Milleadh uisge aig Ospadal an Àth Leathainn an dèidh stoirmean

Thuirt an t-ospadal gum bi na h-uimhir de dh'atharrachaidhean air seirbheisean fhad 's a thathas a' càradh a' mhillidh
- Air fhoillseachadh
Chaidh milleadh uisge a dhèanamh air Ospadal an Àth Leathainn an dèidh nan stoirmean a bh' ann air an deireadh-sheachdain.
Dh'innis an t-ospadal gu bheil planaichean èiginneach an sàs airson seirbheisean a chumail a' dol fhad 's a tha càradh ga dhèanamh.
Tha pàirtean den ospadal air an dùnadh dheth ge-tà, leis na seirbheisean a bha gan toirt seachad an sin gan gluasad gu sgìrean eile den togalach san eadar-ama.
'S e sàbhailteachd euslainteach prìomhachas an ospadail fhad 's a tha seo a' tachairt, thuirt iad.
Ma tha seo a' toirt buaidh air coinneamhan a th' aig euslaintich sna làithean air thoiseach, cuiridh luchd-obrach an ospadail fios orra. Bu chòir do dhaoine nach d' fhuair fios mu atharrachadh nochdadh mar a bha dùil.
Chaidh an t-ospadal fhosgladh gu h-oifigeil ann an 2022, 's e a' gabhail àite seann Ospadal Cuimhneachaidh an Dr MacFhionghain.
Stoirm Boelo an dèidh Stoirm Austen gu bhith a' toirt buaidh air Alba air fad
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
Sgoiltean nan Eilean Siar dùinte Dimàirt is dùil ris an tuilleadh droch shìde
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Bhuail Stoirm Boelo an là an dèidh stoirm eile - Stoirm Austen - air an deireadh-sheachdain, agus là eile de gheiltean Diluain.
Chaill na mìltean dhachannan cumhachd an dealain, le còrr air 600 fhathast às aonais Diciadain.
Thug Stoirm Boelo cuideachd buaidh air siostam an uisge san Eilean Sgitheanach, le adhar ga ghlacadh sna pìoban an dèidh do dh'ionadan pumpaidh cumhachd an dealain a chall.
Dh'adhbharaich sin nach robh brùthadh sna pìoban ann an sgìrean timcheall Phort Rìgh, sgoiltean a' bhaile dùinte le cion an uisge.
Chaidh an trioblaid a-niste a chur ceart.