Cuid am Beàrnaraigh còrr air mìos gun fòn neo bann-leathann

Tha cuid ann am Beàrnaraigh air a bhith às aonais bann-leathann no seirbheis-fòn bhon 1d den Dàmhair
- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Choimhearsnachd Bheàrnaraigh na Hearadh air dragh a thogail le buill-phàrlamaid na sgìre agus Comhairle nan Eilean Siar - agus dachaighean ann an ceann a deas an eilein air a bhith às aonais bann-leathann agus seirbheis-fòn airson còrr is còig seachdainean.
Bha luchd-einnsinnearaidh ag obair ann am Beàrnaraigh is Uibhist a Tuath an t-seachdain a chaidh agus fhuair cuid an t-seirbheis air ais tron là Dihaoine an 30mh den Dàmhair.
Ach chaidh sin an uairsin dheth a-rithist mus tàinig madainn Disathairne.
'S e BT Openreach a tha a' lìbhrigeadh na seirbheis agus tha iad ag ràdh gun do rinn iad a-mach dè tha ceàrr agus gu bheil iad a' feuchainn ri chàradh.
Tha na trioblaidean air a bhith a' leantainn bhon chiad là den Dàmhair, le cuid a dhachaighean mothachail de dhuilgheadasan bho mheadhan na Sultaine.
Tha seo a' tighinn agus fònaichean-taighe a' dol gu seirbheis dhidseatach, a' ciallachadh nach obraich iad sin a bharrachd às aonais ceangal ris an eadar-lìon.
A thuilleadh air an sin, chan eil siognal fòn-làimhe ach truagh ann an ceàrnaidhean den eilean.
"Thèid an càball a chàradh ach dè cho fada gus am brist e a-rithist?"
- Air fhoillseachadh10 An t-Samhain 2025
Rabhadh mun bhann-leathann
- Air fhoillseachadh14 An t-Sultain 2012
Maill air leasachadh anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh9 An t-Samhain 2015
Tha an suidheachadh air buaidh a thoirt air a' choimhearsnachd.
Tha iomadach duine a' cleachdadh siostam Faire airson cuideachadh iarraidh ma thachras càil dhaibh ach chan obraich sin ceart às aonais bann-leathann.
Thàinig air aon bhoireannach air an tàinig greim-cridhe tron oidhche coiseachd gu taigh a nàbaidh airson cuideachadh iarraidh.
Tha Dòmhnall MacGilleEathain na iar-chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd Bhearnaraigh.
"Tha a h-uile duine againn a' cleachdadh an eadar-lìon ge boil leinn an-diugh," thuirt e.
"Tha tòrr seann daoine a' fuireach an seo agus gu leòr dhiubh a' fuireach leotha fhèin, feadhainn aca le trioblaidean slàinte agus tha e air daoine eile a dhèanamh uabhasach gealtach, ma thachras càil dhaibhsan tron oidhche."
Tha Mgr MacGilleEathain ag ràdh gu bheil daoine a' toirt taic do chàch a chèile ach nach eil e comasach do chuid taic iarraidh ma tha iad ann an èiginn.
Thuirt e cuideachd gu bheil daoine a' faighinn fiosrachadh eadar-dhealaichte bho BT Openreach a thaobh clàra-ama airson an t-seirbheis a thilleadh thuca.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, gu bheil e air a bhith a' conaltradh ri BT Openreach.
A rèir Mhgr Crichton, thuirt a' chompanaidh ris gun robh aca ri uidheamachd ùr fhaighinn airson an crann-sgaoilidh rèidio.
Tha sin a-nis aca agus tha iad a' sireadh luchd-einnsinnearaidh, a thuilleadh air luchd-obrach Openreach, as urrainn a dhol a Bheàrnaraigh còmhla gus a h-uile càil a chàradh aig an aon àm.
Thuirt Mgr Crichton gu bheil e uair is uair air clàr-ama soilleir iarraidh bhuapa agus gun cùm e fios ris a' choimhearsnachd.
Tha BBC Naidheachdan air fios a chur gu BT Openreach.