteachd agus air goireasan airson sùil a chumail air mar a tha an uidheamachd ga cleachdadh.

Uidheamachd eacarsaich ann an giom.Tùs an deilbh, Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Chaidh an diom ùr, ann an Talla Chuil, fhosgladh gu h-oifigeil le Stiùiriche Ghoireasan Daonna agus Leasachadh Luchd-Obrach NHS nan Eilean Siar, Diane NicDhòmhnaill.

Thuirt i: "Tha sinn toilichte taic-airgid a chur ris an diom, a tha cudromach dhan choimhearsnachd. Tha fhios againn gu bheil mòran bhuannachdan an lùib a bhith ag eacarsaich gu cunbhalach - airson ar slàinte fisigeach agus ar slàinte inntinn.

"Cuidichidh na goireasan seo daoine ann a bhith a' dèanamh an leithid."

Thuirt Cathraiche Cluba Ball-coise agus Cur-seachad a' Bhac, Donnchadh MacGilleEathain, gun dèan an diom ùr diofar mòr sa choimhearsnachd.

"Bheir na goireasan ùra barrachd chothroman do dhaoine de gach aois agus aig a bheil diofar choimeasan - a bhith ag eacarsaich, a' toirt piseach air an cuid slàinte agus gheibh iad na buannachdan a tha a' tighinn an cois eacarsaich cunbhalaich.

"Tha sinn an dòchas gun tèid na goireasan a chleachdadh, an dà chuid le muinntir na sgìre agus le daoine sna coimhearsnachdan mu thimcheall."

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte