Thòisich an obair air Hub Leòdhais a bheir dealan às an eilean 'son a' chiad uair

Spaidean le casan dhaoine orra le Lewis Hub Groundbreaking 2026 sgrìobhte orra
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh cuirm a chumail airson toieach na h-obrach air làrach Hub Leòdhais a chomharrachadh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh cuirm a chumail air Mòinteach Àranais air iomall Steòrnabhaigh Diaordaoin, a' comharrachadh toiseach na h-obrach air a' bhun-structar a bheir dealan à Leòdhas gu tìr-mòr Bhreatainn airson a' chiad uair.

Tha Hub Leòdhais a' toirt a-steach stèisean HVDC agus fo-stèisean AC a tha mar phàirt de phlanaichean SSEN Transmission 'son càball-dealain ùr fon mhuir eadar tìr-mòr agus an t-eilean.

Bhiodh an càball sin comasach air suas ri 1.8 GW de dhealan bho thuathan-gaoithe mòra a tha san amharc san sgìre a cheangal ris a' ghriod nàiseanta.

Tha corr air 40 companaidh ionadail - eadar obair togail, taigheadas agus còmhdhail - mar thà a' faighinn buannachd às a' phròiseact, agus thuirt SSEN gu bheil iad am beachd £125m a chosg leotha fhad 's a mhaireas an obair.

Tha dùil cuideachd gum bi cothroman preantasachd agus trèanaidh ann do chòrr air 70 duine.

Tha SSEN cuideachd a' maoineachadh an ath-leasachaidh air seann Taigh-òsta a' Chaley ann an Steòrnabhagh agus sgeamaichean taigheadais do luchd-obrach a' phròiseict a bhios ri fhaotainn do mhuinntir an eilein nuair a bhios on obair deiseil.

Ochdnar fhireannach ann an aodach obrach dìonach buidhe le clogaidean orra, nan seasamh air mòinteach le digear air an cùlaibh.  Tha spaidean aig sianar dhiubh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha riochdairean bho chompanaidhean ionadail agus SSEN am measg na bh' aig an tachartas

Bha riochdairean bho na gnìomhachasan ionadail am measg na thàinig cruinn còmhla airson toiseach prìomh obair a' phròiseict a chomharrachadh.

'S e a' chompanaidh RJ McLeod a fhuair an cùmhnant airson an talamh a dhèanamh deiseil airson am bun-structar a bhios ann.

Thuirt Sandy Mac an t-Sagairt, Stiùiriche Far-chladaich aig SSEN: "Tha ceangal dìreach eadar na h-Eileanan an Iar agus an griod nàiseanta air a bhith na amas dhuinn airson nan deicheadan de bhliadhnaichean.

"Tha sin a-nis a' tachairt gus brath a ghabhail air na dh'fhaodadh a bhith aig na h-eileanan de chumhachd ath-nuadhachail, agus airson an lìonra dealain a neartachadh airson nan ginealaichean ri teachd."