Café Grinneabhat gus dùnadh: "Co-dhùnadh fìor dhuilich a bh' ann"

- Air fhoillseachadh
Dhearbh Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil ann an Leòdhas gu bheil Café Ghrinneabhat a' dùnadh.
Bha an cafe ann an seann bhun-sgoil na sgìre a chaidh a leasachadh gu bhith na ghoireas coimhearsnachd leis an urras.
Thuirt Catriona Chaimbeul bhon Urras gur e "co-dhùnadh fìor dhuilich a' bh' ann" dhaibh ach gun robh an café air a bhith a' call airgid 'son ùine agus nas lugha dhaoine a' cleachdadh an àite.
Thuirt i nach robh dol às aca leis mar a tha "cosgaisean a h-uile càil timcheall air a bhith a' ruith café air a dhol suas gu mòr - ceannach bìdh, cosgais cumhachd agus cosgaisean a bhith a' glèidheadh luchd-obrach".
"Aig an aon àm tha cosgaisean air a dhol suas air muinntir coimhearsnachd a bhith ga fhrithealadh," thuirt i.
Thuirt a' bhuidheann gum biodh an togalach agus an ostail fhathast fosgailte agus "tachartasan agus gnothaichean gu bhith a' dol ann mar a bha".
Thug iad taing dha luchd-obrach an àite is iad ag ràdh gun do rinn iadsan an cafè "sònraichte", agus dhan fheadhainn a bha a' frithealadh air.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2019

- Air fhoillseachadh10 An Giblean 2019
