Ceann a' Ghiùthsaich ag amas air an tiotal an Rèaraig

Ged nach bi a' phàirc ann an Rèaraig ann an staid buileach cho math ri seo Disathairne tha a h-uile dùil ann gun tèid an geama air adhart
- Air fhoillseachadh
Thèid Ceann a' Ghiùthsaich a Bhaile Mac Ara Disathairne is iad ag amas air dà phuing an aghaidh Cheann Loch Seile a bheireadh dhaibh tiotal na Prìomh Lìge 'son an t-siathamh turas ann an sreath.
Tha sgioba Raghnaill Rois a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh den t-seusan aca san dàrna àite, dà phuing air cùl nan seann nàimhdean aca Baile Ùr an t-Slèibh.
Tha am Baile Ùr air na geamaichean aca uile a chluich ge-tà, is leis gu bheil Ceann a' Ghiùthsaich nas fheàrr dheth a thaobh nan tadhal thèid iad os cionn a' Bhaile Ùir ma nì iad a' chùis.
Ged a tha Ceann a' Ghiùthsaich mar-tha air Cupa na Camanachd is Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh am-bliadhna, bidh a h-uile dùil aca ri geama teann an aghaidh Cheann Loch Seile.
'S iad na Seilich an aon sgioba a rinn a' chùis orra san lìog an-uiridh is thàinig iad cianail faisg air Kings a chur a-mach à Cupa na Camanachd nas tràithe air an t-seusan seo cuideachd, is iad 2-0 air thoiseach mus tàinig sgioba Bhàideanach air ais anns na mionaidean mu dheireadh.
Cupa MhicThàmhais le Ceann a' Ghiùthsaich
- Air fhoillseachadh13 An t-Ògmhios
Tha dùil gum bi Ceann a' Ghiùthsaich a-rithist às aonais cuid de chluicheadairean a tha air an goirteachadh, ach bidh iad gu mòr an dòchas gum bi Ruairidh MacAnndrais aig àrd a chomais is esan air bragh fhaighinn fhad 's a bha e a' cluich do dh'Alba an aghaidh na h-Èireann bho chionn cola-deug.
Bidh Ceann Loch Seile fhèin às aonais Dhòmhnaill Nixon às dèidh dha a bhith air a ghoirteachadh sa gheama eadar-nàiseanta.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt ceann-suidhe GMA Aonghas MacAonghais gu bheil esan an dùil gur e geama faisg a bhios ann.
"Aig an taigh, chan eil Ceann Loch Seile ach air trì puingean a chall aig an ìre seo - a dhà an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh agus bha iad co-ionnan ris a' Ghearasdan, le tadhal bhon Ghearasdan anns na fìor mhionaidean mu dheireadh.
"Bidh gu leòr de mhisneachd aig Ceann Loch Seile is bidh e gu math inntinneach cò bhios ann an sgioba Cheann a' Ghiùthsaich."
Tòisichidh an geama aig Rèaraig aig 2f is às dèidh aimsir gu math nas fheàrr an t-seachdain seo, tha a h-uile coltas ann gun tèid e air adhart.
Dùthaich Bhòidheach is Iomain Mhòr sa Phrìomh Lìog
- Air fhoillseachadh12 Am Màrt
Molaidhean radaigeach gus cruth-atharrachadh a thoirt air structar iomain nam fear
- Air fhoillseachadh30 An Dàmhair
Thèid gnothaichean a dhearbhadh aig bonn na lìge cuideachd Disathairne is Caol-Gleann a' cur fàilte air na Sgitheanaich ann an Clachan Ghleann Da-Ruail.
Tha sgioba Chomhghaill ann an cruaidh-chàs is iad an-dràsta san 9mh àite, dà phuing is ochd tadhail nas miosa dheth na Loch Abar, a tha air na geamaichean aca a chrìochnachadh.
Dh'fheumadh Caol-Gleann mar sin fìor phronnadh a thoirt air na Sgitheanaich 'son na h-Abraich a ghlacadh is fuireach sa Phrìomh Lìog, rud a tha gu math eu-coltach.
Tha teans gum bi aithreachas mòr orra mun tadhal a chaill iad anns na diogan mu dheireadh an aghaidh nan Abrach air ais san Lùnastal - tadhal a tha air diofar mòr a dhèanamh san t-strì eadar an dà sgioba.
Chan e gum bi na Sgitheanaich iad fhèin coma oir le mì-chinnt mhòr a-nise ann mun chruth a bhios air na lìogaichean an ath-bhliadhna, bhiodh e ciallach dhaibhsan feuchainn ri puingean gu leòr a thogail bho na geamaichean a tha air fhàgail aca gus crìochnachadh cho àrd 's as urrainn dhaibh.
Bha còir geama eile a bhith ann Disathairne ach tha Caol Bhòid is Camanachd an Òbain air aontachadh na puingan a roinn.
Chan eil sin a' toirt buaidh air an lìog is Camanachd an Òbain mar-tha cinnteach air crìochnachadh sa 4mh àite is Caol Bhòid leotha fhèin aig a' bhonn.