Algairim a' cur uallaich a bharrachd air Comhairle na Gàidhealtachd 'son luchd-siridh comraich fo aois 18

Cuideigin le an ceann còmhdaichte agus an làmhan mun aodann. Tha iad nan seasamh an tacsa balla cloicheTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil algairim Oifis na Dùthcha air àrdachadh mòr a thoirt air an àireamh chloinne a tha a' sireadh comraich 's iad leotha fhèin a tha fon cùram.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil iad air aithne fhaighinn gu nàiseanta airson an cuid obrach le daoine òga - le mòran dhiubh a' teicheadh bho chogadh no geur-leanmhainn.

Ach thuirt iad cuideachd nach eil an algairim a' toirt feart do chùisean ionadail san sgìre agus gum biodh àrdachadh sna h-àireamhan na dhùbhlan ri linn gainnead thaighean.

Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil dleastanas air comhairlean taic a thoirt do dhaoine òga a tha a' tighinn dhan dùthaich gun phàrant no neach-cùraim agus gun obraich iad còmhla riutha airson seo a dhèanamh.

Tha mòran dhaoine òga a tha a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte leotha fhèin 's iad a' sireadh comraich - a' teicheadh bho gheur-leanmhainn, cogadh no gort.

Airson a bhith fon bhrataich seo, feumaidh iad a bhith fo 18 bliadhna a dh'aois, gun taic a bhith aca bho inbheach.

Tha 380 duine cloinne dhen leithid air an coimhead às an dèidh ann an Alba, a rèir fhigearan Riaghaltas na h-Alba bhon 31mh den Iuchar 2025.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta an urra ri 72.

Thuirt a' chomhairle gun d' fhuair iad fios as t-samhradh bho bhuidheann nan ùghdarrasan ionadail, Cosla, mu atharrachaidhean air siostam Oifis na Dùthcha airson àireamhan chloinne a chur mu choinneamh chomhairlean.

Ann an aithisg, taobh a-muigh, thuirt oifigearan gu bheil seo air dùbhlain mhòra adhbharachadh agus e a' ciallachadh gu bheil còig uidhir aca 's a bh' aca roimhe.

Roimhe seo, bhiodh Comhairle na Gàidhealtachd a' gabhail aon duine cloinne fon cùram anns gach cuairt.

Tha seo a-nis air èirigh gu còignear.

Faodaidh cola-deug no grunn mhìosan a bhith eadar cuairtean, a rèir na tha de chloinn a tha a' tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte.

Geata mòr le "Gearastan nan Camshronach" sgrìobhte os a chionn.Tha an geata dùinte.
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh cur às do phlanaichean fir a tha a' sireadh comraich a chur a dh'fhuireach ann an Gearastan nan Camshronach an Inbhir Nis

Thuirt a' chomhairle nach eil algairim Oifis na Dùthcha freagarrach airson a bhith air a cleachdadh leatha fhein, gun tuigse air mar a tha suidheachaidhean gu h-ionadail.

Thuirt iad: "Mar eiseimpleir, chan e roghainn tharraingeach a th' anns a' Ghàidhealtachd dhaibhsan a tha a' toirt taic do luchd-siridh comraich, ri linn gainnead thaighean agus dìth luchd-obrach."

Dh'innis an t-ùghdarras ionadail roimhe gu bheil feum air 24,000 dachaigh a bharrachd sna 10 bliadhna a tha romhainn - gus dèiligeadh ri dìth thaighean a tha rim faighinn air prìs reusanta.

Thuirt oifigich cuideachd nach eil Oifis na Dùthcha air inbhich sam bith a tha a' sireadh comraich a chur dhan Ghàidhealtachd fhathast agus gu bheil seo a' ciallachadh gu bheil àrdachadh air a thighinn air an àireamh chloinne am-bliadhna.

San Ògmhios, chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às do phlanaichean gus 300 fireannach a bha a' sireadh comraich a chur a dh'fhuireach ann an Gearastan nan Camshronach an Inbhir Nis.

"Dleastanas"

Faodaidh òigridh a tha leotha fhèin 's a' sireadh comraich a bhith fo chùram ùghdarras ionadail gum bi iad 21 bliadhna a dh'aois.

Tha cuid airidh air taic gu bheil iad 26.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn maoineachaidh fiach £143 airson gach duine cloinne fo 18 gach là.

'S £270 an t-suim do chloinn a tha nas sine na 18.

Thuirt Oifis na Dùthcha gu bheil e na phrìomhachas dhaibh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil clann a tha so-leònta a' faighinn na taice agus a' chùraim a tha a dhìth orra agus gu bheil dleastanas air ùghdarrasan ionadail an cuideachadh.

Gheall iad obrachadh gu dlùth còmhla ri comhairlean gus na dleastasan a tha mun coinneamh a choileanadh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail air feadh na Rìoghachd Aonaichte gus a bhith cinnteach gu bheil an t-uallach air a roinn ann an dòigh a tha cothromach.