Bìobhairean air ais an sgìre Loch Nis 500 bliadhna on bha iad ann mu dheireadh

Chaidh sia bìobhairean a leigeil mu sgaoil ann an sgìre Loch Nis
- Air fhoillseachadh
Tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gur e "clach-mhìle mhòr'' a th' ann agus bìobhairean air ais ann an sgìre Loch Nis airson a' chiad turas bhon 16mh Linn.
Chaidh teaghlach de shia beathaichean a leigeil mu sgaoil air Oighreachd Dhul Dreagain ann an Gleann Moireasdan, a tha fo shealbh Trees for Life.
Fhuair an carthannas cead an t-seachdain a chaidh na beathaichean a shaoradh, agus tha iad an dùil 15 teaghlaichean uile gu lèir a leigeil mu sgaoil thairis air an trì bliadhna.
Thèid innse gu dìreach cò na h-àitichean far an deach na bìobhairean a shaoradh aon uair 's gu bheil iad stèidhichte.
Tha dùil gun tig na h-uimhir de bhuannachd eaconomaich às na bìobhairean a bhith san sgìre, le luchd-turais ag iarraidh na beathaichean fhaicinn.
Chaidh bìobhairean a thilleadh a dh'Alba ann an 2009 an dèidh do shealgairean an cur à bith.
- Tùs an deilbh, TREES FOR LIFE

Fo-thiotal an deilbh, Chaidh na bìobhairean a thoirt à àitichean far an robh iad a' toirt droch bhuaidh air talamh àiteachais
1 de 3
'S ann timcheall air Loch Nis a bha bìobhairean air an clàradh an Alba mu dheireadh ann an 1526.
Tha Àrd-oifigear Trees for Life, Steve Micklewright, ag ràdh gu bheil e air a dhòigh glan na bìobhairean fhaicinn air ais an dèidh ùine cho fada.
Thuirt e: "Tha e nas fheàrr buileach nach tug e fada gus an robh na bìobhairean socair nan dachaigh ùr.
"Tha iad air a' bhith a' grumadh chàch a chèile, a tha na chomharra gu bheil iad cofhurtail.
"Bha dùil againn gur e àrainn mhath a bhiodh ann an seo dhaibh agus gun còrdadh e riutha, agus tha cho dòigheil 's a tha iad fiù 's le muinntir nam meadhanan an seo a' ciallachadh gun soirbhich leotha an seo."
Thuirt Trees for Life gum bi iad a' cumail sùil gheur air mar a thèid dhan phròiseact, taobh a-muigh, le planaichean ann an àite airson dèiligeadh ri duilgheadasan sam bith a dh'fhaodadh èirigh, agus bheirear taic do thuathanaich agus uachdarain eile.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair


