ICT is County troimhe an Cupa Dùbhlain na h-Alba

Cluicheadair ball-coise ann an lèine ghorm is dhearg is e a' leum san adhair le toileachas. Air a chùl tha trìuir luchd-taic nan suidhe is coltas mosach orra.Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

'S e Alfie Stiùbhart a fhuair an tadhal a chuir Caley Thistle troimhe

  • Air fhoillseachadh

Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis is Ross County air adhart dhan 16 mu dheireadh ann an Cupa Dùbhlain na h-Alba is iad le chèile air buannachadh oidhche Mhàirt.

'S e 1-0 a bh' ann do ICT aig an taigh an aghaidh Mhon Rois is an tadhal a' tighinn bho Alfie Stiùbhart le aona mhionaid deug air fhàgail.

Thuirt leas-mhanaidsear Inbhir Nis, Billy MacAoidh, gun robh còir aca a bhith air tadhal fhaighinn gu math nas tràithe.

"Bha e follaiseach gun robh smachd againn air a' gheama, còrr is 20 oidhirp, is 's e am briseadh-dùil a bh' ann nach do ghabh sinn na cothroman. Dh'fhaodadh gun robh geama sin seachad sa chiad leth," thuirt MacAoidh.

"Feumaidh sinn a bhith nas fheàrr a thaobh chothroman a ghabhail, ach ann am farpais cupa 's e an rud as motha a dhol troimhe dhan ath-chuairt is 's e sin a rinn sinn."

Bha cùisean cofhurtail gu leòr do Chounty is iadsan air a' chùis a dhèanamh 2-0 air Celtic B ann an Inbhir Pheofharain.

Chuir Kieran Phillips na Staggies air thoiseach às dèidh dusan mionaid is chuir an dearbh chluicheadair an dàrna tadhal tràth san dàrna leth.

"Geama farpaiseach a bh' ann is bha sinn a' faireachdainn aig leth-ùine nach robh sinn a' cumail a' bhuill mar a bha còir againn," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.

"Shaoil mi gun robh sinn na b' fheàrr san dàrna leth is chruthaich sinn tòrr chothroman. Mura b' e am fear-glèidhidh òg aig Celtic B bhiodh sinn air barrachd thadhal fhaighinn.

"Bha e math cuideachd cothrom is mionaidean a thoirt do chuid san sguad againn nach eil air a bhith a' cluich ro thric".

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte