"Dùthchas" cuspair Seachdain na Gàidhlig 2027

- Air fhoillseachadh
Thèid Seachdain na Gàidhlig a chumail eadar an 22na agus an 28mh den Ghearran agus 's e "Dùthchas" cuspair na bliadhna.
Seo an siathamh turas a tha an t-seachdain, a tha a' comharrachadh na Gàidhlig air feadh an t-saoghail, air a bhith air a cumail.
A rèir ceannard Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop, 's e cuspair gu math fosgailte a thathas air a thaghadh.
"Tha iomadh dòigh ann gus sin a riochdachadh," thuirt i.
"'S e rud uabhasach pearsanta a th' ann agus tha mise a' faireachdainn gur e rud pearsanta a th' ann sa Ghàidhlig cuideachd.
"Bheir seo cothrom do dhaoine coimhead air a' Ghàidhlig agus air a' cheangal a th' aca cuideachd ris a' Ghàidhlig, ris a' choimhearsnachd aca fhèin, ris an dualchas, ris an àite san do rugadh iad.
"Agus cuideachd dè chuireas ri maith agus cothroman labhairt na Gàidhlig san sgìre againn fhèin agus rudeigin mar sin a chur an cèill."
"Cha robh Seachdain na Gàidhlig riamh nas cudromaiche no nas eadar-nàiseanta"
- Air fhoillseachadh6 An Gearran
Seachdain na Gàidhlig 2024 ga foillseachadh
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2024
Tha Maoin nan Tabhartasan Beaga, taobh a-muigh fosgailte a-nis agus taic-airgid ri fhaotainn airson tachartasan a chur air dòigh tron t-seachdain.
Tha taic fiach suas ri £500 ri fhaighinn agus feumaidh e a bhith follaiseach anns gach tagradh gu bheil ceangal làidir ann ri cuspair na bliadhna.
Tha Joy ag ràdh nach e suim mhòr a th' ann ach gu bheil e mòr gu leòr airson diofar a dhèanamh ann an coimhearsnachd.
Feumaidh na tachartasan a gheibh taic-airgid a bhith air an cumail tro Sheachdain na Gàidhlig ach faodaidh iad a bhith mar phàirt de phròiseactan a tha a' leantainn tron bhliadhna.
Feumaidh cuideachd tabhartas fiach co-dhiù 20% à àitichean eile a bhith an lùib gach iarrtais.
Dh'fhaodadh gur e taic-airgid a bhiodh an seo no taic air choireigin eile leithid ùine a tha daoine deònach a thoirt seachad gu saor-thoileach.
'S e Là na Sàbaid an 22na den t-Samhain an ceann-là airson iarrtasan a dhèanamh.