Cead do bhìobhairean timcheall Loch Nis

- Air fhoillseachadh
Chaidh cead a thoirt seachad airson bìobhairean a leigeil mu sgaoil ann an aibhnichean timcheall air Loch Nis, 500 bliadhna bho chaidh an clàradh san sgìre mu dheireadh.
Leigidh a' bhuidheann charthannais Trees for Life suas ri 15 teaghlaichean de bhìobhairean mu sgaoil san sgìre thairis air an ath thrì bliadhna, agus dùil gun tòisich sin an ath-mhìos.
'S ann timcheall air Loch Nis a bha bìobhairean air an clàradh an Alba mu dheireadh ann an 1526 - bho chionn 500 bliadhna.
Bha sin anns an leabhar Laideinn Scotorum historiae a prima gentis origine (Eachdraidh agus Croinicean na h-Albann) a chaidh eadar-theangachadh gu Albais le John Bellenden, far an tuirt e:
"Beside Lochnes… ar mony wild hors; and, amang thame, ar mony martrikis, bevers, quhitredis, and toddis." (Ri taobh Loch Nis... tha mòran each fiadhaich; agus nam measg tha mòran thaghan, bhìobhairean, niosan agus shionnach).

Bidh bìobhairean ag ithe in-rùisg chraobhan a tha faisg air aibhnichean, gan leagail 'son 's gun ruig iad air an rùsg, leis na craobhan a' fàs às ùr an dèidh sin
Chaidh bìobhairean, a tha dùthchasach do dh'Alba, a shealg à bith bhon uair sin, ach chaidh feadhainn a leigeil mu sgaoil ann an Cnapadal an Earra-Ghàidheal ann an 2009.
Bhon uair sin tha iad a bhith air an toirt gu sgìrean eile, nam measg Gleann Afraig agus Abhainn Tatha.
Bidh bìobhairean a' togail dhamaichean agus a' cruthachadh chanàlaichean, a' ceangal diofar aibhnichean agus fèithean, rud a bheir piseach air fallaineachd eiceo-shiostaman fìor uisge agus a' cur taic ri farsainneachd de dh'fhiadh-bheatha.
Faodaidh e cuideachd cuideachadh ann a bhith a' glèidheadh uisge mu choinneimh thart, agus a bhith a' cur bacadh air teintean fiadhaich, a thuilleadh air smachd a chumail air tuiltean.
Bidh bìobhairean ag ithe in-rùisg craobhan, agus leagaidh iad craobhan ach an ruig iad air an rùsg.

Tha dùil gum bi luchd-turais a' tighinn a choimhead 'son nam bìobhairean - a thuilleadh air Niseag
Chaidh siostam aibhnichean Loch Nis aithneachadh le NàdarAlba mar làrach a bhiodh freagarrach airson bìobhairean a leigeil mu sgaoil ann an 2022.
Tha lìonra de dheagh àrainnean san sgìre, leis na ceudan mhìltean de dh'aibhnichean agus bruaichean locha, coilltean farsainn, agus bhathas a' meas nach robh cunnart mòr ann gun toireadh na beathaichean buaidh air cleachdadh fearainn.
Rinneadh conaltradh poblach mun mholadh, agus nochd am poball taic mhòr dha.
"'S iad caraidean cudromach a th' ann am bìobhairean a thaobh dèiligeadh ris na dùbhlain cheangailte an lùib èiginnean na gnàth-shìde agus na bith-iomadachd a tha mu ar coinneimh uile, 's mar sin tha an cead soirbheachail seo a' toirt dòchais dha-rìribh dhuinn mun àm ri teachd," thuirt Ailean MacDhòmhnaill, a tha na cheannard air ath-shlànachadh nàdair aig Trees for Life.
"Ar taing dhan a h-uile duine san sgìre a th' air pàirt a ghabhail anns na còmhraidhean.
"Tha ùidh mhòr dha-rìribh air nochdadh am measg choimhearsnachdan agus ghnothachasan ionadail, 's tha an conaltradh againn air a bhith gu math aimsichte gu h-ionadail, leis an sgioba air coinneachadh ri daoine air an talamh a dh'èisteachd aghaidh ri aghaidh ri an cuid bheachdan."

Tha na ceudan mhìltean de dh'aibhnichean agus bruaichean locha anns an sgìre, a tha gam meas air leth freagarrrach do bhìobhairean
Thèid innse gu dìreach cò na h-àitichean far an deach na bìobhairean a shaoradh aon uair 's gu bheil iad stèidhichte.
Tha dùil gun tig na h-uimhir de bhuannachd eaconomaich às na bìobhairean a bhith san sgìre, le luchd-turais ag iarraidh na beathaichean fhaicinn.
Thuirt Trees for Life gum bi iad a' cumail sùil gheur air mar a thèid dhan phròiseact, le planaichean an àite airson dèiligeadh ri duilgheadasan sam bith a dh'fhaodadh èirigh, agus bheirear taic do thuathanaich agus uachdarain eile.
Fhuair am pròiseact maoineachadh bho na buidhnean Trees for Life, Iomairt nan Gnèithean a Dhìth, Bunait Fred, Bunait Sìthe na Coille agus Ath-Fhiadhachadh Bhreatainn.