Celebrity Traitors - cò thig am bàrr?

Tha ochdnar nan seasamh timcheall air teine. Tha glainneachan aca nan làimh. 'S e an oidhche a th' ann agus tha caisteal air an cùlaibh.Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seachdnar fharpaiseach air fhàgail - cò thig am bàrr?

  • Air fhoillseachadh
  • Rabhadh: Tha fiosrachadh an cois a' phìos seo mu phrògram nan Celebrity Traitors oidhche Dhiardaoin

Tha daoine de gach aois, anns gach ceàrnaidh den dùthaich, uair eile air am beò-ghlacadh leis na Traoidhtearan.

Thig an dàrna sreath de Celebrity Traitors gu ceann a-nochd - ach cò thig am bàrr?

Tha seachdnar air fhàgail.

'S e dìlsich a th' ann an Michael Sheen, Romesh Ranganathan, Sebastian Croft, James Blunt agus Leigh-Anne Pinnock.

Agus an dithis eile? Tha iadsan - Maya Jama agus King Kenny - cho brathach 's a ghabhas.

Ceathrar nan seasamh timcheall air crogan. Tha ceann am broinn a' chrogain agus coltas air gu bheil e a' sgreuchail.Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Feumaidh na farpaisich geamaichean a chluich gach là airson airgead a chruinneachadh

Sa phrògram, tha dùbhlain aca mar sgioba tron là airson airgead a chruinneachadh; tha duais luach suas ri £120,000 ri bhuannachadh.

Thèid i gu dìlseach neo dìlsich ma gheibh iad a-mach cò nam measg a tha a' feuchainn ris a' char a thoirt asta.

Ma tha traoidhtear neo traoidhtearan fhathast ann aig deireadh a' gheama 's iadsan a gheibh an t-airgead.

Ann an sreath nan rionnagan, 's ann do charthannas a thèid an t-airgead sin a thoirt.

Chrìochnaich prògram oidhche Dhiardaoin le na dìlsich a' glacadh an treas traoidhtear, ach ann an dòigh gu tur neo-àbhaisteach.

Aig a' bhòrd ainmeil, far am bi na farpaisich a' deasbad cò bu chòir a chur a-mach an oidhche sin, thòisichear a' ceasnachadh James Acaster.

Cha do sheas e fada ris agus dh'aidich e gun deach a thaghadh mar thraoidhtear, rud nach robh e idir ag iarraidh.

Leis an sin, 's e co-dhùnadh furasta a bh' ann dhan chòrr agus chaidh James A a chur dhachaigh.

Duine na shuidhe aig bòrd agus lèine dhearg air. Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'aidich James Acaster gur e traoidhtear a bh' ann agus chaidh a chur dhachaigh

Tha Krisell NicDhòmhnaill am measg nam milleanan a tha uabhasach measail air a' phrògram.

"An rud mu Celebrity Traitors, tha a h-uile rionnag airson a bhith mar phàirt dheth," thuirt i.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil sinn eòlach air barrachd dhiubh na bhiodh ann am prògraman eile anns a bheil rionnagan.

"Tha sinn ag aithneachadh an t-uabhas dhiubh."

Tha i cuideachd den bheachd gu bheil cruth a' phrògraim freagarrach san ùine fhada.

Thuirt i: "Bidh iad a' dèanamh rudan eadar-dhealaichte.

"Cha bhi iad ag atharrachadh cus, dìreach rudan beaga sa h-uile sreath agus tha sin ag obair airson ùidh dhaoine a chumail."

Caisteal mòr spaideil. Tha e dorcha agus tha an togalach air a lasadh le solais bhon taobh a-muigh.Tùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' mhòr-chuid dhen gheama air a chluich ann an Caisteal Àird Rois air a' Ghàidhealtachd

Tha Celebrity Traitors agus Na Traoidhtearan air an clàradh air a' Ghàidhealtachd, leis a' mhòr-chuid dhen gheama air a chluich ann an Caisteal Àird Rois, faisg air Alanais.

Bho thòisich am prògram ann an 2022, tha e air seallaidhean agus togalaichean na sgìre a thoirt gu aire sluagh na Rìoghachd Aonaichte.

Nam measg, tha Creag Phàdraig air iomall Inbhir Nis agus Loidse Culzie air bruaichean Loch Glasaidh.

Aig toiseach na bliadhna, bhuannaich Stephen Libby à Leòdhas an t-sreath do dhaoine àbhaisteach agus esan air a bhith na thraoidhtear bho thoiseach.

Bidh Celebrity Traitors ri fhaicinn aig 8:00f a-nochd air BBC a h-Aon agus air iPlayer a' BhBC.