Maoin ùr 'son pròiseactan coimhearsnachd is dualchais sna h-Eileanan Siar

Tursachan Chalanais. Tha là brèagha ann agus tha an adhar gorm is pinc.Tùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Gheibh buidhnean coimhearsnachd air feadh nan Eilean Siar buannachd à sgeama taic-airgid ùr a chaidh a chruthachadh airson daoine a chuideachadh ann a bhith a' rannsachadh, a' coimhead às dèidh agus a' sgaoileadh eachdraidh agus cultar nan eilean.

Tha cuireadh ga thoirt do bhuidhnean tairgsean a dhèanamh airson Maoin Dualchais Chalanais - airson taic fhaighinn le pròiseactan a tha a' comharrachadh cultar agus dualchas choimhearsnachdan.

Chaidh a' mhaoin a chruthachadh le Urras nan Tursachan agus thathas ag amas air piseach a thoirt air beatha choimhearsnachdan tro phròiseactan dualchais.

Bheir iad taic do rudan a tha a' dèanamh ceangail eadar daoine agus an dualchas a tha timcheall orra.

Mar eiseimpleir, dh'fhaodar taic a thoirt do bhith a' leasachadh sgilean ionadail, slàinte is maitheas, a bhith a' clàradh eachdraidh ionadail agus nithean a tha a' toirt diofar ghinealaichean ri chèile.

Thuirt Manaidsear Dualchais Urras nan Tursachan, Kathryn Lamont Nic a' Ghobhainn: "Tha Calanais air a bhith aig cridhe cultar agus dualchas nan Eilean Siar airson còrr is 5,000 bliadhna.

"Tro Mhaoin Dualchais Chalanais, tha cothrom againn a-nis taic a chumail ri pròiseactan coimhearsnachd air feadh nan eilean: a' cuideachadh dhaoine ann a bhith a' coimhead às dèidh àitichean eachdraidheil; a bhith ag innse sgeulachdan ionadail agus a' cumail chleachdaidhean traidiseanta beò do ghinealaichean san àm ri teachd."

Dùinidh a' chiad chuairt de dh'iarrtasan am meadhan na Dùbhlachd.

Thèid na pròiseactan a shoirbhicheas ainmeachadh sa Ghearran 2027 agus thèid an lìbhrigeadh eadar sin agus an Iuchar.

Thèid seiseanan fiosrachaidh a chumail an dàrna seachdain den t-Samhain, gus taic a thoirt do dhaoine le an cuid iarrtasan.